FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sionnach na Maoile

Bha mi ag innse sgeulachd dhuibh à Gall-Ghàidhealaibh anns an Litir mu dheireadh.

Audio is playing in pop-over.

Sionnach na Maoile

Bha mi ag innse sgeulachd dhuibh à Gall-Ghàidhealaibh anns an Litir mu dheireadh. Thachair i aig Maol Gall-Ghàidheil, The Mull of Galloway.

Thàinig am facal mull bhon Ghàidhlig maol. Tha faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil maol, anns a’ cho-theacsa seo, a’ ciallachadh ‘cape, promontory’.

Tha Maol Ghall-Ghàidheil gu math creagach, le bearraidhean àrda, casa. Tha maol ainmeil eile ann an Alba, car dhen aon seòrsa. ’S e sin Maol Chinn Tìre, The Mull of Kintyre. Leis gur e àite creagach a th’ ann, tha am facal creag a’ nochdadh ann an ainmean-àite faisg air a’ Mhaol – mar eisimpleir Creag na h-Iolaire agus Creag a’ Mhadaidh. Ach, air na mapaichean, chan eil sgeul air Creag an t-Sionnaich. Agus chan e Creag a’ Mhadaidh Creag an t-Sionnaich.

Is mòr am beud nach eil Creag an t-Sionnaich air na mapaichean oir dh’inns an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacIlleMhìcheil, sgeul annasach mu a deidhinn, agus mar a fhuair i a h-ainm. Bha sin ann an Carmina Gadelica.

Bha sionnach a’ fuireach faisg air Maol Chinn Tìre o chionn fhada. Bhiodh e a’ sealg pìos mòr air falbh bhon t-saobhaidh aige. Bhiodh e a’ sealg nan caorach aig tuathanaich. Bha na tuathanaich a’ call caoraich gu leòr.

Chan e sin a-mhàin, ach bha iad a’ call an cuid chon cuideachd. Seo na bha a’ tachairt. Bha na coin a’ ruagadh an t-sionnaich. Bha iad a’ ruigsinn bearradh a’ Mhaoil agus a’ tuiteam dom bàs thar na creige. Bhiodh na tuathanaich a’ lorg an closaichean aig bonn a’ bhearraidh.

Ge-tà, cha do dh’fhuiling an sionnach cron sam bith. An ath latha, bhiodh e a’ tilleadh gu bhith a’ sealg nan caorach, agus e cho fallain ri breac.

Cha do thuig duine mar a bha am madadh gam mealladh. Dh’fhastaich na tuathanaich brocair airson an cuideachadh. Chaidh e sìos am bearradh air ròpa. Lorg e craobh-chaorainn òg a bha a’ fàs a-mach às a’ chreig. Thuig e na bha a’ tachairt.

Bhiodh an sionnach a’ leum far na creige. Ach, eucoltach ris na coin a bha ga leantainn, bhiodh e a’ leum a dh’aona-ghnothach air a’ chraoibh-chaorainn, a’ glacadh geug le a bheul. Le cuideam an t-sionnaich a’ tighinn air, bhiodh an geug a’ lùbadh gu snog, a’ leigeil leis a’ mhadadh leum dheth agus coiseachd gu sàbhailteachd air palla cumhang.

Bhiodh a’ chraobh a’ tilleadh air ais mar a bha i roimhe, deiseil airson an ath thurais a thigeadh an sionnach oirre bho gu h-àrd. Gheàrr am brocair a’ chraobh agus chuir e air ais i ann am fròg anns a’ chreig.

An ath thuras a theich an sionnach ro na coin, cha do sheas a’ chraobh gheàrrte ri a chuideam. Chaidh closach a’ mhadaidh a lorg aig bonn a’ bhearraidh, agus geug dhen chraoibh fhathast na bheul.

Bha an sionnach sin ainmeil mar Sionnach na Maoile. Bha an samhla ann – cho seòlta ri sionnach na Maoile. ’S e a bha seòlta, gu dearbh.

Litir 1352 Litir 1352 Litir 1354 Litir 1354

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!