Eadar Melbourne agus na raointean òir ann am Ballarat agus Bendigo, bha na rathaidean cunnartach. Bhiodh mèirlich a’ feitheamh aig oir nan rathaidean.
Nuair a bhiodh òr aig mèinneadair, bhiodh e a’ reic sin do dh’oifis air an raon. Gheibheadh e cuidhteas – ’s e sin bileag a bha ag ainmeachadh luach an
òir. Bheireadh am mèinneadair an cuidhteas gu Roinn an Ionmhais ann am Melbourne, far am faigheadh e airgead air a shon.
Ach dh’fhaodadh duine sam bith an t-airgead fhaighinn nan robh cuidhteas òir aige. Agus ’s e goid nam bileagan a bha fa-near do na mèirlich. Uaireannan
bhiodh iad a’ murt a’ mhèinneadair airson am pìos pàipeir luachmhor fhaighinn.
Turas a bha seo, bha an t-Urr Tormod MacLeòid air an rathad eadar Melbourne agus na raointean òir. Thachair e ri buidheann de mhèirlich. Ach cha robh
cuidhteas òir aige. Is cha robh airgead aige. Bha esan ann mar mhinistear, a’ cumail cheanglaichean beò eadar na daoine aige a bha a-nise gu math sgapte.
Thuig na mèirlich gu robh e bochd, is cha do rinn iad cron air. Gu dearbh, thug iad cuireadh dha thighinn air ais don champa aca airson na h-oidhche. Ghabh e ris a’ chuireadh oir bha cothrom aige facal an Tighearna a sgaoileadh am measg nam mèirleach. Fad uairean a thìde, thug e trod
dhaibh mun dòigh-bheatha olc aca. Is iongantach mura robh iad gu math toilichte soraidh a leigeil leis sa mhadainn!
’S e fear treun a bh’ ann an Tormod. Ach bha dòrainn a’ feitheamh ris. Bha a theaghlach fhathast a’ fuireach ann am Baile nan Teantaichean. Bha an t-uisge
aca salach agus bhris am fiabhras breac a-mach. Taobh a-staigh sia seachdainean, bha an triùir mhac as òige aig Tormod marbh. ’S e buille
chruaidh a bh’ ann agus is beag an t-iongnadh gun do cho-dhùin Tormod is càch Astràilia fhàgail.
Bha iad air aithrisean a chluinntinn mu New Zealand. Bha talamh math ann – freagarrach airson àiteachas. Agus cha robh òr ann. Cha bhiodh olc ann mar a
chunnaic iad ann an Astràilia, co-cheangailte ri gnìomhachas an òir. Sgrìobh Tormod gu Riaghladair na dùthcha, Sir Seòras Grey. Bhrosnaich esan iad a dhol
ann.
Cha robh an soitheach am Margaret aca tuilleadh. Ach bha an Highland Lass ann. Chaidh an Highland Lass a reic agus chaidh
soitheach eile a cheannach – an Gazelle. As t-Sultain, ochd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1853), sheòl an Gazelle à Adelaide le còrr is
ceud duine air bòrd – daoine à Ceap Breatainn a bh’ air a bhith ann an Astràilia a Deas. Dh’fheumadh Tormod agus muinntir Bhictoria feitheamh gus an
tilleadh i.
Chaidh an Gazelle a dh’Auckland. Nuair a bha i gu tuath air a’ bhaile, chunnaic na daoine air bòrd àite a bha air leth math air tìr. Bha iad ag
iarraidh fearann fhaighinn ann. Cha b’ e sin beachd Shir Sheòrais Grey, ge-tà. Mhol esan fearann na b’ fhaide deas anns an Eilean mu Thuath, no anns an
Eilean mu Dheas far nach robh na Maori cho pailt.
Ach cha robh na h-Albannaich air a shon. Chaidh buidheann dhiubh gu tuath airson an cladach a rannsachadh. Lorg iad fearann math ri taobh Abhainn Waipu.
Rinn iad tagradh airson an fhearainn, agus chaidh sanas a chur anns a’ phàipear-naidheachd. Ach goirid às dèidh sin, nochd sanas eile sa phàipear bho
fhear, Seumas Busby. “’S ann leamsa a tha am fearann sin,” thuirt e, “agus cha bu chòir do dhuine sam bith eile gnothach sam bith a ghabhail ris, às aonais
cead bhuamsa.”