FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Muileann-cotain ann an Stanley

Cha b’ ann le deòin no fathann taitneis Chuir sinn

Audio is playing in pop-over.

Muileann-cotain ann an Stanley

Cha b’ ann le deòin no fathann taitneis

Chuir sinn cùl ri fearann ’s acfhuinn,

Treud chrodh-laoigh is chaora thapaidh,

Corca ’s eòrna crom nam pailteas,

Siud a thug ar cuimhne leinn.

Chan eil fhios a’m a bheil sibh ag aithneachadh na bàrdachd sin no cò air a tha am bàrd a-mach. ’S e am bàrd Aonghas Dubh MacNeacail agus tha e a-mach air daoine a thrèig an cuid fearainn airson beatha ùr co-cheangailte ri tionnsgalachd an ochdamh linn deug. Seo pìos eile bhon dàn:

Aig deireadh latha na mo shuaimhneas,

Fuaim an uisge ruith trom smuaintean

’S a’ pasgadh fearsaid làn a chadail,

Snàth mo shaothair grinn na thlachd dhomh,

Neart na spèis a thug sinn leinn.

’S dòcha gun do dh’obraich sibh a-mach gun robh na daoine anns an dàn ag obair ann am muileann-cotain. Bha am muileann ann an Stanley ann an Siorrachd Pheairt agus, ma tha sibh airson an còrr dhen dàn aig Aonghas Dubh a leughadh, feumaidh sibh a dhol ann. Tha a’ bhuidheann Alba Eachdraidheil air ionad turasachd fhosgladh ann. Agus dh’iarr iad air Aonghas pìos de bhàrdachd Ghàidhlig a sgrìobhadh airson an taisbeanaidh. Tha bàrdachd ann cuideachd ann am Beurla is Albais.

Tha Stanley air bruach Abhainn Tatha, beagan mhìltean shuas an abhainn bho bhaile mòr Pheairt. Tha ainm a’ tighinn bho theaghlach Iarla Derby, oir rinn iadsan ceangal tro phòsadh le teaghlach Diùc Athall anns an t-seachdamh linn deug. B’ e Diùc Athall uachdaran na sgìre. Cha robh mòran ann an Stanley airson ceud bliadhna. Ach ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a sia (1786) chaidh baile ùr a stèidheachadh ann, le muilnean-cotain mòra na chois. Bha na muilnean stèidhichte air an inneal a rinn Ridseard Arkwright, an t-innleachdair Sasannach.

Dh’fhàs muilnean Stanley gu math mòr. ’S ann dìreach ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a naoi (1989) a sguir iad. Agus aig an toiseach bha an t-uabhas de Ghàidheil ag obair ann – daoine às na glinn ann an Siorrachd Pheairt fhèin. Chualas Gàidhlig gu leòr am measg bragadaich na h-uidheamachd.

Sin Stanley ann an nuadh-eachdraidh na h-Alba. Ach tha an t-àite ainmeil, co-dhiù a rèir beul-aithris, ann an seann eachdraidh na h-Alba. Tha e co-cheangailte ris a’ chluaran no fòghnan. Agus mar a tha an lus sin na shuaicheantas nàiseanta do dh’Alba.

Faisg air Stanley tha eileach, no cairidh, anns an abhainn. Aig aon àm bha e a’ dol tarsainn na h-aibhne bho bhruach gu bruach. Chaidh a bhriseadh sa mheadhan san naoidheamh linn deug airson leigeil le bradain faighinn suas an abhainn. Faisg air an eileach bha arm na h-Alba a’ campachadh. Bha arm Lochlannach anns an nàbaidheachd, ach air taobh eile na h-aibhne.

Air an oidhche chaidh na Lochlannaich tarsainn na h-aibhne air an eileach. Bha iad airson ionnsaigh a thoirt air na h-Albannaich gun fhiosta dhaibh. Mar sin, bha iad casruisgte. Ach nuair a ràinig iad am bruach thall, sheas fear de na Lochlannaich air cluaran. Dh’èigh e le pian. Dhùisg na h-Albannaich agus rinn iad a’ chùis air na Lochlannaich.

Agus ’s e sin as coireach gur e an cluaran lus nàiseanta na h-Alba. Ann an Albais, ’s e Thistle Brig a chanar ris an eileach. Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach dè chanadh na Gàidheil ris, an dà chuid anns an t-seann aimsir nuair a b’ i a’ Ghàidhlig cànan na sgìre, agus anns an ochdamh is naoidheamh linn deug nuair a bha na h-uibhir aig an robh Gàidhlig ag obair anns na muilnean ann an Stanley.

Litir 478 Litir 478 Litir 480 Litir 480

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!