A bheil fios agaibh dè th’ ann am madadh-cuain? Ocean-wolf. ʼS e sin a’ Ghàidhlig air fear de na h-ainmhidhean as iongantaiche a chithear timcheall chostaichean na h-Alba. Ann am Beurla, ʼs e ‘killer whale’ no ‘orca’ a chanas daoine ri a leithid.
ʼS e mamail mara a th’ ann. Tha e càirdeach do leumadairean agus mucan-mara. Tha madaidhean-cuain air a bhith an sàs ann an droch thachartasan aig muir, faisg air an Spàinn agus Portagail. Tha buidhnean dhiubh air ionnsaigh a thoirt air bàtaichean, gu h-àraidh gheataichean. Chuir iad grunnan shoithichean fodha.
Ach a bheil, no an robh, na madaidhean-cuain a’ dèanamh an aon rud ann an uisgeachan na h-Alba? Uill, dh’aithris aon sgiobair o chionn ghoirid gun tug fear ionnsaigh air a’ gheat aige faisg air Sealtainn. Agus bha mi a’ leughadh, an latha eile, beachd aig fear le ceangal làidir do dh’eileanan an taoibh siar. Bha e an amharas gun robh madaidhean-cuain air bàtaichean a chur fodha far taobh an iar na h-Alba cuideachd.
Tha a chunntas ri leughadh anns an leabhar ‘Stories from South Uist’ – cruinneachadh de sgeulachdan agus naidheachdan aig Aonghas Beag, Aonghas Mac Ill Ialain à Uibhist a Deas. Bha iad air an cruinneachadh, agus air an eadar-theangachadh gu Beurla, leis an sgoilear, Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh.
Anns an leabhar, tha naidheachd aig Aonghas mu fhear Dòmhnall MacLeòid. Bha na sinnsirean aig Dòmhnall à Muile. Ach bha Dòmhnall fhèin a’ fuireach ann an Loch Baghasdal ann an Uibhist a Deas.
Bha e ag obair air bàt’-iasgaich. Bha iad latha far costa sear Uibhist, ri iasgach an sgadain, nuair a thàinig maighdeann-mhara am bàrr air an cùlaibh. Thilg a h-uile duine a bh’ air bòrd sgadan dhi. Cha deach i fodha. Ach, nuair a thilg Dòmhnall an sgadan aigesan, dh’fhalbh a’ mhaighdeann-mhara fodha sa bhad. Thuirt an sgiobair ris gum faigheadh Dòmhnall bàs le bàthadh uair no uaireigin.
Airson a bhith sàbhailte, dh’fhuirich Dòmhnall aig port airson bliadhna. Ach an uair sin, thàinig fear thuige. Bha e ag iarraidh a thaic ann a bhith a’ seòladh bàta à Loch Baghasdal gu ruige Loch Sgioport ann an ceann a tuath an eilein. Dh’aontaich Dòmhnall a chuideachadh.
Tha an còrr dhen sgeul air innse le fear Fionnlagh MacCoinnich, leis an robh Taigh-òsta Loch Baghasdail. ʼS e latha brèagha a bh’ ann, agus chunnaic Fionnlagh am bàta a’ falbh.
Nuair a bha i a’ tighinn na b’ fhaisge air Loch Sgioport chunnaic fear dhen luchd-obrach aig Taigh-solais Uisinis i. Chuir e a phrosbaig sìos agus dh’fhalbh e airson rudeigin eile a dhèanamh. Bha e air falbh deich mionaidean. Nuair a thill e, cha robh sgeul air a’ bhàta. Thuirt Fionnlagh gur dòcha gun tàinig cearban no muc-mhara suas fòidhpe agus gun deach a cur thairis.
Chuir an deasaiche, Fear Chanaigh, a bheachd ris. Choirich e madadh-cuain. Bha e an amharas gun robh madaidhean-cuain air grunnan bhàtaichean a chur fodha anns an dòigh sin. Bha e a’ sgrìobhadh o chionn còrr is seasgad bliadhna.