Bha Iain Beag MacAnndra mar phàirt de bhuidheann ann an Coileachaidh ann an Srath Èireann a chuir stad air Abraich a bh’ air creach a thogail. Mharbh Iain ceannard nan Abrach le a bhogha. Dh’èigh uachdaran Choileachaidh, ‘Tapadh leat, Iain Bhig MhicAnndra à Dail na h-Aitnich, ’s e do làmh fhèin a rinn sin!’
Bha uachdaran Choileachaidh – Mac an Tòisich a bh’ ann – ag iarraidh gun dèanadh na h-Abraich dìoghaltas air Iain Beag, seach air muinntir Choileachaidh. Thuig Iain fhèin sin. Nuair a chuala e faclan an uachdarain, dh’èigh e, ‘Mìle mallachd air do theangaidh, a Mhic an Tòisich!’
Chuala gille, a bha na bheachdair do na creachadairean, a h-uile càil agus thill e dhachaigh. Bha e air a bhith a’ coimhead a’ ghnothaich bho phìos air falbh. B’ esan an aon Abrach a fhuair dhachaigh beò.
Fhuair na h-Abraich a-mach cà’ robh Dail na h-Aitnich. Chuir iad air dòigh sgioba de sheachdnar a rachadh ann airson Iain Beag a mharbhadh. Gu mì-fhortanach dhaibh, cha robh fios aig duine aca dè an coltas a bh’ air Iain.
Bha Iain deiseil air an son. Chuir e bogha agus stòras de shaighdean gu h-àrd ann an craobh-ghiuthais mhòr faisg air an taigh aige. Bha iad falaichte an sin.
Thàinig na h-Abraich. Chunnaic Iain iad agus chaidh e a choinneachadh riutha. ‘Càit a bheil taigh Iain Bhig MhicAnndra?’ thuirt iad ris.
‘Seallaidh mi sin dhuibh,’ fhreagair Iain. Agus thug e don taigh aige fhèin iad. Bha a bhean a-staigh agus thuig i sa mhionaid gun robh na coigrich ann le droch rùn.
Thug i sgleog air cluas Iain agus thuirt i ris, ‘Thalla is faigh do mhaighstir. Tha e sa mhonadh leis a’ chrodh. Agus bi sgiobalta!’
Dh’fhalbh Iain a-mach ach tuigidh sibh nach deach e chun a’ mhonaidh. Shreap e suas gu mullach na craoibhe-giuthais far an robh a bhogha is saighdean. Thug a bhean biadh is deoch do na h-Abraich. Cha tuirt duine aca carson a bha iad ag iarraidh bruidhinn ri Iain. Ach bha fios aice fhèin! Thug i sùil a-mach air an uinneig. ‘Tha an duine agam ann a-nise,’ thuirt i.
Cha do thuig na h-Abraich gun robh iad ann an cunnart sam bith. Dh’fhalbh iad a-mach, fear mu seach, agus loisg Iain Beag orra bhon àite fhalaichte aige air a’ chraoibh.
A rèir beul-aithris, leig Iain le aon duine maireachdainn beò airson ’s gun rachadh e dhachaigh a dh’innse dè thachair. Agus chan eil cunntas sam bith ann gun do dh’fheuch duine sam bith eile ri Iain Beag a mharbhadh.
Ach mòran bhliadhnaichean an dèidh làimhe, chaidh seachd uaighean aithneachadh faisg air Dail na h-Aitnich – a’ ciallachadh gun deach an seachdnar gu lèir a mharbhadh. Airson a bhith cinnteach gur e uaighean a bh’ annta, chaidh a dhà dhiubh a chladhach agus chaidh claignean agus cnàmhan coise aig daoine a lorg annta.
Tha dreachan eile air an sgeul ach tha e a’ coimhead coltach gu bheil iad stèidhichte air fìor thachartasan agus air fìor dhuine. Chaidh carragh-chuimhne do dh’Iain a thogail air taobh thall na h-aibhne bho Dhail na h-Aitnich. Tha i ann fhathast.