Bha Josephine Tey am measg nan sgrìobhadairean a b’ ainmeile a thogadh air a’ Ghàidhealtachd. Bha i na nobhailiche agus bha i ainmeil air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Rugadh i ann an Inbhir Nis ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a sia (1896).
Sgrìobh Josephine ann am Beurla. Cha robh Gàidhlig aice. Cha robh i a’ taobhadh ris a’ Ghàidhlig, a rèir choltais. Bha sin a dh’aindeoin ʼs gun robh Gàidhlig aig a h-athair mar chiad chànan.
Cha robh ann an ‘Josephine Tey’ ach ainm-pinn. ʼS e an t-ainm ceart a bh’ oirre – Ealasaid Nic an Tòisich. Bha a caraidean eòlach oirre mar Beth MacKintosh. Thàinig an t-ainm ‘Josephine’ bho a màthair. Bhuineadh ise do dh’Inbhir Nis, ged a bha cuid de a sinnsirean à Sasainn. Chaochail i nuair a bha i car òg.
Thogadh athair Ealasaid, Cailean Mac an Tòisich, faisg air Sìldeag ann an Ros an Iar. Bha na daoine aige nan croitearan ann am bailtean beaga a tha fàs an-diugh. Bha an suidheachadh eaconamach ann an Sìldeag truagh. Ghluais teaghlach Chailein a dh’Inbhir Nis. Dh’fhosgail iad bùth a bha a’ reic glasraich, measan agus flùraichean. Tro thìde, ʼs e Cailean a bhiodh a’ ruith na bùtha. Bha i air Sràid a’ Chaisteil.
Dh’fhàg Ealasaid Inbhir Nis airson a dhol gu Physical Training College ann am meadhan Shasainn. Bha i cuideachd a’ fuireach greis anns a’ cheann a deas. Ghabh i gràdh mòr air Sasainn.
Bha i a’ teagasg greis ann an Àrd-sgoil an Òbain. Bha an sgoil gu math Gàidhealach, ach tha e coltach nach do chòrd sin ri Ealasaid. Thill i a dh’Inbhir Nis, far an robh i a’ cumail an taighe airson a h-athar. Bha esan na bhanntrach. Ghabh i an cothrom a bhith a’ sgrìobhadh – bàrdachd, sgeulachdan goirid agus nobhailean. Bha i a’ sgrìobhadh fon ainm-pinn ‘Gordon Daviot’. Bha i gu math measail air Daviot, no Deimhidh, taobh a-muigh Inbhir Nis.
Bha i airson dealbh-chluich a sgrìobhadh a bhiodh a’ nochdadh air an àrd-ùrlar ann an taobh an iar Lunnainn. Tràth anns na tritheadan, bha i air leth soirbheachail, gu h-àraidh le trì dealbh-chluichean – The Laughing Woman, Queen of Scots agus, gu sònraichte Richard of Bordeaux. Choisinn John Gielgud cliù dha fhèin anns an fhear mu dheireadh sin. B’ esan am prìomh chleasaiche ann. Bhiodh e fhèin agus Ealasaid nan deagh charaidean fad beatha Ealasaid.
An dèidh a’ Chogaidh, cha robh dealbh-chluichean cho mòr air aire dhaoine ʼs a bha roimhe. Rinn Ealasaid ath-chruthachadh oirre fhèin mar sgrìobhadair nobhailean eucorach agus dìomhaireachd. Ghabh i ‘Josephine Tey’ oirre fhèin. Tha cuid dhen bheachd gun robh i am measg nan sgrìobhadairean a b’ fheàrr a bh’ ann riamh de a leithid de nobhail. B’ e an nobhail a b’ ainmeile aice ‘The Daughter of Time’.
Bha Ealasaid car prìobhaideach. Cha deach i an sàs gu mòr ann am beatha Inbhir Nis. Bha, mar gum biodh, dà bheatha aice – an tè aig an taigh agus tè eile ann an Lunnainn am measg a caraidean anns a’ West End.
Chaochail i le aillse ann an taigh a peathar ann an Sasainn ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a dhà (1952). Cha robh fios aig mòran de a caraidean gun robh i eadhon tinn.