Thairis air a’ chola-deug a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh mu Phàdraig Grannd no “Dubrach” am fear mu dheireadh a chaochail a bh’ air a bhith aig Blàr Chùil Lodair. Thogadh e ann an Dubrach, no an Dubh-bhruach, ri taobh Uisge Dè ann am Bràigh Mhàrr. Bha e a-muigh leis a’ Phrionnsa, chaidh a chur an grèim aig Cùil Lodair, agus rinn e dol-às. Ach chan eil e soilleir an deach e air ais don bhaile bheag aige fhèin.
Bha e air a bhith doirbh dha. Bha mòran anns an sgìre sin fhathast nan Seumasaich, agus chuir an Riaghaltas grunn saighdearan dearga ann airson
dèanamh cinnteach nach biodh ar-a-mach eile ann. Agus, air sàillibh sin, thachair rud iongantach – cùis-chùirte anns an do nochd fianais bho
thaibhse!
Bha saighdear dearg aig meadhan a’ ghnothaich. B’ esan Artair Davies. Bha an Sàirdseant Davies os cionn buidheann de dh’ochdnar shaighdearan a bha
stèidhichte san Dubh-bhruach às dèidh Chùil Lodair. ’S e duine gasta a bh’ ann agus bha muinntir an àite measail gu leòr air gu pearsanta, ged a
bha e na shaighdear. Ach, an coimeas ri muinntir an àite, bha e gu math beartach. Agus bha am farmad air feadhainn ris.
Bha bucaill airgid air a bhrògan, bha putanan airgid air a pheitean, bha uaireadair luachmhor aige agus bhiodh e a’ giùlain dà sporan fad na
h-ùine. Bha an dàrna sporan - fear leathair – làn airgid. Anns an sporan eile – fear de shìoda uaine – bha òr luach còig-deug gu leth gini. ’S e
fortan a bha sin. Bho àm gu àm bhiodh an Sàirdseant Davies a’ crathadh an sporain sin mar spòrs nuair a bha e còmhla ri cloinn. Ach feumaidh gun
robh e rudeigin faoin. Bhiodh e a’ fulaing mèirle mus biodh an ùine aige air a’ Ghàidhealtachd a-mach. Agus cha b’ e mèirle a-mhàin.
Air an ochdamh latha fichead dhen t-Sultain, seachd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1749), dh’fhàg e an t-àite san robh e a’ fuireach san
Dubh-bhruach. Dh’fhalbh e a-mach leis an amas a bhith a’ sealg nam fiadh. Ach air an fheasgar sin cha do thill e dhachaigh. Chaidh daoine a-mach ga
lorg. Thàinig buidheann de shaighdearan à Gleann Sìdh airson taic a thoirt. Ach cha d’ fhuair iad lorg air a chorp.
Chaidh naoi mìosan seachad. Anns an Ògmhios seachd ceud deug is leth-cheud (1750), bha cìobair air an robh Alasdair Mac a’ Phearsain a’ fuireach na
h-oidhche ann am bothan-àirigh pìos beag air falbh bhon bhaile. Ann am meadhan na h-oidhche nochd taibhse anns a’ bhothan. Dh’iarr an taibhse air
Alasdair falbh a-mach. Nuair a bha iad a-muigh, thuirt an taibhse gum b’ esan Artair Davies. Cha tuirt e càil mu a bhàs ach thuirt e gun robh e ag
iarraidh a bhith air a thiodhlacadh gu dòigheil. Dh’fhaighnich an cìobair dheth cò bha air a mhurt. Ach dhiùlt taibhse an t-saighdeir a’ cheist a
fhreagairt. Ach bha e a’ gabhail dragh mu a chnàimhneach. Sheall e do dh’Alasdair cà’ robh a chnàimhneach anns a’ mhonadh.
Nuair a bha solas an latha ann, chaidh an cìobair don àite a chaidh a chomharrachadh dha. Agus lorg e an cnàimhneach. Bha falt fhathast air, agus
aodach. Bha e follaiseach gur e corp Davies a bh’ ann. Dè bha Mac a’ Phearsain a’ dol a dhèanamh? Agus ciamar a thàinig e gu bhith, gun do nochd
fianais bhon taibhse ann an cùirt-lagha? Tha mi duilich, ach tha an ùine air ruith orm, agus feumaidh sin feitheamh chun na h-ath-sheachdain.