FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pàdraig Friseal (3)

Tha mi a’ leantainn le eachdraidh-beatha Phàdraig Fhriseil à Taobh Sear

Audio is playing in pop-over.

Pàdraig Friseal (3)

Tha mi a’ leantainn le eachdraidh-beatha Phàdraig Fhriseil à Taobh Sear Rois – fear à teaghlach bochd Gàidhealach a dh’èirich gu bhith na phrìomhaire ann an Sealann Nuadh. Air dha bhith anns a’ phrìosan fad bliadhna, bha e gu math eòlach air poilitigs agus riaghailtean na pàrlamaid. Sin na cuspairean a bha e a’ leughadh fhad ’s a bha e fo ghlas!

Ann am fo thaghadh airson sgìre Meadhan Wellington, ann an naoi ceud deug is ochd-deug (1918), sheas Pàdraig airson a’ Phàrtaidh Làbaraich. Bhuannaich e gu furasta. B’ esan a-nise am ball a b’ òige sa phàrlamaid nàiseanta, aig aois trithead ’s a ceithir (34).

Thachair e ri Seònaid Kemp. ’S e ban-Albannach a bh’ innte, à Glaschu. Bha i dealaichte bhon chèile aice. Bha mac òg aice. Phòs i fhèin is Pàdraig agus bha pòsadh air leth toilichte aca. Cha robh clann a bharrachd aca, ach bha Pàdraig agus an dalta aige – Harold – dlùth ri chèile.

Bha na bliadhnaichean sin doirbh don Phàrtaidh Làbarach ann an Sealann Nuadh. Bha iad a’ feuchainn ri astar a chumail eadar iad fhèin agus am Pàrtaidh Coimiunach. Leis nach robh e anns an riaghaltas, bha cothrom aig Pàdraig ùine a ghabhail dheth ann an naoi ceud deug, trithead ’s a còig (1935).

Sheòl e fhèin is Seònaid a Lunnainn, an toiseach airson coinneamhan co-cheangailte ri obair. Chaidh iad gu Baile an Droma agus sheall ‘Pat’ do a bhean an t-àite far an do rugadh is far an do thogadh e.

Faisg air deireadh na bliadhna, bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach an taghadh nàiseanta ann an Sealann Nuadh. Ghabh Pàdraig grunn dreuchdan aig àrd-ìre. Bha e na Leas-phrìomhaire, agus na Mhinistear airson Foghlam agus airson Slàinte. Bha e cuideachd na Mhinistear airson nam Poileas, dreuchd a bha doirbh an toiseach leis gun robh e air a bhith sa phrìosan. Ach ghabh na poilis ris gun robh Pàdraig onarach agus comasach, agus gun robh e taiceil dhaibh, agus bha cùisean rèidh eatarra.

Nuair a thòisich cogadh san Roinn-Eòrpa, thug Sealann Nuadh a làn-thaic don Rìoghachd Aonaichte. Mìos an dèidh toiseach a’ chogaidh, bha Pàdraig ann an Lunnainn, oir bha Prìomhaire Sealainn Nuaidh tinn. Ghabh Pàdraig cothrom tadhal air an t-seann dachaigh aige air a’ Ghàidhealtachd.

Chaochail am Prìomhaire anns a’ Mhàrt naoi ceud deug is ceathrad (1940), agus chaidh Pàdraig a thaghadh na àite. Bha mìltean de shaighdearan à Sealann Nuadh mar phàirt de dh’armailt nan Co-chòmhragaichean anns an Ear-Mheadhanach. Chaidh Pàdraig a thadhal orra anns an Èiphit. Bha e cuideachd ann am Breatainn far an robh coinneamhan aige le Winston Churchill. Thill e a-rithist don Ghàidhealtachd. Chaidh saorsa còig bailtean a bhuileachadh air – Obar Dheathain, Glaschu, Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus – faisg air an t-seann dachaigh aige – Baile Dhubhthaich. Bha spèis mhòr aig muinntir Taobh Sear Rois dha.

Ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1942), bha Pàdraig anns an Taigh Gheal ann am Washington DC. Ach b’ fheudar dha tilleadh dhachaigh, agus mì-thoileachas ann gun robh na mìltean de shaighdearan anns an leth-chruinne mu thuath, nuair a bha Iapan a’ bagairt air dùthchannan ceann a deas a’ Chuain Sèimh.

Litir 1324 Litir 1324 Litir 1326 Litir 1326

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!