Nuair a thug Teàrlach Òg Stiùbhart òrdugh seachad Dudley Bradstreet a chumail an grèim, thuirt am Prionnsa nach bu chòir each no armachd a bhith aige. Ach
bha deagh bheachd aig na h-oifigearan eile air Bradstreet, agus dh’fhàg e Derby an cois arm nan Seumasach air muin eich, agus a chlaidheamh fhathast aige.
Ged is e Dudley Bradstreet an t-ainm ceart a bh’ air, ghabh e “Oliver Williams” air fhèin nuair a dh’fhàg e Lunnainn, oir bha e na fhear-brathaidh don
riaghaltas. Nuair a ràinig e na Seumasaich, thuirt e gur e “Dòmhnallach” a bh’ air.
Ach bha aon duine am measg nan oifigearan Seumasach a bh’ air a bhith eòlach air nuair a bha e a’ fuireach ann am Baile Atha Cliath. Agus dh’aithnich e e.
Thachair sin ann an Ashbourne air a’ chiad oidhche an dèidh dhaibh Derby fhàgail. Thuirt am fear a bha seo “Mr Bradstreet” ris. Gu fortanach do Bhradstreet
bha am Morair Chill Mheàrnaig na sheasamh faisg air làimh agus mhìnich esan don Èireannach eile gur e “Dòmhnallach” a bh’ air. Tha e coltach gun deach
fhàgail aig a sin.
Nuair a ràinig iad Macclesfield fhuair Bradstreet is oifigearan eile cuid oidhche ann an taigh. Bha e follaiseach nach robh bean an taighe taiceil do na
Seumasaich. Thug Bradstreet don dàrna taobh i agus dh’fhaighnich e dhith gu dè a beachd air na reubaltaich is an ar-a-mach. Bhon fhreagairt aice thuig e gu
robh i dha-rìreabh taiceil don Rìgh.
“Tha mi a’ faicinn gu soilleir,” thuirt Bradstreet, “gur ann air an aon ràmh riumsa a tha thu. ’S e sin gu bheil deagh ghean agad do Rìgh Deòrsa.” Lean an
t-Èireannach air. “Na gabh iongnadh, a bhean mhath,” thuirt e. “Ma tha gràdh agad don Rìgh is don Riaghaltas, dearbh e dhomh le bhith a’ dèanamh na tha mi
a’ dol a dh’iarraidh ort nuair a dh’fhalbhas sinn.”
Nuair a bha an t-arm air falbh sa mhadainn, bha aice ri dhol gu maor-ceartais anns a’ bhaile – fear a bhiodh dìleas don Rìgh. Bha aice ri innse dha gu robh
teachdaireachd chudromach aice bho “Oliver Williams”. Bhiodh aig a’ mhaor-cheartais ri fios a chur gu Diùc Chumberland agus Diùc a’ Chaisteil Nuaidh gu
robh na Seumasaich a’ dèanamh air Carlisle. Rinn am boireannach sin, agus ’s ann mar sin a dh’ionnsaich an Riaghaltas gu robh na Seumasaich dha-rìreabh a’
fàgail Shasainn is a’ tilleadh a dh’Alba.
Chaidh Bradstreet an cois an airm gu ruige Preston. Anns a’ bhaile sin, fhuair e cothrom teicheadh. Chaidh iarraidh air obair brathaidh a dhèanamh as leth
nan Seumasach. Cha robh fios aig na Seumasaich fhathast gu robh e ag obair don taobh eile. Bha aige ri faighinn a-mach ca’ robh feachdan Chumberland is
Wade, oir bha eagal air na Seumasaich gu robh iad an tòir orra. Dh’fhalbh Bradstreet air muin eich is cha do thill e. Chan eil mi cinnteach cia mheud duine
a thuig aig an àm sin nach e an fhìrinn a bh’ aige ann an Derby. ’S dòcha gun robh cuid a’ smaoineachadh gun deach a chur an grèim no a mharbhadh leis na
Hanoibhèirianaich.
Bha Bradstreet an dùil is an dòchas duais mhòr airgid fhaighinn bho Dhiùc a’ Chaisteil Nuaidh airson na rinn e. Ach bha briseadh-dùil a’ feitheamh ris. Bha
uiread de dhuilgheadas aig an Èireannach ann a bhith a’ faighinn airgead bhon Diùc ’s gun do sgrìobh e don Rìgh. Dh’òrdaich an Rìgh gum faigheadh e ceud is
fichead not mar dhuais. Not airson gach mìle de rathad eadar Derby agus Lunnainn.