Bha mi ag innse dhuibh mar a sgrìobh an sreapadair Albannach, A.M. Kellas, gu Tormod Collie mun Fhear Liath Mhòr. Bha Kellas agus a bhràthair a’ rùrachadh airson chriostalan ann an glac faisg air mullach Beinne MhicDuibh. Gu h-obann, chunnaic iad famhair a’ tighinn gan ionnsaigh bhon chàrn-mhullaich. Theich an dithis bhràithrean cho luath ’s a b’ urrainn, agus an t-eagal orra.
Bha am Fear Liath Mòr aithnichte roimhe sin. Tràth anns an naoidheamh linn deug, bha an sgrìobhadair Seumas Hogg air sgrìobhadh mu dheidhinn. Sgrìobh John Hill Burton mu dheidhinn cuideachd, anns an leabhar aige The Cairngorm Mountains, a chaidh fhoillseachadh ann am meadhan an naoidheamh linn deug.
Ceud bliadhna an dèidh sin, sgrìobh an sreapadair Peter Densham mu dheidhinn. Bha esan an sàs ann a bhith a’ dèanamh cobhair air luchd-itealain a thàinig a-nuas anns a’ Mhonadh Ruadh tron Dàrna Cogadh. Bha e na shuidhe, ag ithe teòclaid air mullach Beinne MhicDuibh anns a’ Chèitean naoi ceud deug, ceathrad ’s a còig (1945). Bha e leis fhèin. ’S e latha soilleir a bh’ ann.
Dh’fhairich Peter fuachd agus cuideam air amhaich. Sheas e agus chuala e fuaim mar chnagadh faisg air càrn a’ mhullaich. Cha robh e a’ creidsinn anns an stòiridh mun Fhear Liath Mhòr ach thàinig droch fhaireachdainn air, agus ghabh e eagal. Thòisich e air ruith.
Bha e mar gun robh cuideigin ga phutadh a dh’ionnsaigh Creag an Leth-choin às am biodh e a’ tuiteam gu a bhàs. Chaidh aige air a shlighe atharrachadh, ach cha do stad e a ruith gus an robh e shìos anns a’ Ghleann Mhòr.
Anns an leabhar aice The Secret of Spey, sgrìobh Wendy Wood mu thuras a bh’ aicese anns a’ Làirig Ghrù faisg air Beinn MacDuibh. Ged a bha i leatha fhèin, chuala i guth a’ bruidhinn rithe. Bha i a’ smaoineachadh gur ann ann an Gàidhlig a bha e a’ bruidhinn.
’S iomadh duine eile a rinn aithris air an aon seòrsa rud anns an aon nàbachd. Mar bu trice, ’s e faireachdainn a fhuair iad, seach sealladh. Ach rinn an sreapadair Tom Crowley tuairisgeul de na chunnaic e. Bha sin tràth anns na ficheadan dhen linn a dh’fhalbh.
Bha Crowley a’ teàrnadh bhon Bhràigh Riabhach gu ruige Gleann Eanaich. Chuala e cas-cheumannan air a chùlaibh. Thug e sùil agus chunnaic e famhair liath. Theich e don ghleann cho luath ’s a b’ urrainn. An dèidh làimhe, thuirt e gun robh cluasan biorach aig an fhamhair, agus casan fada air an robh spògan biorach.
A-nise, tha mi airson na gheall mi o chionn fhada innse dhuibh – cò bh’ anns an Fhear Liath Mhòr a rèir muinntir an àite. Bha iad dhen bheachd gur e an taibhs aig Uilleam Ruigh ’n Uidhe a bh’ ann. ’S e bàrd agus sealgair a bh’ ann an Uilleam. B’ esan a sgrìobh an t-òran ainmeil ‘Aig Allt an Lochain Uaine’.
Ghabh e pàirt ann am Blàr La Coruña anns an Spàinn ann an ochd ceud deug ’s a naoi (1809). Chaidh a leòn agus chaochail e ann am Portsmouth air an rathad dhachaigh. Leis nach d’ fhuair e air ais don sgìre aige fhèin, dhan tug e gràdh, tha an taibhs aige fhathast gu neo-shocrach a’ coiseachd nam beann mar a bhiodh am bàrd fhèin fhad ’s a bu bheò e.