FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Trì Coin Uaine (3)

An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a chur crìoch

Audio is playing in pop-over.

Na Trì Coin Uaine (3)

An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-seann stòiridh “Na Trì Coin Uaine”. An t-seachdain sa chaidh thug piuthar a’ phrionnsa puinnsean do a bràthair. Thuit e marbh. Chaidh na trì coin, Fios, Luaths agus Trom, don tobar leigheis. Fhuair iad uisge ann. Dhòirt iad an t-uisge air a’ phrionnsa. Dh’èirich am prionnsa gu slàn, fallain. Ach, an aghaidh a thoil, theich na coin.

Latha de na làithean, bha am prionnsa a-muigh a’ coiseachd. Bha e gu math tùrsach. Thachair e ri gille òg. B’ esan an gille a b’ àillidhe a chunnaic am prionnsa riamh.

“Am faca tu trì coin uaine?” ars am prionnsa.

“Chunnaic,” ars an gille òg, “ach an aithnicheadh tu fhèin iad rim faicinn?” “Dh’aithnicheadh,” thuirt am prionnsa.

“Ma-tà, is mise Fios.”

“O, gu dearbh, cha tu,” ars am prionnsa.

“Buail thusa an t-slat seo orm trì uairean,” ars an gille òg, “agus bidh mi nam chù.” Rinn am prionnsa sin agus, dìreach mar a thuirt an gille òg, dh’fhàs e na chù. Bhuail am prionnsa an t-slat air a-rithist agus dh’fhàs an cù na ghille òg a-rithist. Cò thàinig an uair sin ach Luaths agus Trom. Bha iad fhèin cuideachd ann an riochd ghillean òga.

“Dè as fheàrr leat?” ars an triùir ris a’ phrionnsa. “Sinn fhèin mar a tha sinn an-dràsta nar gillean òga no mar a bha sinn roimhe nar coin?”

“Is fheàrr leam sibh mar a tha sibh an-dràsta,” ars am prionnsa. “Fanaidh sibh a-nise còmhla rium gu bràth.”

“Tha eagal orm nach urrainn dhuinn,” arsa Fios. “Is e clann righ mòr a th’ annainn. Chaochail ar màthair o chionn fhada. Chuir ar muime geasa oirnn gum biomaid nar coin gus an dèanamaid na nithean sin a rinn sinn fhèin agus thu fhèin. Tha sinn a-nis a’ dol dhachaigh. Thig còmhla rinn. Tha piuthar bhrèagha againn.”

Dh’fhalbh iad dhachaigh. Chaidh am prionnsa còmhla riutha. Chòrd am prionnsa agus piuthar nan gillean gu math ri chèile. Cha b’ fhada gus an robh iad pòst’ aig a chèile.

Dh’fhalbh piuthar a’ phrionnsa agus chan fhaca iad tuilleadh i. Mar sin bha an taigh aig a’ phrionnsa ’s a’ bhean ùr aige dhaibh fhèin. Cho fada ’s a dhèanadh beartas agus gaol eatarra toilichte iad, thèid mise an urras gun robh iad sin. Agus dh’fhàg mi an sin iad.

Anns a’ chòrr dhen Litir an-diugh bu mhath leam sùil a thoirt air ainm-àite. Bha mi ann an sgìre Loch Laomainn o chionn ghoirid. Tha baile beag ri taobh an locha ris an canar Lus – Luss ann am Beurla. Bidh fios agaibh dè tha lus a’ ciallachadh. Ciamar a fhuair am baile ainm annasach mar sin?

Uill, tha beul-aithris anns an sgìre a’ ceangal an ainm ri Ceasag. B’ esan naomh ainmeil a tha ceangailte gu mòr ri Loch Laomainn agus an sgìre timcheall an locha. Tha e cuideachd ceangailte ri baile beag làimh ri Inbhir Nis, air a bheil Ceasag – no Kessock ann am Beurla.

Bha Ceasag ainmeil airson a bhith ri mìorbhailean thall ’s a-bhos. Taobh Loch Laomainn bha e ainmeil airson a bhith a’ cleachdadh lusan ann a bhith a’ dèanamh leigheis air daoine a bha tinn. Fhuair mòran an cuid slàinte air ais às dèidh dhaibh lus fhaighinn bho Cheasag. Agus ’s e sin as coireach ri ainm a’ bhaile air bruach Loch Laomainn. Uill, ’s e sin a tha beul-aithris ag innse dhuinn co-dhiù. Ach chan eil mi buileach cinnteach a bheil e fìor.

Litir 471 Litir 471 Litir 473 Litir 473

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!