FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pàdraig Friseal (4)

Tha mi a’ leantainn le eachdraidh-beatha Phàdraig Fhriseil à Taobh Sear

Audio is playing in pop-over.

Pàdraig Friseal (4)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air eachdraidh-beatha Phàdraig Fhriseil, seann Phrìomhaire Sealainn Nuaidh. Ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1944), bha e gu math dripeil oir bha an cogadh fhathast a’ dol. Bha e aig coinneamhan poilitigeach anns na Stàitean Aonaichte, agus aig coinneamhan de Chaibineat Cogaidh Bhreatainn. Chaidh Saorsa Lunnainn agus Dhùn Èideann a bhuileachadh air, agus fhuair e fhèin agus Seònaid cuireadh a dhol a Lùchairt Bhuckingham.

Chaidh Pàdraig a thadhal air saighdearan à Sealann Nuadh anns an Eadailt. Ghabh e ùidh gu sònraichte ann am bratàillean nam Maori a dh’fhuiling call mòr aig Monte Cassino. Bha Pàdraig air dearbhadh, na bheatha phoilitigeach, gun robh e taiceil do na Maori mar shluagh.

Fhad ’s a bha iad ann am Breatainn, ghabh Pàdraig agus Seònaid cothrom tadhal air an t-seann dachaigh aige. Gu h-iongantach, bha feadhainn à Sealann Nuadh a-nise stèidhichte aig ionad-adhair ann am Manachainn Rois. Tha fhios gun do chòrd an turas ri Pàdraig.

Air ais ann am Wellington, thàinig na ceudan còmhla airson an seasgadamh ceann-bliadhna aig Pàdraig a chomharrachadh. Ghabh e òraid anns an do thog e a ghuth an aghaidh gràin-chinnidh. Mhothaich daoine, ge-tà, nach robh e a’ coimhead gu math. Bha e air a dhol bodachail.

Gu mì-fhortanach, bha an suidheachadh aig Seònaid na bu mhiosa. Bha tinneas sgamhain oirre agus b’ fheudar dhi ùine a chur seachad san ospadal. Bha ùidh aice ann an suidheachadh na cloinne anns an Roinn-Eòrpa a bha gun phàrantan air sàillibh a’ chogaidh. A dh’aindeoin ’s gun robh gu leòr ann an Sealann Nuadh an aghaidh a leithid, leig Pàdraig long làn cloinne às a’ Phòlainn a-steach. Gu ìre, bha sin mar mholadh do a bhean.

Chaochail Seònaid anns an ospadal sa Mhàrt naoi ceud deug, ceathrad ’s a còig (1945). ’S e buille chruaidh a bh’ ann do Phàdraig. Chaidh e an sàs gu domhainn anns an obair aige mar dhòigh gus dèiligeadh ris a’ chall.

Chuir e seachad ùine ann an San Francisco far an robh còmhraidhean ann mu Na Dùthchannan Aonaichte a steidheachadh. Bha e am measg cruthadairean na buidhne sin. Sheas e an aghaidh bhìoto a bhith aig na dùthchannan cumhachdach air a’ Chomhairle Theàrainteachd. Ach chaill e sin.

Bha e ann an Lunnainn, ge-tà, airson a’ chiad cho-chruinneachadh de na Dùthchannan Aonaichte. Fhad ’s a bha e ann, chaidh duais an Companion of Honour a bhuileachadh air leis an Rìgh.

Ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1948), bha e air ais air a’ Ghàidhealtachd airson an turais mu dheireadh. Thug e a-steach a’ Bhliadhn’ Ùr còmhla ri feadhainn eile ann am Baile an Droma.

Air ais ann an Sealann Nuadh, bha cùisean poilitigeach a’ dol na aghaidh, agus chaill na Làbaraich anns an taghadh nàiseanta. Thug sin cothrom do Phàdraig barrachd ùine a chur seachad a’ frithealadh chuirmean-ciùil, dealbhan-cluiche agus ballet. Ach bha a shlàinte a’ sìor dhol am miosad. Chaochail e anns an Dùbhlachd, naoi ceud deug is caogad (1950).

Chan eil e fhèin no Seònaid air an dìochuimhneachadh, ann an Siorrachd Rois no mòran àiteachan eile. Seachdad ’s a h-aon bliadhnaichean an dèidh a bhàis, chaidh duais a bhuileachadh air an dithis aca le Ceann-suidhe na Pòlainn airson na rinn iad do chloinn Phòlainneach a bh’ ann an èiginn aig àm a’ chogaidh.

Litir 1325 Litir 1325 Litir 1327 Litir 1327

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!