FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin

An latha eile, bha mi a’ coimhead prògram telebhisein air a bheil mi rudeigin measail. ?S e sin an Repair Shop.

Audio is playing in pop-over.

Am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin

An latha eile, bha mi a’ coimhead prògram telebhisein air a bheil mi rudeigin measail. ʼS e sin an Repair Shop. Bidh daoine a’ toirt innealan no dealbhan no leabhraichean ann ma tha iad feumach air càradh. ʼS e prògram laghach a th’ ann.

Ged a tha a’ bhùth-obrach aca stèidhichte ann an ceann a deas Shasainn, bidh iad air an rathad uaireannan – gu àiteachan eile anns an Rìoghachd Aonaichte. Agus, o chionn ghoirid, bha iad ann an Siorrachd Pheairt.

Nuair a bha iad ann, thàinig càraid phòsta thuca le seann leabhar-ciùil a bha feumach air càradh. Bha an leabhar uaireigin le pìobaire a bha ainmeil anns an naoidheamh linn deug – am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin. Bha e ann an rèisimeid an Fhreiceadain Duibh.

ʼS e an rud a thog m’ aire mu dheidhinn gun robh teacsa an leabhair ann an Gàidhlig. Nise, chan eil mi cinnteach an robh barrachd na tiotalan nam port ann an Gàidhlig, ach bha sin ann co-dhiù. Cha chreid mi gun robh Beurla sam bith anns an leabhar.

Bha mi airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu Dhòmhnall MacIlleBhàin, no Donald Bain ann am Beurla. Bha cuid de na sinnsirean aige an sàs ann am Blàr Chùil Lodair – tha mi an dùil air taobh an Riaghaltais. Rugadh Dòmhnall ann an Gallaibh ann an ochd ceud deug is naoi-deug (1819). Tha cuid de na cunntasan mu dheidhinn ag ainmeachadh Inbhir Ùige mar àite-breith. Tha feadhainn eile ag ainmeachadh Taigh ʼan Ghròt. Co-dhiù, rugadh e ann an sgìre far nach robh mòran Gàidhlig ga bruidhinn. Chan eil sin a’ ciallachadh, ge-tà, nach robh an cànan aige na òige.

Nuair a bha e òg, bha Dòmhnall na chìobair. An uair sin, ghabh e àite anns an arm. Bha e thall ann an Ameireagaidh a Tuath agus anns na h-Innseachan. Ach dh’fhàs e ainmeil airson a sheirbheis ann an Crimea. Bha armailt aig na Breatannaich agus na Frangaich a’ sabaid an aghaidh nan Ruiseanach a bha a’ dìon a’ phuirt ainmeil air a bheil Sevastopol.

Bha batail ainmeil aig Abhainn Alma, tuath air Sevastopol. Rinn na Breatannaich agus na Frangaich a’ chùis. Agus am measg na chunnacas air blàr a’ bhatail, bha Dòmhnall MacIlleBhàin. Bha e a’ seinn na pìoba, eadhon ged a bha e ann an suidheachadh cunnartach. An dèidh sin, ghabh cuid ‘Gaisgeach na h-Alma’ air.

Bha e cho ainmeil aig an àm sin, ʼs gun deach urram mòr a thabhann dha – Pìobaire Pearsanta don Bhanrigh Bhictoria. Leig Dòmhnall an cothrom sin seachad, ge-tà, oir bhathar ag iarraidh fear nach robh pòsta. Agus bha Dòmhnall am beachd bean a ghabhail.

Bha e fìor mhath mar phìobaire agus bhiodh e a’ seinn na pìoba aig cuirmean air feadh Bhreatainn. Chaidh carragh-chuimhne don Fhreiceadan Dubh a thogail ann an Obar Pheallaidh. Nuair a bha cuirm-fhosglaidh ann, ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a seachd (1887), ’s e Dòmhnall MacIlleBhàin an riochdaire a bu shine aig an rèisimeid a bha an làthair.

Anns an earrainn mu dheireadh de a bheatha, bha Dòmhnall a’ fuireach ann an Dùn Dè. Bha e an sàs gu mòr ann an còmhlan pìoba an sin. Chaochail e ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895). Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Taobh Sear Dhùn Dè le làn-urram an airm – mar a bha iomchaidh do ghaisgeach cogaidh.

Litir 1361 Litir 1361 Litir 1363 Litir 1363

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!