FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Leann-fraoich (2)

Anns an Litir mu dheireadh, dh’inns mi sgeulachd thraidiseanta à Gall-Ghàidhealaibh.

Audio is playing in pop-over.

Leann-fraoich (2)

Bha mi ag innse seann sgeulachd thraidiseanta à Gall-Ghàidhealaibh dhuibh. Bha feachd mòr aig Niall Naoi-ghiallach, Àrd-rìgh na h-Èireann. Bha iad a’ toirt ionnsaigh air na Cruithnich mu dheireadh ann an Gall-Ghàidhealaibh. Bha na Cruithnich air an iomain gu tairbeart faisg air Maol Ghall-Ghàidheil. Cha robh ach ceathrar aca air fhàgail beò – seann duine agus a thriùir mhac.

Air cùl an tairbeirt bha dìg agus uchdan. Tha iad fhathast ann. Canaidh daoine na double-dykes riutha. Dh’fhuirich an ceathrar ghaisgeach an sin airson seachdain. Chuir iad stad air na Gàidheil.

Anns an sgeulachd, bha na Cruithnich gan cumail fhèin beò air biadh ris an canar ‘biadh nan treun’ – the food of the heroes. Ged a tha an cunntas sgrìobhte ann am Beurla, ’s e an t-ainm Gàidhlig a chleachd an sgrìobhadair. Ach gu mì-fhortanach, chan eil e a’ mìneachadh dè th’ ann ann am ‘biadh nan treun’.

Mu dheireadh, an dèidh seachdain, cha robh biadh air fhàgail. Dh’aontaich an seann duine bruidhinn ri teachdaire aig Niall. Gheall an teachdaire dhaibh gum biodh iad air leigeil mu sgaoil gun chron nan innseadh iad do na Gàidheil mar a dhèanadh iad leann-fraoich.

Dh’aontaich am bodach, ach air cùmhnant car annasach. Bhiodh e fhèin agus a dhithis mhac a b’ òige air an cur gu bàs. Mar sin, chan fhaiceadh iad mar a bha an rùn-dìomhair aca air a thoirt seachad. An uair sin, bhiodh an gille a bu shine aige – air an robh Trost mar ainm – ag innse don t-Sionnach (am fear-brathaidh Cruithneach aig Niall) ann an cagair mar a dhèanadh iad leann-fraoich. ’S e an Sionnach – am brathadair – a bhriseadh dìomhaireachd na reasabaidh. Agus bhiodh Trost air a shaoradh gun chron air.

Dh’aontaich an rìgh ris a’ chùmhnant. Chaidh an Sionnach air adhart le claidheamh na làimh. Cha robh armachd sam bith aig Trost. Dh’iarr Trost air an fhear eile dhol cuide ris gu mullach a’ Mhaoil. Bha iad air bearradh, gu h-àrd os cionn na mara.

Bha iomagain air an t-Sionnach. Ach bha fios aige nach robh an rìgh dèidheil air. Mura faigheadh e an reasabaidh mar a chaidh iarraidh, bha fios aige gum biodh e air a chur gu bàs. Cha robh roghainn aige. Lean e air Trost gu mullach a’ bhearraidh.

‘Thig nas fhaisge,’ thuirt Trost ris. ‘Chan fhaod duine sam bith eile ach thu fhèin an reasabaidh dhìomhair airson leann-fraoich a chluinntinn bho mo bhilean.’

Theannaich an Sionnach a ghrèim air a’ chlaidheamh. Thug e sùil air Trost. Agus thug e sùil air ais air na saighdearan Gàidhealach a bha faisg, agus a’ fàs mì-fhoighidneach. Bha e a-nise ri taobh a’ Chruithnich òig.

Gu h-obann agus gun rabhadh, chuir Trost a ghàirdeanan timcheall an duine eile gus nach togadh e a chlaidheamh. Ghabh Trost grèim teann air. Dh’èigh e gum biodh an rùn-dìomhair air a ghlèidheadh gu sìorraidh. Leum e far a’ bhearraidh, a’ toirt an t-Sionnaich leis. Agus sin mar a chùm na Cruithnich an reasabaidh dìomhair gu sìorraidh.

Litir 1351 Litir 1351 Litir 1353 Litir 1353

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!