FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Cidhe a’ Chaisteil Ruaidh

A bheil sibh eòlach air Linne Fharair?

Audio is playing in pop-over.

Cidhe a’ Chaisteil Ruaidh

A bheil sibh eòlach air Linne Fharair? The Beauly Firth – an linne-mhara eadar Drochaid Cheasaig agus A’ Mhanachainn, siar air Inbhir Nis.

Aig ceann an iar-thuath Linne Fharair, tha an Caisteal Ruadh. Bha mi ag innse dhuibh mu dheidhinn ann an Litrichean mìle, ceud is ceathrad (1140) agus mìle, ceud, ceathrad ’s a h-aon (1141). Aig a’ Chaisteal Ruadh, tha rudeigin annasach. ’S e cidhe a th’ ann, ach cidhe neo-àbhaisteach. Tha e caol, dìreach agus uabhasach fhèin fada. Tha e a’ stobadh a-mach gu muir, pìos mòr mòr bhon chladach.

An-uiridh, chaidh mi air chuairt gu ceann a-mach a’ chidhe. Tha e còmhdaichte an-diugh le feur agus iomadh lus fiadhain eile, agus tha an talamh gu math garbh. Ach tha e follaiseach mar a chaidh a thogail le mac an duine. Ann an cuid de dh’àiteachan tha na clachan spaideil. Bha iad air an dèanamh ann an cumadh ceàrnaichte a dh’aona-ghnothach.

Ach carson a chaidh cidhe a thogail an sin? Chan eil an cladach glan idir. Tha oitirean làthaich a’ cuairteachadh a’ chidhe. Eadhon aig an làn, cha bhiodh doimhneachd mhòr uisge ann. Chanainn gun robhar a’ dreideadh slighe a leigeadh le bàtaichean no bàirdsean faighinn a-mach ’s a-steach don chidhe. Agus dè bha na soithichean sin a’ giùlan? Bha clach-ghainmhich ruadh bho chuaraidh faisg air a’ chidhe. Feumaidh gun robh a’ chlach luachmhor.

Tha, agus bha, clach bho chuaraidh a’ Chaisteil Ruaidh a’ nochdadh ann an grunn àiteachan ann an sgìre Inbhir Nis agus san Eilean Dubh. Am measg sin, tha a’ chathair-eaglais anns a’ Chananaich, an t-seann mhanachainn ann an Inbhir Nis, seann mhanachainn ’ic Shimidh agus an Caisteal Ruadh fhèin, a tha a-nise na thobhta.

Ach nuair a bhathar a’ togail thogalaichean ùra, gu tric bhite a’ cleachdadh chlachan bho sheann togalaichean. Is cinnteach gu bheil clach a’ Chaisteil Ruaidh ri lorg, mar sin, ann an iomadh togalach ann an Inbhir Nis.

Air na fìor sheann mhapaichean, chan eil sgeul air a’ chidhe. Ach tha e air a’ mhapa aig Aaron Arrowsmith a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug ’s a seachd (1807). Bha dà dhiofar bhuidheann an sàs ann a bhith ga thogail.

Anns a’ chiad dol a-mach, nuair a bha feachdan pàrlamaideach Chrombail ann an Inbhir Nis ann am meadhan an t-seachdamh linn deug, thog iad dùn no citadel aig a’ chala. Fhuair iad clach airson sin bhon Chaisteal Ruadh. Agus thog iad an cidhe aig a’ Chaisteal Ruadh airson a’ chlach a thoirt a-null don làraich-thogail.

Aig toiseach an naoidheamh linn deug roghnaich an fheadhainn a bha a’ togail a’ Chanàil Chailleannaich clach bhon Chaisteal Ruadh a chleachdadh airson sin. Agus leudaich iad an cidhe. Thog iad loidhne-rèile airson a’ chlach a thoirt don chidhe bhon chuaraidh. ’S e eich a bha a’ slaodadh nan carbadan.

Aig an toiseach, bha an canàl ag aoidion. Anns na ceathradan dhen naoidheamh linn deug, bha clach bhon Chaisteal Ruadh air a cleachdadh airson obair-càraidh air ballachan a’ chanàil. Taobh a-staigh trithead bliadhna on uair sin, chaidh an cuaraidh a dhùnadh. Bha an cidhe air a chleachdadh airson greis mar raon-losgaidh aig na Ross-shire Volunteers. Ach a-nise, ’s e àite sìtheil a th’ ann a tha math airson coimhead air eòin.

Litir 1356 Litir 1356 Litir 1358 Litir 1358

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!