FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Fear Liath Mòr (1)

Ann an Litir 8 – a sgrìobh mi cha mhòr sia bliadhna fichead air ais – bha mi ag innse dhuibh mun t-sreapadair Tormod Collie.

Audio is playing in pop-over.

Am Fear Liath Mòr (1)

Ann an Litir 8 – a sgrìobh mi cha mhòr sia bliadhna fichead air ais – bha mi ag innse dhuibh mun t-sreapadair Tormod Collie. Bha Collie gu math measail air a’ Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach. B’ e cuspair na Litreach taibhs anns a’ Mhonadh Ruadh air a bheil mar ainm ‘Am Fear Liath Mòr’.

Tha mi a’ tilleadh don chuspair sin anns an Litir seo air dà adhbhar. Anns a’ chiad dol a-mach, ’s ann o chionn ceud bliadhna a dh’fhoillsich Collie a bheachd, co-dhiù ann am Breatainn, gun robh taibhs a’ fuireach faisg air mullach Beinne MhicDuibh. Bha sin aig coinneamh de Chlub a’ Mhonaidh Ruaidh ann an Obar Dheathain ann an naoi ceud deug is còig air fhichead (1925).

’S e an t-adhbhar eile gu bheil mi air tilleadh don chuspair gun do bhris mi gealladh. Feumaidh mi aideachadh – le beagan nàire – gun do gheall mi dhuibh – no do luchd-èisteachd nan Litrichean aig an àm sin – gun innsinn dhaibh cò an taibhs a bh’ ann, co-dhiù ann am beachd muinntir an àite. Tha mi air a bhith a’ coimhead tro thasglann nan Litrichean, feuch faighinn a-mach an do choilean mi an gealltanas sin. Tha e a’ coimhead coltach nach do choilean. Obh obh. Mo leisgeul airson sin. Cuiridh mi sin ceart an-ceartuair!

Ach an toiseach, thèid sinn air ais ceud bliadhna. Dh’inns Tormod Collie – a bha na Phroifeasair de Cheimigeachd Orgànach ann an Oilthigh Lunnainn – aig coinneamh de Chlub a’ Mhonaidh Ruaidh – gun robh e air eagal a bheatha a ghabhail trithead ’s a còig bliadhna roimhe. Bha e leis fhèin, a’ coiseachd thar mullach Beinne MhicDuibh – a’ bheinn as àirde sa Mhonadh Ruadh.

Chuala Collie fuaim annasach. Bha i ceòthach agus chan fhac’ e dad. Airson gach trì no ceithir ceumannan a ghabhadh esan, bhiodh aona bhrag mhòr ann air a chùlaibh, mar gu robh cas mhòr mhòr a’ bualadh na talmhainn. Bha Collie a’ smaoineachadh gur e famhair a bh’ ann. Mu dheireadh, ghabh e eagal cho mòr ’s gun do ruith e sìos a’ bheinn airson ceithir no còig mìle gun stad gus an do ràinig e a’ choille.

Cha b’ e sin a’ chiad turas, ge-tà, a dh’inns Collie mu na thachair dha an latha sin. Bliadhnaichean roimhe, bha e ann an Sealann Nuadh. Dh’inns e do shreapadairean anns an dùthaich sin mun taibhs a dh’fhairich e air Beinn MacDuibh. Chuala an sreapadair is neach-saidheans, Alasdair Kellas, mu dheidhinn sin, agus sgrìobh e gu Collie mun taibhs.

Rugadh Kellas ann an Obar Dheathain agus, mar shreapadair, feumaidh gun robh e eòlach air a’ Mhonadh Ruadh. Bha e gu math aithnichte air feadh an t-saoghail airson an rannsachaidh a rinn e air comasan daoine a bhith a’ sreap, gun ogsaidean a bharrachd, gu mullaichean nam beann as àirde anns an t-saoghal. Bha e dhen bheachd gum biodh daoine comasach dhol gu mullach Beinn Everest às aonais ogsaidean a bharrachd. Chaidh a dhearbhadh gun robh e ceart ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1978) nuair a rinn Reinhold Messner agus Peter Habeler a’ chùis. Co-dhiù, sgrìobh Kellas gu Collie gun robh e fhèin air am Fear Liath Mòr fhaicinn.

Agus tha barrachd dhaoine na sin air aithris gun do dh’fhairich iad am Fear Liath Mòr. Bheir sinn sùil air feadhainn aca an-ath-sheachdain.

Litir 1338 Litir 1338 Litir 1340 Litir 1340

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!