FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Càl Chataibh

Ann an Litir mìle, ceud ?s a dhà-dheug (1,112) bha mi ag innse dhuibh mun dà sheòrsa càil a bha mi a’ fàs anns an leas agam.

Audio is playing in pop-over.

Càl Chataibh

Ann an Litir mìle, ceud ʼs a dhà-dheug (1,112) bha mi ag innse dhuibh mun dà sheòrsa càil a bha mi a’ fàs anns an leas agam. ’S iad sin an càl buan no perennial kale agus an càl ceairsleach no curly kale. Tha an càl buan fhathast agam ach an àite a’ chàil cheairslich, tha mi air seòrsa eile a chur am-bliadhna. Agus ʼs e seòrsa a th’ ann a bhuineas do Ghàidhealtachd na h-Alba.

Cha bu chòir dha a bhith na iongnadh gu bheil càl ann a chaidh a leasachadh ann an Alba. Bha ar sinnsirean a’ fàs càl de dhiofar sheòrsaichean air feadh na dùthcha. Tha e a’ dèanamh gu math anns an aimsir againn.

ʼS e an t-ainm a th’ air an t-seòrsa air a bheil mi a-mach Càl Chataibh, a rèir nan daoine a tha ga reic mar shìl. No, ann am Beurla, Sutherland Kale. A rèir aithris, bha e air fhàs le croitearan ann an Cataibh.

Ach càite ann an Cataibh? Uill, tha an fheadhainn a tha a’ reic an t-sìl ag ainmeachadh baile air a bheil West Drummie. Nise, chan aithne dhomh baile ann an Cataibh air a bheil an t-ainm sin. Tha amharas agam gu bheilear a’ ciallachadh West Drummuie faisg air Goillspidh. Ach chan urrainn a bhith cinnteach às a sin. Ma tha sibh eòlach air baile air a bheil West Drummie, nach cuir sibh fios thugam.

Co-dhiù, chaidh innse – agus gabhaidh seo leughadh air an eadar-lìon – gun d’ fhuaras an sìol bho bhoireannach air an robh Ealasaid Woolcombe. Ann an dà mhìle ʼs a seachd (2007), bha i naochad ʼs a trì bliadhna a dh’aois. Agus fhuair ise an càl sin bho fhear Aonghas Simmonds a bha a’ rannsachadh càil ann an Oilthigh Dhùn Èideann caogad bliadhna roimhe sin. Co-dhiù, ghlèidh Ealasaid sìol bho na lusan aice. Mura b’ e sin, ʼs dòcha gun robh an gnè sin de chàl air a dhol à bith.

Tha an fheadhainn a th’ air Càl Chataibh a chur anns an leas aca – tha iad air leth toilichte leis. Tha e làidir agus bidh e a’ fàs gu mu mheatair ann an àirde. Chan eil meanbh-fhrìdean a’ dèanamh cron air agus tha e a’ seasamh ris a’ ghaoith agus ri fuachd a’ gheamhraidh. Bidh e a’ fàs às ùr as t-Earrach an dèidh a’ gheamhraidh.

Gabhaidh dà phàirt dhen lus ithe – na duilleagan a tha car coltach ris na duilleagan aig seòrsaichean eile de chàl, agus na gasan ùra air am bi na flùraichean a’ fàs. Tha na gasan gu math milis agus coltach ri brocail òg. Tha cuid dhen bheachd gu bheil iad rudeigin coltach ri aspàrag. Nuair nach eil flùraichean air an lus, bidh daoine a’ bruich nan duilleagan. Tha blas math orrasan cuideachd.

Tha an càl seo a-nise sàbhailte. Tha e air fhàs ann an iomadh àite agus chan eil e ann an cunnart a dhol à bith. Ach tha ceist ann – a bheil e dha-rìribh na chàl? Buinidh na càil don ghnè Brassica oleracea. Ach tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gum buin an càl Catach do sheòrsa eile – Brassica napus. Thàinig sin gu bith mar tar-chineal eadar càl àbhaisteach (Brassica oleracea), snèap (Brassica rapa) agus an sgeallan dubh (Brassica nigra). ʼS ann aig a’ chàl seo a tha eachdraidh inntinneach!

Litir 1362 Litir 1362 Litir 1364 Litir 1364

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!