FaclairDictionary EnglishGàidhlig

‘Falkirk’ Mhoireibh

Bidh sibh eòlach air baile ris an canar Falkirk.

Audio is playing in pop-over.

‘Falkirk’ Mhoireibh

Bidh sibh eòlach air baile ris an canar Falkirk. Tha e suidhichte air a’ Mhachair Ghallta. ’S e An Eaglais Bhreac a chanas sinn ris ann an Gàidhlig.

Ach an robh fios agaibh gun robh baile eile ann air an robh Falkirk mar ainm? ’S e baile-fearainn a th’ ann agus tha e air Bràigh Mhoireibh. Tha e beag agus car iomallach an coimeas ris an Eaglais Bhric air a’ Ghalltachd.

Thàinig mi tarsainn air Falkirk Mhoireibh nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh air na sgrìobhaidhean aig Tòmas Dic Lauder. B’ esan an duine a sgrìobh pàipear mu iasgach an sgadain ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Bha mi ag innse dhuibh mu dheidhinn anns an Litir mu dheireadh.

Sgrìobh Lauder tòrr dhiofar rudan – ficsean agus cunntasan mu thachartasan agus eachdraidh. Am measg sin, bha cunntas mionaideach de na tuiltean ann am Moireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829). Rinn na tuiltean sin sgrios uabhasach.

Bha Lauder gu math eòlach air Moireibh. Chaidh e am measg nan uaislean agus nan tuathanach anns an sgìre sin an dèidh nan tuiltean. Fhuair e a-mach mun sgrios a rinn na h-aibhnichean is na h-uillt a bhris na bruaichean aca. Mar eisimpleir, chaill aon tuathanach trithead acaire de dh’fhearann – ann an àite far an robh e doirbh gu leòr bith-beò a dhèanamh co-dhiù.

Nuair a bha e a’ rannsachadh a’ ghnothaich, chuala Lauder naidheachd mu na madaidhean-allaidh mu dheireadh anns an sgìre. Bha dithis bhràithrean a’ fuireach ann am Falkirk, a bha ri taobh Abhainn Duibhidh. Bha fios aca gun robh saobhaidh aig na madaidhean-allaidh mu dheireadh ann am mòr-chlais faisg air Cnoc Bràigh Mhoireibh – eadar an taigh aca agus Loch nan Doirb.

Dh’obraich na bràithrean còmhla. Thug iad sùil air an t-saobhaidh. Nuair a dh’fhalbh pàrantan nan cuileanan a-mach airson sealg, chaidh fear de na bràithrean a-steach don t-saobhaidh. Bha biodag aige. Chùm a bhràthair sùil a-mach air an taobh a-muigh, eagal ’s gun tilleadh na madaidhean-allaidh mòra. B’ esan am freiceadan.

Chuir am fear a bha am broinn na saobhaidh às do na cuileanan gu furasta. Ach mus d’ fhuair e a-mach, thill na madaidhean mòra. Ghabh am freiceadan eagal a bheatha romhpa agus theich e. Cha tug e eadhon rabhadh do a bhràthair gun robh na madaidhean mòra ann.

Bha e air a nàrachadh mu na rinn e. Rinn e lotan air fhèin le a bhiodaig. Nuair a thill e dhachaigh, dh’inns e do mhuinntir an àite gun robh na madaidhean-allaidh air an dithis aca a lorg am broinn na saobhaidh. Bha sabaid ann agus mharbh na madaidhean a bhràthair.

Ge-tà, nuair a chaidh na daoine ann airson corp a bhràthar a thoirt dhachaigh, lorg iad e fhathast beò, ach air èiginn. Dh’inns e dhaibh mar a thachair. Thill na madaidhean mòra gun fhiosta dha. Ged a rinn e a’ chùis orra, chaidh a leòn gu dona. A rèir beul-aithris, chaidh a bhràthair, a bh’ air a thrèigsinn, a chrochadh gu bàs.

Nise, ged as e Falkirk a th’ air a’ bhaile mar ainm air na seann mhapaichean, ’s e Feakirk a chithear air mapaichean an latha an-diugh. Tha mi an dùil gu bheil e a’ tighinn bhon Ghàidhlig Fèith [na] Circe ‘the bog of the grouse’. Chanainn nach eil e ceangailte idir ri eaglais.

Litir 1355 Litir 1355 Litir 1357 Litir 1357

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!