An cuala sibh riamh mu Operation Tabarin? B’ e sin ainm-còd airson pròiseact dìomhair anns an Dàrna Cogadh. Chuir Breatainn sgioba don Antartaig. Cha robh iad armaichte. Bha iad ann airson agairt Bhreatainn air tìrean ann an ceann a deas a’ Chuain Siar a neartachadh – gu sònraichte Na h-Eileanan Fàclannach agus na h-eileanan beaga a bha ceangailte riutha, ann an sealladh Bhreatainn, co-dhiù.
Nise, chan eil mi cinnteach a bheil mi ga fhuaimneachadh dòigheil. Operation Tabarin no Operation Tabarin? T-A-B-A-R-I-N. Thàinig an t-ainm bho Bal Tabarin – club-oidhche ainmeil ann am Paris. Mar sin, tha mi a’ dol a chleachdadh an fhuaimneachaidh Fhrangaich.
Carson a tha mi ag innse dhuibh mu Operation Tabarin? Tha, a chionn ʼs gun robh Gàidheal mar phàirt dheth. B’ esan Iain MacMhathain. Bhuineadh e do Shìldeag ann an Ros an Iar. Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn bhon leabhar ‘John Matheson: Antarctic Seafarer’ le Iain MacIllInein, a bhuineas do Shìldeag.
Ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1943), chuir riaghaltas Bhreatainn plana air dòigh airson feadhainn a chur don Antartaig. Bha iad airson ionadan-rannsachaidh a chur air dòigh anns am biodh daoine a’ fuireach fad an t-siubhail. Bha dragh ann nach robh Argentina no Chile a’ gabhail ris gur ann le Breatainn a bha na tìrean Fàclannach.
A bharrachd air sin, bha cogadh a’ dol. Bha dragh air riaghaltas Bhreatainn gum biodh cuid de dhùthchannan a’ feuchainn ri pàirtean dhen Antartaig a ghabhail dhaibh fhèin an dèidh a’ chogaidh. Le bhith a’ cur sgioba do na h-àiteachan sin, bha Breatainn an dùil stad a chur air càil dhen t-seòrsa.
Bha a h-uile rud mu Operation Tabarin dìomhair. Dh’fhàg iad Breatainn as t-Samhain naoi ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1943). Chaidh iad an toiseach gu Port Stanley anns na h-Eileanan Fàclannach. Lean iad orra an uair sin gu Deception Island a th’ anns na h-Eileanan Sealtainneach a Deas.
Dh’fhàg iad còignear air an eilean sin. Bha iad gu bhith ann airson mìosan – gu dearbh, fad geamhradh a’ chinn a deas. Bha Iain MacMhathain – a bha aithnichte do luchd na Beurla mar ‘Jock Matheson’ – am measg na feadhna sin. B’ esan an aon duine dhen chòignear a bh’ air a bhith anns an Antartaig roimhe – agus innsidh mi dhuibh beagan mu dheidhinn eachdraidh mar mharaiche anns an ath Litir.
Bha Deception Island air leth math mar acarsaid. ʼS e caldara a th’ ann – seann bholcàno. Tha e ann an cumadh cearcaill. Aig aon cheann dheth, tha caolas beag ann a leigeas le soithichean-mara faighinn a-steach. Ach a-mhàin sin, tha an acarsaid air a cuairteachadh le talamh an eilein. ʼS e àite air leth fàbharach a th’ ann do mharaichean. Ach tha aon duilgheadas ann – tha a’ bholcàno fhathast beò agus bidh i a’ spreadhadh bho àm gu àm!
Rinn an còignear an dachaigh ann an seann togalach a bha le sealgairean mhucan-mara. Lean càch orra gu ruige Port Lockroy air Wiencke Island. Tha sin air Leth-eilean na h-Antartaig. Innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh agus na thàinig à Operation Tabarin an-ath-sheachdain.