A bheil sibh eòlach air an lus air a bheil an t-ainm saidheansail Pinguicula vulgaris? ’S e an t-ainm oifigeil a th’ air ann am Beurla common butterwort. Ach ’s dòcha gum bi cuid eòlach air mar bog violet. ’S e a th’ ann lus a tha a’ fàs ann am boglaichean is àiteachan
fliucha, gu h-àraidh far a bheil an talamh neo-thorrach. Tha e cumanta gu leòr air a’ Ghàidhealtachd.
’S dòcha gum faca sibh fhèin e. Tha e beag. Tha duilleagan buidhe-uaine air a tha a’ fàs ann an cròilean, faisg air an talamh. Tha na duilleagan fada agus
tiugh. Tha na flùraichean purpaidh. Bidh iad a’ stobadh suas air gas chumhang.
Buinidh an lus seo don teaghlach Lentibulariaceae. ’S e teaghlach beag a th’ ann agus tha e car annasach. Bidh na lusan a bhuineas don teaghlach
a’ glacadh mheanbh-fhrìdean. ’S ann mar sin a tha iad a’ faighinn nam mèinnearach a tha a dhìth orra, gu h-àraidh naitraidsean. ’S e sin a tha gan leigeil
leotha fàs ann an àite neo-thorrach. ’S iad na duilleagan, a tha leanailteach, a bhios a’ glacadh nam meanbh-chreutairean.
Tha caochladh ainmean air an lus seo ann an Gàidhlig. Tha cuid aca co-cheangailte ri bainne no ìm, mar a tha an t-ainm Beurla, butterwort. Mar
eisimpleir, lus a’ bhainne, lus an ime agus badan measgain. Tha measgan a’ ciallachadh soitheach anns am bithear a’ cur
ìm. Bidh an lus seo a’ binndeachadh bainne. ’S dòcha gu robh e air a chleachdadh airson sin anns an t-seann aimsir. Ach tha ainm eile, agus ainm nas
cumanta air an lus seo ann an Gàidhlig – mòthan. Bha am mòthan air a chleachdadh mar sheun-gaoil.
Gu traidiseanta, bhiodh boireannach a’ dol don mhonadh. Bhiodh i a’ dol air a glùin chlì. Bhiodh i a’ spìonadh naoi freumhaichean dhen mhòthan agus bhiodh
i gan snìomh còmhla mar chuach.
Chuireadh am boireannach a’ chuach seo air a beul, agus bhiodh fear a bheireadh pòg dhi a’ gabhail gaol dhi. Chuireadh boireannach a bha an impis leanabh a
bhreith cuach mar sin foidhpe airson dèanamh cinnteach gun nochdadh an leanabh gu sàbhailte. Bheireadh daoine cuach mar sin leotha nuair a bha iad a’
siubhal airson an cumail sàbhailte. Bhathar ag ràdh gu robh bainne bho bhò a bh’ air am mòthan ithe math do leanabh a bh’ air ùr-bhreith. Bhathar a’
creidsinn gum biodh am mòthan a’ dìon daoine an aghaidh buidseachd.
Agus tha seanfhacal ann a tha ceangailte ris an lus seo. Dh’òl e bainne na bà baobh a dh’ith am mòthan. Dh’òl e bainne na bà baobh a dh’ith am
mòthan. Thathar ag ràdh sin mu dheidhinn duine a th’ air faighinn a-mach à suidheachadh cunnartach air èiginn – mar gur e mìorbhail a bh’ ann.
’S e a’ Bheurla a tha cuid a’ cur air an t-seanfhacal: he drank the milk of the foolish cow which ate the bog-violet ach tha amharas agam gu bheil
seo nas coltaiche: he drank the milk of the bewitched cow that ate the bog-violet. Dh’òl e bainne na bà baobh a dh’ith am mòthan.
Tha mi a’ smaoineachadh gun tàinig an seanfhacal gu bith leis gu robh daoine dhen bheachd gum biodh cumhachdan os-nàdarrach aig duine a dh’òl bainne bho
bhò a bh’ air am mòthan ithe. Agus gur iad na cumhachdan sin a leig leis an duine tighinn beò tro shuidheachadh cunnartach.