FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ar-a-mach Bheàrnaraigh (1)

Mus cuir sinn a’ bhliadhna fichead is ceithir air fhichead (2024) an dàrna taobh, tha mi airson tachartas cudromach ann an eachdraidh nan Gàidheal a chomharrachadh.

Audio is playing in pop-over.

Ar-a-mach Bheàrnaraigh (1)

Mus cuir sinn a’ bhliadhna fichead is ceithir air fhichead (2024) an dàrna taobh, tha mi airson tachartas cudromach ann an eachdraidh nan Gàidheal a chomharrachadh. Thachair e o chionn ceud gu leth bliadhna ann an Eilean Bheàrnaraigh far costa siar Leòdhais. Ann am Beurla, bidh daoine a’ gabhail ‘The Bernera Riot’ air.

Ach an e ‘aimhreit’ a bu chòir dhuinn gabhail air ann an Gàidhlig? Chaidh mi gu cunntas Gàidhlig mun tachartas, a bh’ air a sgrìobhadh le fear a bhuineadh don eilean. B’ esan Dòmhnall MacAmhlaigh – bàrd agus sgoilear Gàidhlig. Agus ’s e ‘Ar-a-mach’ a chleachd esan anns a’ chunntas aige anns an leabhar ‘Oighreachd agus Gabhaltas’ a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug is ochdad (1980).

Beagan ron ‘ar-a-mach’, bha còraichean ionaltraidh aig muinntir Bheàrnaraigh air tìr-mòr Leòdhais air mòinteach Beinn a’ Chuailein. Aig an àm sin, cha robh drochaid ann, ach cha robh sin gu diofar. Bhiodh na h-eileanaich a’ falbh ’s a’ tighinn agus bha an còraichean air a’ mhòintich air a bhith aca fad linntean.

Ge-tà, ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872), chaidh am fearann sin a thoirt bhuapa. Bha cumhachd mar sin aig na h-uachdarain. B’ e uachdaran Eilean Leòdhais an Ridire Seumas MacMhathain. Bha esan air fortan a dhèanamh le bhith a’ malairt opium ann an Sìonaidh. Dh’fhàg e cùisean riaghlaidh làitheil don t-siamarlan aige, Dòmhnall Rothach. Bha gràin aig muinntir Leòdhais air an Rothach. Fo a stiùir-san, chaidh mòinteach Beinn a’ Chuailein a dhèanamh na frìth.

Chaidh talamh mòintich eile a thoirt do na croitearan faisg air Iarsiadar. Ach bha sin na bu lugha. Agus bha aig na croitearan ri gàrradh-crìche a thogail eadar an talamh aca fhèin agus frìth Sgealasgro. Chan e sin a-mhàin, ach bha aig na croitearan ri pàigheadh airson sin! Chan fhaodadh iad beathach sam bith a chur air a’ mhòintich gus an robh a’ chrìoch dìonach. Bha sin dona gu leòr ach bha na bu mhiosa a’ tighinn.

Bha aonta sgrìobhte ann mun chùis. Chaidh innse do na croitearan gum biodh còraichean aca don fhearann ùr fhad ’s a bhiodh gan giùlan fhèin gu dòigheil agus a’ pàigheadh am màl ann an deagh àm. Ach, an dèidh bliadhna gu leth, chaidh innse do na croitearan nach biodh an t-uachdaran a’ cumail ris a’ bhargan. Cha bhitheadh cead aca an cuid chaorach a chumail air mòinteach Iarsadair tuilleadh. Gheibheadh na croitearan tuathanas Thàcleit air an eilean fhèin. Ach chailleadh iad am fearann mòintich gu lèir aca air tìr-mòr Leòdhais.

Cha do ghabh na croitearan ri sin. Dh’iarr iad air an t-siamarlan an litir a shealltainn dhaibh a bha a’ dearbhadh gun d’fhuair iad còraichean air Iarsadar bliadhna gu leth roimhe. Ach – obh obh – cha robh sgeul air an litir ann an oifis an t-siamarlain. Mar a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh, a’ cleachdadh chromagan turrach, ‘bha i air a dhol “air chall”’. Seadh.

Seo mar a mhìnicheas Dòmhnall mar a thachair an uair sin. ‘Chuir an siamarlan ... earraid, Cailean MacGillFhinnein, agus Seumas MacRath, am maor-fearainn, le pàipearan bàirlingidh chun an 56 croitearan a bha am Beàrnaraigh gan cur a-mach às an taighean is às an croitean agus às an còraichean mòintich an ath latha Bhealltainn.’ Innsidh mi dhuibh mar a chuir na seòid Bheàrnarach an aghaidh sin an-ath-sheachdain.

Litir 1326 Litir 1326 Litir 1328 Litir 1328

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!