Tha mi a’ dol a chur crìoch an-dràsta air an sgeulachd thraidiseanta a thòisich mi o chionn ceala-deug – “Morachan is Mionachan.” Nuair a dh’fhàg sinn mu
dheireadh e, bha Morachan aig an loch, a’ feuchainn ri uisge fhaighinn don bhean-fhuine le criathar. Chaidh eun seachad air sgèith is thuirt e ris, “Suath
poll bog ris is cumaidh sin làn e. Suath poll bog ris.”
Shuath e poll bog ris is chuir e uisge ann, ach nach do ruith a h-uile deur troimhe. Chaidh faoileag seachad is dh’eigh an fhaoileag, “Suath crèadh ruadh
rag ris is cumaidh sin làn e. Suath crèadh ruadh rag ris.” Fhuair e crèadh ruadh rag is shuath e ris a’ chriathar e. Lìon e an criathar le uisge is cha do
ruith aon deur troimhe.
Thug e an t-uisge don bhean-fhuine. Rinn a’ bhean-fhuine am bonnach. Is thug Morachan am bonnach don ghille-shabhail. Thug an gille-sabhail dha an sop. Is
thug e an sop don bhoin. Is bhleoghainn a’ bhò am bainne. Is thug e am bainne don chat. Is dh’òl an cat am bainne.
Is ruith an cat an luch. Is sgròb an luch an t-ìm. Is shuath e an t-ìm ri casan a’ choin. Is ruith an cù am fiadh. Is shnàmh am fiadh an t-uisge. Is
fhliuch an t-uisge a’ chlach. Is dh’fhaobharaich a’ chlach an tuagh. Is gheàrr an tuagh an t-slat. Is fhuair Morachan an t-slat.
Ach nuair a ràinig e an t-àite far an robh Mionachan bha Mionachan air sgàineadh leis na dh’ith e de na cnothan!
Is iomadh duine a thogadh ann an dachaigh Ghàidhealach aig a bheil an stòiridh sin fhathast. Bidh mòran eòlach air na caractaran marBiorachan Beag is Biorachan Mòr. Anns an leabhar ainmeil de sgeulachdan traidiseanta le Iain Òg Ìle, “Popular Tales of the West Highlands”, ’s iad na h-ainmean a th’ orra Murchag is Mionachag. Anns an leabhar thathar ag ràdh gun
deach an sgeulachd a chruinneachadh ann am mòran àiteachan air a’ Ghàidhealtachd. Bha sin anns an naoidheamh linn deug. Nach math gu bheil i beò fhathast.
Bidh beagan mhìosan ann mus nochd cnothan sa choille. Chan eil ann an-dràsta ach toiseach an Earraich. Tha beagan teas ann an solas na grèine, ge-tà, an
dèidh mìosan dorch’ a’ gheamhraidh. Ach saoil dè an seòrsa samhraidh a bhios againn ann an Alba am-bliadhna? Suarach cho math ’s a bha e an-uiridh, ged a
bha an samhradh a bhon-uiridh math fhèin.
’S e an t-eagal a th’ orm, is a th’ air mòran, leis nach robh geamhradh fuar reòta againn, gum bi an samhradh rudeigin truagh. Uaireannan bidh deagh
shamhradh a’ leantainn air geamhradh fuar. Uill, ’s e sin a tha cuid a’ cumail a-mach co-dhiù. No an e gum bi geamhradh fuar a’ leantainn air deagh
shamhradh?
’S ann mar sin a bha e anns a’ bhliadhna ochd ceud deug is sia ar fhichead (1826). Thathar a’ cuimhneachadh na bliadhna sin ann am beul-aithris mar
bliadhna le deagh shamhradh agus an uair sin droch gheamhradh. ’S e Bliadhna an Teas Mhòir a chanar rithe. Bliadhna an Teas Mhòir. Cha robh uisge
sam bith ann eadar an Cèitean agus an Lùnastal. Thiormaich na h-uillt is na h-aibhnichean. Bhathar ag ràdh cuideachd gun do thoirmich cuid de na lochan air
a’ Ghàidhealtachd, ach chan eil mi a’ creidsinn sin!
Ach ’s dòcha gu bheil mi a’ dol air thoiseach orm fhìn. Cha d’ fhuair sinn sneachd na cuthaig fhathast. Fanaidh mi greis mus cuir mi na sgithean agam
a-mach à sealladh.