Nuair a chaidh an leabhar “Reminiscences of a Clachnacuddin Nonagenarian” fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842), bha drochaid
cloiche ann an Inbhir Nis. Bha i a’ dol tarsainn Abhainn Nis ann am meadhan a’ bhaile agus bha seachd stuaghan innte. Seo na chanas Iain MacIlleathain,
“Naochadair Chlach na Cùdainn” mu a deidhinn.
“Mus deach an drochaid a th’ ann a-nise a thogail, bha tè ann a bh’ air a dèanamh le fiodh-daraich is a bh’ air a cleachdadh gus an do thachair an tubaist
a bha seo. Bha seann bhean a’ dol tarsainn na drochaid, oidhche geamhraidh a bha seo, agus an drochaid gun rèileachan, le eallach de fhraoch air a druim,
nuair a thàinig onfhadh gaoithe sìos an gleann. Thug e am fraoch leis agus thilg e a’ bhana-chreutair bhochd don tuil, anns an do chaill i a beatha.”
Às dèidh seo, chaidh an drochaid a leagail, agus chaidh tè ùr a thogail na h-àite. Bha sin ann an sia ceud deug, ochdad ’s a còig (1685). Phàigh ceithir
buidhnean air a son – am baile fhèin, MacLeòid Dhùn Bheagain, Foirbeis Chùil Lodair agus Mac Shimidh. B’ e eisimpleir de rud ris an canar an-diugh
“com-pàirteachas poblach-prìobhaideach”!
Nise, dhuibhse a th’ air a bhith a’ leantainn eachdraidh cìsean Drochaid an Eilein Sgitheanaich – bidh seo inntinneach, oir bha cìsean air an drochaid seo,
gus gum faigheadh ùghdarras a’ bhaile a chuid airgid air ais. Gach turas a rachadh cuideigin tarsainn na drochaid, bha aige ri bodle a phàigheadh.
B’ e sin an siathamh pàirt de sgillinn.
Ach bha cuid saor bhon chìs. B’ iad sin muinntir nam fìneachan a chuir airgead a dh’ionnsaigh togail na drochaid. Nam b’ urrainn dhut dearbhadh, mar
eisimpleir, gum buineadh tu do Chloinn ’ic Leòid Dhùn Bheagain, gheibheadh tu a-null is a-nall saor ’s an asgaidh. Chan eil Iain MacIlleathain ag innse
dhuinn ciamar a dhearbh na Leòdaich gur e Leòdaich a bh’ annta!
Co-dhiù, feumaidh nach robh cùisean fàbharach do Mhac Shimidh, agus reic esan a chòirichean ri ùghdarras a’ bhaile. Bho sin a-mach, cha robh an fheadhainn
a bhuineadh do Mhac Shimidh saor bhon chìs tuilleadh. Ach bhiodh cuid dhiubh fhathast a’ seachnadh na cìse. Seo mar a tha Iain MacIlleathain ga
mhìneachadh: “ … tha e air a chlàradh, goirid ron linn seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig gu ceathrad ’s a sia (1745-6), gur e sealladh cumanta a bh’ ann
a bhith a’ faicinn boireannach bochd a’ grunnachadh tarsainn na h-aibhne le fear de ‘thighearnan na cruitheachd’ air a druim, gus gun seachnadh e a’ chìs.”
Agus bha plòigh aig cuid de mhuinntir Inbhir Nis fhèin airson a’ chìs a sheachnadh. Bha an fheadhainn seo a’ fuireach gu siar air an abhainn agus madainn
na Sàbaid, an àite a bhith a’ dol tarsainn na drochaid don eaglais, thigeadh iad cruinn air pìos fearainn, a bh’ ann an sealladh na h-eaglaise, airson
iomain a chluich. Nuair a thigeadh am ministear agus a choitheanal a-mach às an eaglais às dèidh an t-searmoin, chitheadh iad na cluicheadairean a’
briseadh na Sàbaid. Cha robh am ministear toilichte ach, nuair a dh’fhaighnich e dhiubh carson nach robh iad anns an eaglais, thuirt iad ris gur e cìs na
drochaid a chuir stad orra.
Dh’aontaich bàillidhean a’ bhaile a’ chìs a thogail Là na Sàbaid. Ach bha aig daoine fhathast ri a pàigheadh air gach là eile dhen t-seachdain. Agus chan
eil an Naochadair ag innse dhuinn cuine a chaidh a chìs a thogail no cuine a ghrunnaich am boireannach bochd mu dheireadh tarsainn Abhainn Nis le fear
spìocach air a druim.