FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Auchenflower

Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia, mhothaich mi gun robh àiteachan gu leòr ann a bha a’ giùlan ainm a bhuineadh do dhualchas nan Gàidheal.

Audio is playing in pop-over.

Auchenflower

Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia, mhothaich mi gun robh àiteachan gu leòr ann a bha a’ giùlan ainm a bhuineadh do dhualchas nan Gàidheal. Ann an Tasmania, mar eisimpleir, tha beanntan ann air a bheil Ben Nevis agus Ben Lomond.

Ann an Sydney, tha fo-bhailtean ann le ainmean Albannach. Gu tric, bha an t-ainm air a chur air taigh mòr no oighreachd. Nuair a chaidh am mòr-bhaile am meud, ghabh am fo-bhaile ùr ainm na h-oighreachd. Seo eisimpleirean a bhuineas do dhualchas nan Gàidheal: Balmoral, Blair Athol, Campbelltown agus Kyle Bay.

Mar as trice, chan eil an t-ainm agus coltas na tìre a’ tighinn a rèir a chèile mar a bhitheadh ann an Alba. Ge-tà, tha aon àite ann far a bheil an t-ainm stèidhichte, a rèir choltais, air cruth na tìre. ’S e sin Inverloch, no ‘Inverlock’ mar a chanas muinntir Astràilia ris. Tha e air a’ chladach ann am Bhictoria. Tha am baile suidhichte aig beul cumhang loch-mara ris an canar ‘Anderson Inlet’. B’ e an t-Albannach, Samuel Anderson, a’ chiad Eòrpach a chaidh a dh’fhuireach anns an sgìre anns an naoidheamh linn deug. Do Ghàidheal, tha an t-ainm a’ dèanamh ciall.

’S e a thug orm beachdachadh air a’ chuspair seo aithris mu fhèis Cheilteach a chaidh a chumail an-uiridh ann am Brisbane, prìomh bhaile Tìr na Banrigh. Thàinig daoine còmhla airson cultar nan ochd dùthchannan Ceilteach a chomharrachadh – ceòl, danns’ agus spòrs. Ochd dùthchannan? Seadh – Alba, Èirinn, a’ Chuimrigh, A’ Bhreatainn Bheag, Eilean Mhanainn agus a’ Chòrn – agus cuideachd Asturias agus Galicia.

Bha an fhèis ann am pàirc far a bheil carragh-cuimhne ann do na dùthchannan Ceilteach. Agus tha a’ phàirc ann an sgìre ris an canar Auchenflower. ’S e sin ainm Gàidhealach à Alba. Thuirt an fheadhainn a chuir an fhèis air dòigh gun robh e iomchaidh a cumail ann an àite le ainm Ceilteach a tha a’ ciallachadh ‘field of flowers’.

Tha dà àite ann an Alba air a bheil Auchenflower mar ainm. Tha iad san iar-dheas ann an seann Ghàidhealtachd Charraig agus Ghall-Ghàidhealaibh. Tha fear dhiubh deas air Cill Chuithbeirt no Kirkcudbright ann an Gall-Ghàidhealaibh. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ dearbhadh gu bheil an t-ainm a’ tighinn bhon Ghàidhlig Achadh nam Flùr ‘the field abounding in flowers’.

Tha am fear eile tuath air sin, ann an Carraig, sear air Baile na Tràgha no Ballantrae ann an Siorrachd Àir a Deas. ’S e oighreachd a bh’ ann a bha leis an teaghlach aig Tòmas Mac Ille Riabhaich no McIlwraith – seann ainm Gàidhealach a bhuineas do Charraig. Cheannaich Tòmas taigh ann am Brisbane ann an ochd ceud deug is ochdad (1880). Chuir e an t-ainm Auchenflower air. Bha Tòmas na Phrìomhaire ann an Tìr na Banrigh.

Tha eachdraidh mhòr aig an taigh. Bha triùir phrìomhairean a’ fuireach ann mus deach a ghluasad, an toiseach gu taigh-tasgaidh fosgailte, agus an uair sin gu sgìre eile. Ach dh’fhàg e ainm Gàidhealach às a dhèidh – agus dualchas a tha iomchaidh airson fèis Cheilteach anns an latha an-diugh.

Litir 1353 Litir 1353 Litir 1355 Litir 1355

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!