FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Ràithean

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun

Audio is playing in pop-over.

Na Ràithean

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun Chaillich – seann earrann dhen Earrach tràth sa Ghiblean. Tha an Sgitheanach, Alasdair MacNeacail, ag innse dhuinn anns an leabhar aige Gaelic Proverbs gun robh A’ Chailleach ann eadar an dàrna latha deug agus an t-ochdamh latha deug dhen Ghiblean. Roimhe sin, bha An Gearran; roimhe sin bha An Fheadag; agus ron Fheadaig bha Am Faoilleach. Cha chreid mi nach robh na h-ainmean a’ buntainn ris mar a bha a’ ghaoth aig na h-amannan sin dhen bhliadhna. Cha robh an Fheadag no an Gearran math airson sprèidh, mar a tha seann rann ag innse dhuinn:

Is mis’ an Fheadag lom, luirgneach, luath,

Marbham caora, marbham uan.

Is mis’ an Gearran bacach bàn

Is cha mhi aon bhonn nas fheàrr.

Cuiream a’ bhò anns an toll

Gus an tig an tonn thar a ceann.

Ach chan e sin an dealbh gu lèir. San t-seann aimsir bha earrann eile dhen Earrach ann eadar an Fheadag agus an Gearran. B’ e sin A’ Ghobag – no dogfish. Seo na chanas Dwelly mun Ghobaig: Period of the year, lasting according to some, three days, according to others a week, coming in, apparently, between the Feadag and the Gearran and so ending on 14th March. Agus tha Dwelly a’ toirt (mar a tha MacNeacail) an t-seanfhacail: Feadagan is Gobagan e, tuilleadh gu Fèill Pàdraig – a th’ air eadar-theangachadh mar whistling and biting winds on to St Patrick’s Day.

Às dèidh a’ Ghearrain thàinig a’ Chailleach. Feumaidh gun robh sin a’ riochdachadh gaoth fhuar a thig nuair a tha am feur a’ feuchainn ri fàs. Tha MacNeacail ag ràdh gum bi a’ Chailleach a’ ceannsachadh an fheòir le a slacan-draoidheachd. Ach, nuair a tha e a’ fàilneachadh oirre, tha i a’ tilgeil a slacan air falbh, ag èigheachd,

Dh’fhàg e shìos mi, dh’fhàg e shuas mi,

Dh’fhàg e eadar mo dhà chluais mi,

Dh’fhàg e thall mi, dh’fhàg e bhos mi,

Dh’fhàg e eadar mo dhà chois mi,

Tilgeam seo am bun preas cuilinn

Far nach fàs feur no duilleach!

An t-seachdain sa chaidh thuirt mi gun innsinn dhuibh mu Na h-Othaisgeanthe ewes – earrann ainmhidheach eile dhen Earrach a thig às dèidh na Caillich. Mhair Na h-Othaisgean trì latha, a rèir aithris – trì latha, mar a tha mis’ a’ tuigsinn, de dheagh aimsir, freagarrach airson breith uan.

Cha tuirt mi guth air na h-earrannan beaga eile air a bheilear a’ dèanamh iomradh – Neòil Dhubha na Càisge (the dark clouds of Easter) anns an treas seachdain dhen Mhàrt, a bh’ air a leantainn le Glasadh na Cuthaig (the cuckoo’s greening or preparation time). Tha An Sguabag ann cuideachd – the little blast. Tha Dwelly ga comharrachadh mar Gusty wind. Trì latha Sguabaig, three days, the 7th, 8th and 9th of April. A h-uile bliadhna air na h-aon làithean sin?! Agus tha Sneachd na Cuthaig ann cuideachd – the cuckoo snow – no lambing snow mar a theirear am Beurla – aimsir fhuar le sneachd a nì cron air uain a th’ air an ùr-bhreith.

Tha e nas fhasa dhuinn an-diugh a bhith a’ cuimhneachadh Am Faoilleach, An Gearran, Am Màrt, An Giblean ’s An Cèitean – seach a bhith a’ cuimhneachadh Am Faoilleach, An Fheadag, A’ Ghobag, An Gearran, Neòil Dhubha na Càisge, Glasadh na Cuthaig, A’ Chailleach, An Sguabag, Na h-Othaisgean, Sneachd na Cuthaig agus – Latha Buidhe Bealltainn a chuireas crìoch air an Earrach!

Is cha tuirt mi guth air Latha na Gocaireachd – nach eil fad às a-nise! Thoiribh an aire!

Litir 455 Litir 455 Litir 457 Litir 457

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!