FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Sgadan Glan

Dè th’ ann an sgadan glan agus sgadan salach?

Audio is playing in pop-over.

An Sgadan Glan

Dè th’ ann an sgadan glan agus sgadan salach? Clean herring agus dirty herring? Uill, chan eil e cho sìmplidh sin. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh dè th’ ann ach, an toiseach, feumaidh mi innse dhuibh carson a tha mi a’ beachdachadh air a’ chuspair seo.

Air mo bheulaibh, tha lethbhreac agam de sheann phàipear. Chaidh fhoillseachadh ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846). ’S e an t-ainm a th’ air ‘Directions for Taking and Curing Herrings; and for Curing Cod, Ling, Tusk and Hake’.

Chaidh fhoillseachadh le Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatannaich no The Board of British Fisheries. ’S e an rud a tha iongantach mu dheidhinn gun robh e air eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Tha gach duilleag air a roinn eadar an dà chànan, a’ Bheurla air an taobh chlì agus a’ Ghàidhlig air an taobh dheas. ’S e an tiotal a th’ air ann an Gàidhlig ‘An Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan; agus air an Grèidhear an Trosg, an Langa, an Traille agus am Falmair’.

B’ e an t-ùghdar fear a bha rudeigin ainmeil ri a linn – An Ridire Tòmas Dic Lauder. Bha e na ‘Rùn-chlèireach’ aig Bòrd na h-Iasgaireachd – sin Secretary to the Fisheries Board. ’S e an t-Urr. Alasdair MacGriogair, Ministear-cuideachaidh ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach a rinn an t-eadar-theangachadh.

Tha e inntinneach gun robhar a’ tuigsinn cho cudromach ’s a bha e gum biodh an deagh chomhairle anns a’ phàipear air a leughadh le iasgairean Gàidhealach. Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha an t-uabhas dhaoine comasach air Gàidhlig a leughadh – gu h-àraidh Gàidhlig a’ Bhìobaill. Thug Gàidhlig a’ Bhìobaill buaidh mhòr air an eadar-theangadair. Mar sin, tha am pàipear ann an stoidhle, agus le briathrachas, a tha rudeigin clasaigeach, gun a bhith ro dhualchainnteach.

Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gu bheil trì seòrsaichean sgadain ann – an sgadan glan, an sgadan salach agus an sgadan ruithte. Airson tuigsinn dè th’ ann an sgadan glan, feumaidh mi dà fhacal a mhìneachadh dhuibh. Tha iuchair a’ ciallachadh fish roe – na meanbh-uighean aig sgadain bhoireann – iuchair; agus tha mealg a’ ciallachadh milt – no sìol nan sgadan fireann; mealg.

’S e sgadan glan iasg anns a bheil an iuchair no a’ mhealg air an dealbhadh. Ach chan eil iad air an leasachadh cus. Chan eil iad ro mhòr. Ann am Beurla, canar maties riutha. Is iad sin na sgadain as fheàrr mar bhiadh.

’S e an sgadan salach, ge-tà, am fear as luachmhoire oir tha e a’ coimhead nas reamhra na ’n sgadan glan. ’S e sgadan salach iasg anns a bheil an iuchair no a’ mhealg air a leasachadh gu mòr. Ann am Beurla, canaidh daoine full fish riutha.

Tha treas seòrsa ann, agus ’s e sin an sgadan ruithte no spent fish. Tha iad air cladhachadh mu-thràth. Tha sin a’ ciallachadh ‘they have already spawned’. Tha iad air cladhachadh. Chan eil iuchair no mealg annta tuilleadh. Tha iad a’ coimhead caol agus chan eil iad cho math mar bhiadh.

Sin agaibh na trì seòrsaichean a dh’aithnicheadh na Gàidheil ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Ma tha sibh fortanach gu leòr sgadan fhaighinn mar bhiadh, nach dèan sibh fhèin tomhas air – a bheil e glan, salach no ruithte?!

Litir 1354 Litir 1354 Litir 1356 Litir 1356

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!