An t-seachdain sa chaidh thòisich mi air an sgeulachd thraidiseanta, “Morachan is Mionachan”. Sguir sinn mu dheireadh le Morachan ag iarraidh luch.
“Chan fhaigh thu mise,” ars’ an luch, “mura faigh thu cat a ruitheas mi.” Chaidh e far an robh cat. “Cà’il thu a’ dol?” dh’fhaighnich an cat. “Tha mi ag
iarraidh cat,” arsa Morachan, “cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasan gadhair, gadhar a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a
fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Mionachan gus nach ith e cus de na cnothan.”
“Uill, chan fhaigh thu mise,” ars’ an cat, “mura faigh thu bainne a dh’òlas mi.” Chaidh e far an robh bainne. “Cà’il thu a’ dol?” dh’fhaighnich am bainne.
“Tha mi ag iarraidh bainne,” arsa Morachan, “bainn’ a dh’òlas cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasan gadhair, gadhar a ruitheas fiadh,
fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Mionachan gus nach ith e cus de na
cnothan.”
“Uill, chan fhaigh thu mise,” ars’ am bainne, “mura faigh thu bò a bhleoghaineas mi.” Chaidh e far an robh bò. “Cà’il thu a’ dol?” dh’fhaighnich a’ bhò.
“Tha mi ag iarraidh bò,” arsa Morachan, “bò a bhleoghaineas bainne, bainn’ a dh’òlas cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasan gadhair, gadhar
a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Mionachan gus nach
ith e cus de na cnothan.”
“Uill, chan fhaigh thu mise,” ars’ a’ bhò, “mura faigh thu sop a dh’itheas mi.” Chaidh e far an robh sop. “Cà’il thu a’ dol?” dh’fhaighnich an sop. “Tha mi
ag iarraidh sop,” arsa Morachan, “sop a dh’itheas bò, bò a bhleoghaineas bainne, bainn’ a dh’òlas cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasan
gadhair, gadhar a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air
Mionachan gus nach ith e cus de na cnothan.”
“Uill, chan fhaigh thu mise,” ars’ an sop, “mura faigh thu an gille-sabhail.” Chaidh e far an robh an gille-sabhail. “Cà’il thu a’ dol?” dh’fhaighnich an
gille-sabhail. “Tha mi ag iarraidh sop a’ ghille-sabhail,” arsa Morachan, “sop a dh’itheas bò, bò a bhleoghaineas bainne, bainn’ a dh’òlas cat, cat a
ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasan gadhair, gadhar a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh,
tuagh a bhuaineas slat, slat a ghabhas air Mionachan gus nach ith e cus de na cnothan.”
“Uill, chan fhaigh thu mise,” ars’ an gille-sabhail, “mura faigh thu bonnach a dh’itheas mi.” Dh’fhalbh Morachan a dh’iarraidh bean-fhuine. Thuirt e ris a’
bhean-fhuine gun robh e ag iarraidh bonnach bhuaipe a dh’itheadh an gille-sabhail. “Cha dèan mise bonnach dhut,” ars’ a bhean-fhuine, “mura faigh thu uisge
a fhliuchas a’ mhin.” Cha robh soitheach aice, ge-tà, a bheireadh an t-uisge dhachaigh bhon loch ach criathar!
Dh’fhalbh Morachan chun an locha a dh’iarraidh an uisge ach, nuair a thog e an criathar bhon loch nach do ruith a h-uile deur uisge troimhe. Chaidh eun
seachad air sgèith is thuirt e ris, “Suath poll bog ris is cumaidh sin làn e. Suath poll bog ris.”
Ach an do shuath Morachan poll bog ris? Chì sinn an ath-sheachdain nuair a chuireas mi crìoch air an sgeulachd.