FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pàdraig Grannd (1)

Chan fhada gus am bi an latha oirnn a-rithist nuair

Audio is playing in pop-over.

Pàdraig Grannd (1)

Chan fhada gus am bi an latha oirnn a-rithist nuair a bhios daoine a’ cuimhneachadh na thachair aig Blàr Chùil Lodair air an t-siathamh latha deug dhen Ghiblean, seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746). ’S dòcha gum bi barrachd dhaoine nan àbhaist aig Cùil Lodair am-bliadhna leis gu bheil ionad-taisbeanaidh ùr aig Urras Nàiseanta na h-Alba ann.

Tha mi a’ smaoineachadh air Cùil Lodair oir bha mi a’ leughadh o chionn ghoirid mu Phàdraig Grannd – Dubrach no Auld Dubrach mar a chante ris. Tha e ainmeil oir b’ esan am fear mu dheireadh a chaochail a bh’ air a bhith an làthair aig Cùil Lodair air latha a’ bhatail. Chaochail e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a ceithir (1824).

Rugadh Pàdraig Grannd ann am baile beag air a bheil Dubrach, a tha ri taobh Uisge Dè ann an sgìre Bràigh Mhàrr ann an Siorrachd Obar Dheathain. Uill, ’s e Dubrach an dreach Beurla air an ainm. Ann an Gàidhlig ’s e An Dubh-bhruach. Ach ’s e dreach na Beurla a bh’ air Pàdraig mar far-ainm – Dubrach. Bha Seumasachd gu math làidir anns an sgìre sin – anns an robh a’ chuid a bu mhotha dhen t-sluagh nan Gàidheil agus nan Caitligich.

Bha Pàdraig dìreach bliadhna a dh’aois nuair a thòisich ciad ar-a-mach nan Seumasach ann an seachd ceud deug ’s còig-deug (1715). Ach nuair a thàinig Bliadhna a’ Phrionnsa, bha e aig an aois cheart airson a chlaidheamh a thogail às leth Theàrlaich Òig. Leig e dheth a chuid obrach mar thàillear agus chaidh e an cois arm a’ Phrionnsa.

Bha e gu math treun, agus chaidh aithris gun robh e ri gaisgeachd mhòr aig Blàr Sliabh a’ Chlamhain no the Battle of Prestonpans mar a chanar ris ann am Beurla. Ràinig e ìre sàirdseant-màidsear agus bha e fhathast ann an arm a’ Phrionnsa nuair a chaill na Seumasaich aig Cùil Lodair, ged a bhathar ag ràdh gun do mharbh e fhèin grunn saighdearan dearga air an latha sin. Chaidh a chur an grèim agus chaidh a chur don phrìosan ann an Cathair Luail ann an Sasainn.

Ach rinn e a dhol-às. Thill e don Ghàidhealtachd. Tha diofar aithrisean ann air na thachair dha an uair sin. Tha cuid ag ràdh gun do thill e don Dubh-bhruach. Ach cha bhiodh sin ro choltach oir chaidh gearastan de shaighdearan dearga a stèidheachadh an sin an dèidh Chùil Lodair. Tha cuid eile ag ràdh gun robh e na thàillear ann an Ach an Droighinn, baile beag ri taobh Baile a’ Chaisteil Bràigh Mhàrr. Ge bith dè thachair dha aig an àm sin, an ceann greis bha e a’ fuireach ann an Gleann Lethnochd ann am Bràigh Aonghais.

Phòs e tè Màiri Chuimeanach a bha mòran na b’ òige na e. Tha e coltach gun robh ise cuideachd à Bràigh Mhàrr. Bha dithis chloinne aca. Chaidh na bliadhnaichean seachad agus chaochail Màiri aig aois seasgad ’s a còig (65) ann an ochd ceud deug ’s a h-aon-deug (1811). Chaidh a tiodhlacadh far an robh iad a’ fuireach – ann an Gleann Lethnochd.

Bha Pàdraig – no Dubrach – gu math aithnichte mar fhear a bh’ air a bhith a-muigh leis a’ Phrionnsa. Ach bha e gu bhith a’ fàs na b’ ainmeile buileach. Oir nuair a bha e ceud ’s a h-ochd bliadhna a dh’aois, choinnich e ris an Rìgh. Am biodh an seann Seumasach seo deònach aideachadh gun do rinn e mearachd ann am Bliadhna a’ Phrionnsa? Chì sinn dè thuirt e ris an Rìgh an ath-sheachdain.

Litir 456 Litir 456 Litir 458 Litir 458

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!