Nuair a tha mi ann an Nirribhidh gach bliadhna, a’ sgitheadh, bidh mi gu tric a’ dol seachad air àiteachan le ainmean a tha a’ cur nam chuimhne
ainmean-àite ann an Alba. Am-bliadhna chaidh mi gu Grønebakken. Tha fhios gu bheil sin a’ ciallachadh “bruthach ghorm” no “bruthach ghlas”
– oir chì sinn bakken ann an àiteachan mar “Am Bac” ann an Leòdhas. Agus faisg air Calanais ann an Leòdhas tha Beinn Ghrèineabhal. Thàinig
Grèineabhal bhon Lochlannais Grønefjall, a’ ciallachadh “beinn ghorm”.
Tha e spòrsail a bhith a’ toirt sùil air na tha anns a’ chumantas eadar na h-ainmean-àite anns na dùthchannan Lochlannach agus a’ Ghàidhealtachd
againne. Agus as t-samhradh bha mi ann an nàdar de dhùthaich Lochlannach, ged a tha e mar phàirt de dh’Alba. Bha mi ann an Arcaibh – far a bheil na
h-ainmean-àite cha mhòr gu lèir a’ tighinn bho sheann chànan nan Lochlannach.
Chuir mi seachad dà latha ann an Stromness agus abair gu bheil am baile beag sin brèagha. Mo bheannachd aig an luchd-dealbhachaidh air Comhairle
Arcaibh a rinn cinnteach nach biodh an seann bhaile air a sgrios le togalaichean grànda ùra. Is bochd nach robh iad an sàs anns an dearbh ghnothach
anns a’ bhaile agam fhìn – Inbhir Nis. Ach fàgaidh mi an gearan sin do latha eile!
Tha e furasta gu leòr obrachadh a-mach dè tha an t-ainm Stromness a’ ciallachadh. Tha strom a’ ciallachadh “sruth-mara” agus tha ness a’ ciallachadh “rubha”. Chithear an dà rud sin ann an grunn àiteachan ann an Alba. Faisg air a’ bhaile, tha sruth mara
eagallach anns a’ chaolas eadar Tìr-mòr Arcaibh agus na h-eileanan gu deas oirre. Agus tha mi a’ ciallachadh “eagallach” oir bha sinn a’
deisealachadh gus dhol gu muir ann an gheat. Dh’fheumamaid feitheamh gus am biodh an sruth leinn airson Stromness fhàgail. Bhiodh e fìor dhoirbh
dhol na aghaidh.
Gu deas air Stromness tha eilean mòr àrd air a bheil Hòdhaigh. Tha an t-ainm a’ ciallachadh “eilean àrd”. Fhad ’s a bha sinn a’ dol
seachad air an eilean anns a’ bhàt’-aiseig, thàinig e a-steach orm gun robh e rudeigin eadar-dhealaichte bhon chòrr de dh’Arcaibh. Chithear
mòinteach ann, is talamh garbh agus fraoch – rudan nach eil cumanta ann an eileanan eile ann an Arcaibh. Tha iadsan uabhasach torrach, feurach.
“Nam biodh na Gàidheil riamh ann an àite sam bith an Arcaibh, seo far am bitheadh iad,” shaoil mi rium fhìn.
Agus, nuair a fhuair mi grèim air cairt-dùthcha dhen eilean, bha ainm no dhà ann a bha a’ coimhead rudeigin Gàidhealach, ’s dòcha. Laigh mo shùil
air ainm a th’ air a litreachadh c-l-i-c-k-n-a-f-e-a. “Rudeigin na fèith” ’s dòcha – of the bog channel? Uill, leis gun robh an t-sìde nar n-aghaidh airson seòladh, bha ùine agam dhol don leabharlann ann an Kirkwall, prìomh bhaile Arcaibh. "Ciamar a chanar an t-ainm-àite seo?" dh'fhaighnich mi dhen leabharlannaiche. "Chan eil fhios agam," fhreagair ise. "’S ann à Sligeach an Èirinn a tha mise!”
Gu fortanach bha tèile ag obair ann a bhuineadh do dh’Arcaibh, agus thug ise dhomh fuaimneachadh an ainm – Click-na-FIA. Agus fhuair mi a-mach gur e fea a chanas iad an-diugh ann an Arcaibh ris an eileamaid a thàinig bhon t-seann Lochlannais fjall, a’ ciallachadh “cnoc”. Tha e cumanta gu leòr agus, gu dearbh, chan eil e Gàidhealach idir.
Ach tha cuid, a th’ air sùil a thoirt air ainmean-àite Arcaibh dhen bheachd gur dòcha gur ann à cànan Ceilteach – Gàidhlig no Cruithnis – a thàinig cuid dhiubh. Bheir sinn sùil air feadhainn an ath-sheachdain.