“Is cinnteach gu bheil [an dà leabhar] Superstitions of the Highlands and Islands of Scotland agus Witchcraft and Second Sight in the Highlands and Islands of Scotland le Iain MacGriogair Caimbeul am measg nan cruinneachaidhean a bu chudromaiche a chaidh a
dhèanamh a-riamh de bheul-aithris.” Cò tha ag ràdh sin? Chan e mise co-dhiù, ged nach d’ rachainn na aghaidh. ’S e Raghnall MacIlleDhuibh a sgrìobh sin –
ann an leabhar ùr a nochd o chionn ghoirid.
’S e tiotal an leabhair The Gaelic Otherworld. Anns an leabhar tha clo-bhualadh às ùr ann dhen dà sheann leabhar aig a’ Chaimbeulach. Agus na
chois tha notaichean bho MhacIlleDhuibh, a tha na sgoilear Ceilteach. ’S e leabhar fìor mhath a th’ ann. Seo criomag de bheul-aithris bhon leabhar. Tha
fhios againn gu robh an dà-shealladh cumanta am measg nan daoine air a’ Ghàidhealtachd. Ach bha na seann Ghàidheil fhèin dhen bheachd gu robh cuid de
bheathaichean na b’ fheàrr na daoine ann a bhith a’ “faicinn” rudeigin nach do thachair fhathast. B’ iad an dà bheathach a b’ fheàrr – coin agus eich.
Nuair a tha a’ ghealach làn, agus an oidhche soilleir, bidh coin gu tric a’ dèanamh donnal, an àite comhartaich. Ann am beul-aithris Shasainn, thathar ag
ràdh gu bheil iad a’ dèanamh donnal ris a’ ghealaich.
Ach air a’ Ghàidhealtachd, bhathar a’ cumail a-mach gum biodh na coin a’ dèanamh donnal air oidhche shoilleir a chionn ’s gum biodh iad a’ faicinn taibhs
aig duine a bha fhathast beò. ’S e am facal Gàidhlig airson sin – tàslach. Bhiodh na coin a’ faicinn tàslaich nan daoine beò – a’ ciallachadh gu
robh an duine sin faisg air a bhàs.
“Chuala mi,” dh’innis fear Sgitheanach do dh’Iain MacGriogair Caimbeul, “na ficheadan tursan na coin a’ dèanamh donnal mus robh tiodhlacadh gu bhith ann an
cladh Chille Mhoire. ’S e a bu choireach gum fac’ iad tàslaich nan daoine beò.”
Tha an Caimbeulach cuideachd ag innse dhuinn mu thachartas ann an Latharna. Bha galla chutach ghlas ann – ’s e sin cù boireann glas gun earball - galla
chutach ghlas. Agus bhiodh i a’ dol gu àite faisg air allt agus a’ dèanamh donnal gu h-uabhasach. Rinn i sin gach là airson ceala-deug.
Aig deireadh na h-ùine sin, bha boireannach agus pàiste a’ dol thar an uillt na b’ fhaide suas. Bha aca ri dhol tarsainn drochaid fhiodha. Bha pasgan de
leathar aig a’ bhoireannach, oir bha i a’ dol a chèilidh air greusaiche. Bha an greusaiche a’ dol a dhèanamh brògan dhi leis an leathar aice.
Co-dhiù, chaidh am boireannach tarsainn an uillt leis a’ phasgan. Dh’fhàg i am pasgan air an taobh thall agus thill i airson a’ phàiste. Ach nuair a bha i
fhèin is am pàiste a’ dol tarsainn na drochaid, thàinig tuil. Chaidh an drochaid a sguabadh air falbh. Chaidh am boireannach is am pàiste a bhàthadh. Agus
chaidh an cuirp a lorg anns an dearbh àite ri taobh an uillt far am biodh a’ ghalla a’ dèanamh donnal.