Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Phàdraig Grannd, no “Dubrach”, am fear mu dheireadh a chaochail a bh’ air a bhith a’ sabaid aig
Blàr Chùil Lodair. Thogadh e ann am Bràigh Mhàrr ach chaidh e a dh’fhuireach ann an Gleann Lethnochd ann am Bràigh Aonghais. Bha e rudeigin ainmeil
gu h-ionadail ach dh’fhàs e na b’ ainmeile buileach nuair a fhuair e cuireadh nochdadh mu choinneamh an Rìgh.
Timcheall na bliadhna ochd ceud deug is fichead (1820) bha dithis mharsantach à Mon Rois a’ coiseachd a’ mhonaidh faisg air Gleann Lethnochd.
Thachair iad ri Pàdraig faisg air an taigh aige. Bha e còrr is ceud bliadhna a dh’aois ach bha e gu math sgiobalta air a chasan fhathast. Thug e
cuireadh don dithis dhol a-steach don taigh aige far an do dh’innis e dhaibh mu a bheatha. Bha ùidh mhòr aig na marsantaich ann an eachdraidh
iongantach a’ bhodaich.
Chaidh iad a chèilidh air ministear na sgìre agus chuir an triùir romhpa athchuinge a chur ri chèile. Bha am Morair Panmure deònach an athchuinge a
chur don Rìgh, feuch peinnsean rìoghail fhaighinn do Phàdraig. Ach bha Pàdraig fhathast na Sheumasach! Dè chanadh an Rìgh?!
Cha robh aig Pàdraig ri dhol a Lunnainn oir chaidh an Rìgh, Deòrsa IV, a dh’Alba ann an ochd ceud deug, fichead ’s a dhà (1822). Chaidh cuireadh a
thoirt do Phàdraig nochdadh air a bheulaibh nuair a bha e ann an Dùn Èideann. Dìreach seachdain mus do thòisich Pàdraig air a shlighe don phrìomh
bhaile, chuir am Morair Panmure èideadh sònraichte thuige – aodach a bhiodh freagarrach airson a bhith a’ nochdadh air beulaibh Rìgh.
Ach dhiùlt am bodach gabhail ri sin a-muigh no mach. Chuir e air an dearbh aodach a bh’ air aig Blàr Chùil Lodair – còta tartain, fèileadh beag,
brògan le putanan pràiseach agus bonaid Ghlinne Gharadh le ite iolaire oirre. Agus bha e a’ giùlain pic seachd troighean a dh’fhaid!
Nuair a chaidh e a bhruidhinn ris an Rìgh, dh’iarr am Morair Panmure air a bhonaid a thoirt dheth. Ach dhiùlt am bodach! Thuirt am Morair Panmure
ris an Rìgh, “Ur Mòrachd, tha an duine seo ceud is ochd (108) bliadhna a dh’aois agus ’s e a th’ ann a-nise an aon seann nàmhaid a th’ agaibh air
uachdar na Talmhainn. Nuair a bha e òg, agus beag toinisg aige, rinn e sabaid an aghaidh sinnsirean ur Mòrachd aig Cùil Lodair, ach tha e air a
bhith na ìochdaran sìtheil is dìleas bhon uair sin. Dè toil ur Mòrachd a dhèanamh leis a-nise?”
Thuirt an Rìgh ri Pàdraig, “A bheil sibh duilich a-nise gun robh sibh cho gòrach is neo-dhìleas nur n-òige is gun deach sibh an sàs ann an arm a’
Phrionnsa?”
“Bhithinn a’ sabaid air a shon fhathast,” fhreagair an Granndach ann an Albais (tha mi an dùil gun robh Gàidhlig agus Albais aige). Cha do thuig an
Rìgh buileach na thuirt am bodach.
“Cha chreid mi nach e reubaltach a th’ ann fhathast,” thuirt an Rìgh le gàire, “agus bu chòir peilear a chur ann. Ach faodaidh sibh peinnsean de
leth-cheud not gach bliadhna a thoirt dha.” ’S ann an uair sin a thog Pàdraig a bhonaid, agus thug e taing don Rìgh.
Ach cha robh cus aig an riaghaltas ri phàigheadh oir chaochail Pàdraig dà bhliadhna às dèidh sin aig aois ceud is deich (110) air ais ann am Bràigh Mhàrr, an t-seann dùthaich aige. Agus le a bhàs, dh’fhalbh an seann reubaltach mu dheireadh a bh’ air claidheamh a thogail às leth Theàrlaich Òig aig Cùil Lodair.