Ann an àite iomallach ann an Srath Spè, tha baile beag ann faisg air an t-slighe far an do thog an Seanalair Wade rathad-airm anns an ochdamh linn deug. Air na mapaichean, ’s e Dalnahaitnach a th’ air mar ainm. Ach tha cunntasan Beurla ann mu dheidhinn, agus ’s e Dalnahatnich a th’ air. Saoilidh mi gu bheil iad a’ riochdachadh na Gàidhlig Dail na h-Aitnich ‘the meadow of the juniper-place’. Tha a’ chraobh-aitinn cumanta gu leòr anns an sgìre sin, eadhon an-diugh.
Co-dhiù, ceart no ceàrr mi, tha mi a’ dol a ghabhail ‘Dail na h-Aitnich’ air a’ bhaile. Ach carson a tha mi a’ beachdachadh air an àite sin? A chionn ’s gur ann an Dail na h-Aitnich a bha Iain Beag MacAnndra a’ fuireach. Ged a bha Iain beag, cha robh e bog. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.
An toiseach, feumaidh mi innse dhuibh cà’ bheil Dail na h-Aitnich. Tha e ann an suidheachadh àlainn ri taobh Uisge Thulnain – the River Dulnain. Tha e beagan mhìltean suas an abhainn bho Dhrochaid Chàrr aig ceann rathad beag sàmhach. Ged a tha rathad mòr an A9 agus loidhne-rèile meadhanach faisg, nuair a ruigeas tu Dail na h-Aitnich, tha an t-àite sìtheil. Tha thu air do chuairteachadh le nàdar – abhainn, coille agus monadh fraochach.
Cha robh an t-àite an-còmhnaidh cho sàmhach, ge-tà. Bha e air ‘Rathad nam Mèirleach’ air am biodh luchd-togail na creiche a’ toirt sprèidh dhachaigh a Loch Abar bhon ear-thuath. Nise, cha chreid mi gur e aon rathad a bh’ ann an Rathad nam Mèirleach, ach slighe fharsaing ioma-mheurach eadar Loch Abar agus an talamh torrach ann an Srath Èireann agus cladaichean Linne Mhoireibh. Bhiodh na h-Abraich a’ togail na creiche ann agus a’ tilleadh dhachaigh, ag iomain feudail.
Bha Iain Beag MacAnndra à Dail na h-Aitnich na bhoghadair ainmeil. Tha cuid a’ cumail a-mach nach robh boghadair na b’ fheàrr na Iain air a’ Ghàidhealtachd air fad. No math dh’fhaodte ann an Alba air fad. Seo agaibh aon sgeul mu Iain à beul-aithris Shrath Spè.
Bha uachdaran an Achaidh Luachraich ann an Loch Abar os cionn gràisg a thog creach air an fhearann aig an Ròsach ann an Cill Ràthaig, faisg air Inbhir Nis. Bha iad a’ tilleadh dhachaigh leis an fheudail aca tro Shrath Èireann, pìos gu tuath air Dail na h-Aitnich. Bha fios air a dhol a-mach gu muinntir Shrath Èireann stad a chur air na mèirlich. Nan dèanadh iad sin, gheibheadh iad duais nach beag bhon Ròsach.
Bha iad a’ feitheamh ris na mèirlich ann an Coileachaidh ann an Srath Èireann. Bha muinntir Chill Ràthaig a’ leantainn nan creachadairean cuideachd. Bha uachdaran Choileachaidh air iarraidh air Iain Beag taic a thoirt dha, leis gun robh e cho sgileil leis a’ bhogha. A rèir aithris, bha Iain ann an Srath Èireann aig an àm air gnothach eile.
Ann an Coileachaidh bha còmhrag mhòr ann. Mharbh Iain gu leòr de na h-Abraich le a bhogha. Nam measg, bha an ceannard – uachdaran an Achaidh Luachraich. Gu mì-fhortanach do dh’Iain, dh’èigh uachdaran Choileachaidh ann an guth mòr, ‘Tapadh leat, Iain Bhig MhicAnndra à Dail na h-Aitnich, ’s e do làmh fhèin a rinn sin!’ Bhiodh fios aig na h-Abraich cò a bu choireach. Chuireadh iad romhpa dìoghaltas a ghabhail air Iain Beag MacAnndra.