Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu dhroch rud a thachair dhomh nuair a bha mi a’ seòladh ann an gheat o chionn beagan seachdainean.
Bidh sibh toilichte a chluinntinn nach can mi an còrr mu chur na mara an t-seachdain seo!
Bu mhath leam, ge-tà, innse dhuibh mu rudeigin math a thachair dhomh air an dearbh thuras mara. Bha sinn ann an Canaigh airson na h-oidhche. ’S e
eilean brèagha a th’ ann agus bha e math dhomh a dhol air ais. Bha mi ann dìreach aon turas roimhe – anns na h-ochdadan. Fhuair mi a-mach gu bheil
Gàidhlig fhathast beò anns an eilean oir bha mi a’ bruidhinn ri fear de na h-eileanaich anns a’ chànan againn.
Thathar ag obair air stòras iongantach Fear Chanaigh anns an Taigh Mhòr – ga chur an òrdugh. ’S e cruinneachadh air leth a th’ ann, mòran dheth
co-cheangailte ri dualchas nan Gàidheal. Anns an ùine romhainn bidh mòran a’ tadhal air Canaigh airson rannsachadh a dhèanamh.
Sheòl sinn a-mach à Eilean Chanaigh mu mheadhan-latha oir bha sinn a’ dol a dhèanamh air eilean beag iongantach – Òigh-sgeir. Tha Òigh-sgeir na
laighe anns a’ chuan gu siar air Rùm, is beagan mhìltean an iar-dheas air Canaigh. Tha taigh-solais mòr oirre.
Nise, bu chòir dhomh dèanamh soilleir an-dràsta nach eil mi a’ bruidhinn mu Heisgeir gu siar air Uibhist. Tha an dà ainm uabhasach coltach ri
chèile. Tha cuid a’ cumail a-mach gu bheil Òigh-sgeir, faisg air Canaigh, a’ ciallachadh “virgin rock”, ach tha mi a’ smaoineachadh nach e ainm
Gàidhlig a bh’ ann bho thùs ach ainm Lochlannach.
Bha rud sònraichte fa-near dhuinn a-muigh aig Òigh-sgeir. Bha sinn an dòchas dà ghnè de bheathach fhaicinn – mucan-mara agus cearbain. Uill, cha b’
e sin an latha airson mucan-mara. An latha roimhe, chunnaic sinn tè mhiongaidh faisg air Canaigh. Ach eadar Canaigh is Òigh-sgeir cha robh sgeul
air muc-mhara sam bith.
Ach bha sinn fortanach a thaobh cearbain. Nuair a dhlùthaich sinn ri taobh an ear an eilein chunnaic sinn dà ite a’ briseadh uachdar na mara. Dà
ite mhòir dhuibh! Dà chearban! Airson greis mhath, choimhead sinn orra.
Bha iad a’ snàmh timcheall lem beòil fosgailte, a’ criathradh biastagan beaga na mara. Abair gun robh iad mòr.
Chaidh m’ inntinn air ais don leabhar iongantach a sgrìobh Gavin Maxwell mu ghnìomhachas a thòisich e ann an Sòdhaigh às dèidh a’ Chogaidh –
“Harpoon at a Venture”.
Bha iad a’ glacadh nan cearban le mòr-ghathan no harpoons.
Bha e furasta gu leòr an cur anns na h-èisg oir cha bhi iad a’ snàmh air falbh.
Ach cha robh e cho furasta
an uair sin na h-èisg a chur fo smachd is an toirt gu tìr. Tha iad mòr is làidir. Gu pearsanta, tha mi toilichte nach eilear a’ sealg nan cearban
tuilleadh. Tha iad airidh air dìon.
Chaidh sinn a-null don chaolas eadar Òigh-sgeir, far a bheil an taigh-solais, agus an Garbh-sgeir ri a taobh. Tha an dà eilean iongantach oir tha iad
air an dèanamh de cholbhan de bhasalt, ach mòran nas caoile nan fheadhainn ann an Stafa. Chaidh dithis de chriutha a’ gheat air bhog sa chaolas ann am
bàta beag rubair. Cha b’ fhada gus an robh iad am measg còmhlan eile de chearbain, agus gach iasg nas motha nam bàta.
An do ghabh iad eagal? Ghabh! Tha e math gu bheil na cearbain cho socair, sèimh!