FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ar-a-mach Bheàrnaraigh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun droch shuidheachadh ann am Beàrnaraigh Leòdhais o chionn ceud gu leth bliadhna.

Audio is playing in pop-over.

Ar-a-mach Bheàrnaraigh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun droch shuidheachadh ann am Beàrnaraigh Leòdhais o chionn ceud gu leth bliadhna. Thàinig triùir mhaor air tìr anns an eilean le pàipearan bàirlingidh – eviction notices – do na croitearan. Bha na croitearan feargach. Dhiùlt iad coinneachadh far an robh na maoir ag iarraidh coinneachadh riutha.

Chuir na croitearan às leth a’ mhaoir-fhearainn, Seumas MacRath, gun robh e eas-onarach oir bha e a’ feuchainn ris an cùmhnant a rinneadh a bhriseadh. Cha d’ fhuair iad èisteachd sam bith. Mar a tha am bàrd is sgoilear Beàrnarach, Dòmhnall MacAmhlaigh, ga chur, ‘Dhealaich an dà bhuidheann ri chèile glè mhì-riaraichte.’

Nuair a dh’fhalbh na h-oifigearan, bha e a’ fàs dorch. Lean òigridh anns an dorchadas iad. Thilg iad caoranan agus plocan orra. Mhaoidh an t-oifigear-siorraim – Cailean MacGillFhinnein – orra, ag ràdh nam biodh gunna air a bhith aige, gum biodh màthraichean ann am Beàrnaraigh a’ caoidh bàs am mac.

Chuir na h-oifigearan seachad an oidhche aig Tuath Thàcleit. Nuair a thill iad a bhruidhinn ris na croitearan sa mhadainn, mhaoidh MacGillFhinnein orra a-rithist gun cuireadh e a ghunna gu feum nan aghaidh. Mar a tha Dòmhnall MacAmhlaigh a’ sgrìobhadh, ‘Chuir seo am fuaim air feadh na fìdhle.’

Chan e a-mhàin na croitearan a bha feargach. Bha na h-iasgairean a’ dèanamh deiseil gus falbh gu muir ach leig iad sin seachad. Bha buidheann mhòr a’ feitheamh ris na h-oifigearan nuair a ràinig iad an t-eathar aca air a’ chladach.

Bha triùir chroitearan a’ seasamh a-mach mar fhir-labhairt airson nan eileanach. B’ iad sin Aonghas Thormoid, Iain Chaluim agus Tormod Mhurchaidh. Bha tuasaid ann air a’ chladach ach cha robh fòirneart ceart ann.

Ceala-deug an dèidh seo, bha Aonghas Thormoid ann an Steòrnabhagh. Chunnaic Seumas MacRath e air thuiteamas. Chuir na poilis an grèim e oir b’ esan fear de na ‘reubaltaich Bheàrnarach’. Thàinig sluagh timcheall airson taic a thoirt dha agus chaidh Achd na h-Aimhreit a leughadh.

Bha Aonghas air a leigeil mu sgaoil nuair a chualas gun robh buidheann mhòr à Sgìr’ Ùige a’ dèanamh air Steòrnabhagh. Chaidh a’ bhuidheann a bhruidhinn ris an uachdaran, Sir Seumas MacMhathain, ann an Caisteal Leòdhais. Dh’aontaich esan a’ chùis a rannsachadh. Bha e a’ cumail a-mach nach robh fios aige dè bha a shiamarlan a’ dèanamh às a leth.

Trì seachdainean an dèidh sin, chaidh Aonghas Thormoid, Iain Chaluim agus Tormod Mhurchaidh a ghairm gu cùirt ann an Steòrnabhagh. Bha iad fo chasaid gun tug iad ionnsaigh air oifigear an t-siorraim, Cailean MacGillFhinnein.

Air an t-seachdamh latha dhen Iuchar, ochd ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1874) bha a’ chùis-chùirt air a cumail ann an Steòrnabhagh. B’ e Teàrlach Innes, fear-lagh à Inbhir Nis, a bha a’ riochdachadh nan croitearan. Bha e fìor mhath. Agus fhuaireadh an triùir chroitearan neoichiontach.

An ath latha bha Cailean MacGillFhinnein air fhaighinn ciontach de chasaid gun tug e ionnsaigh air Aonghas Thormoid ann an Stèisean nam Poileas. Fhuair e càin luach fichead tastan.

Mhisnich an gnothach croitearan air feadh na Gàidhealtachd. Cha deach an fheadhainn ann am Beàrnaraigh a chur às an taighean. Dh’fhuiling Dòmhnall Rothach, Siamarlan Leòdhais, call cliù, agus chaochail e ann am bochdainn.

Litir 1327 Litir 1327 Litir 1329 Litir 1329

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!