FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ Bhanarach is am Mèirleach

Bu mhath leam tòiseachadh an t-seachdain seo le amaladh-cainnte. ’S

Audio is playing in pop-over.

A’ Bhanarach is am Mèirleach

Bu mhath leam tòiseachadh an t-seachdain seo le amaladh-cainnte. ’S e sin a’ Ghàidhlig air “tongue twister” – amaladh-cainnte, agus tha iomadh dhiubh ann ann an Gàidhlig. Feuchaibh am fear seo: cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. A bheil sibh ga thuigs’? Feuchaibh a-rithist e – gu sgiobalta. Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. Uill, rinn mi a’ chùis an ìre mhath...

Thàinig leabhar inntinneach a-mach an-uiridh anns a bheil naidheachdan is stòiridhean co-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd. ’S e an t-ainm a th’ air Recollections of an Argyllshire Drover and other West Highland Chronicles agus ’s e a th’ annta ach sgeulachdan is naidheachdan a chaidh a chruinneachadh le Eric Cregeen. Rinn Mairead Bennett obair deasachaidh air an leabhar – anns a bheil stòiridhean anns an dà chànan.

’S e fear de na daoine a thug sgeulachdan do Chregeen Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, no Dòmhnall Chaluim Bhàin, à Baile Phuill ann an Tiriodh. Tha mi cinnteach nach robh cus duilgheadais aige fhèin le amalaidhean-cainnte, co-dhiù a rèir cho sgiobalta ’s a bha eanchainn is a theanga le stòiridhean à beul-aithris.

Rugadh Dòmhnall ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885) agus chuir e a’ mhòr-chuid de bheatha seachad ann an Tiriodh fhèin, ach a-mhàin an ùine a bha e anns a’ Chabhlach Rìoghail sa Chogadh Mhòr. Gu dearbh, chuir e seachad a’ mhòr-chuid de bheatha ann am Baile Phuill fhèin – “baile nam bàrd” mar a chanadh iad ris anns an naoidheamh linn deug. Bha athair, Calum Bàn, cuideachd ainmeil mar seanchaidh. Am measg na chruinnich dualchas bho Dhòmhnall, bha Calum MacIlleathain nach maireann, agus an t-Ollamh Iain MacAonghais.

B’ e tè de na sgeulachdan a dh’innis Dòmhnall “A’ Bhanarach agus am Mèirleach”. Seo pàirt dhith agus cumaidh mi gu math faisg air a’ chainnt aig Dòmhnall fhèin a tha cho brèagha is cho Tiristeach.

“Aig an àm shònraichte a bha seothach, bhiodh iad a’ goid crodh air Diùc Earra-Ghàidheal. Agus thachair gu robh mo shinn-sinn-seanmhair [air an robh Seònaid], gu robh i na banaraich aig Diùc Earra-Ghàidheal. Chan fhanadh na gillean a dh’fhaire dè bha a’ gabhail àite, ach thuirt ise an oidhche seo – ’s e boireannach sgairteil a bh’ innte – ‘Fanaidh mise,’ ars’ ise, ‘a-nochd a dh’fhaire a’ chruidh ach dè chì mi.” Agus thilg i oirre am breacan agus rinn i air a’ bhàthaich.

Shuidh i fo cheann màirt. Cha robh i fada bho cheann a’ mhàirt nuair a thàinig na mèirlich – dithis – is bha iad a’ feuchainn a’ chruidh ach cò an fheadhainn a bu reamhra. Agus cà’ na chuir fear de na mèirlich a chorrag ach ann am beul na tè a bha fo cheann a’ mhairt. Agus nuair a fhuair i grèim air a chorraig, le aon snap thug i dheth bàrr na corraig. Theich na mèirlich. Agus anns a’ mhadainn nuair a bha a h-uile nì gu gasta, thuirt an Diùc rithe, ‘Ciamar a chaidh dhut a-raoir, a Sheònaid?’

‘Chaidh gu math,’ thuirt ise. ‘Sin agaibh pìos de mheur a’ mhèirlich agus faighibh fhèin a’ chòrr.’

Agus ’s e tuathanach nach robh brùideil fada air falbh a bha a’ goid a’ chruidh, chionn fhuaradh e. Cha b’ urrainn dha chorrag fhalach agus bha e air a bhrath. Bha sgonn eile dhen chorraig aig an Diùc. Uill, chan eil fhios agam an deach an duine sin a pheanasachadh. Tha mi cinnteach gun deachaidh.”

Sin agaibh blasad dhen dualchas a chaidh a chruinneachadh bho Dhòmhnall Chaluim Bhàin – seanchaidh math dha-rìreabh.

Litir 295 Litir 295 Litir 297 Litir 297

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!