Thairis air a’ mhìos a dh’fhalbh, tha mi air a bhith ag innse dhuibh mu Chaisteal Loch nan Doirb. An t-seachdain sa chaidh, dh’inns mi mar a chaidh a sgrios a dh’aona-ghnothach, fo òrdugh Rìgh Sheumais II, ann an ceithir cheud deug, caogad ’s a còig (1455). Tha e air a bhith na thobhta bhon uair sin.
Chan e nach robh plana sam bith ann airson a leasachadh. A rèir aithrisean ann am pàipearan-naidheachd anns na h-ochdadan dhen linn a dh’fhalbh bha feadhainn a’ beachdachadh air an t-àite a leasachadh airson luchd-turais.
Bha Iarla Chaladair airson a dhèanamh na phrìomh cheann-uidhe airson luchd-turais – ann an sgìre far nach robh mòran turasachd. Bhathar ag iarraidh àite-pàrcaidh do chàraichean a bhith ann air tìr-mòr mu choinneimh a’ chaisteil. Bhiodh laimrig air a togail ann agus bhiodh seirbheisean-aiseig a’ toirt daoine a-mach don chaisteal.
Ach cha robh a h-uile duine toilichte mun phlana. Nuair a bha mise thall aig a’ chaisteal, chunnaic mi lachan-riabhach a’ suirghe agus faoileagan a’ neadachadh. Tha fhios gu bheil eòin gu leòr a’ neadachadh anns an eilean – agus thog luchd-dìon nan eun an guthan an aghaidh an leasachaidh.
Chaidh a’ chùis don Riaghaltas aig a’ cheann thall – Riaghaltas Bhreatainn aig an àm sin – agus feumaidh gun deach a dhiùltadh. A bharrachd air suidheachadh nan eun is fiadh-bheatha eile, bhiodh ceist mhòr ann mu staid nam ballachan agus sàbhailteachd luchd-tadhail. Bhiodh cosgais mhòr co-cheangailte ris an obair a dh’fheumte dhèanamh.
Saoil dè thachair don stuth a bha am broinn a’ chaisteil nuair a bha daoine a’ fuireach ann? Chan eil fhios a’m. Math dh’fhaodte gu bheil gu leòr dheth ann an caistealan eile. Tha pìos no dhà ann an taighean-tasgaidh, leithid adharc-fhùdair – a gunpowder-horn – a chaidh a lorg ann an tobhta a’ chaisteil.
Agus abair an rud a chaidh a lorg o chionn beagan is trithead bliadhna nuair a rinn sgioba de dh’àrc-eòlaichean rannsachadh mionaideach fo uachdar an locha. Cha robh an obair gun chunnart. Bha dàibhearan air sligean a lorg nach do spreadh.
Lorg na h-àrc-eòlaichean aon rud fìor shònraichte nuair a bha iad fhèin a’ dàibheadh. B’ e sin siuga mòr a bha còig ceud bliadhna a dh’aois. Bha e ann an deagh òrdugh, agus bha na dathan air – buidhe, uaine is donn – follaiseach gu leòr fhathast. Bha e air a thoirt a Thaigh-tasgaidh Inbhir Nis.
Bu mhath leam mo chunntas air Loch nan Doirb a thoirt gu ceann le iomradh air lus sònraichte a bha, a rèir aithrisean, a’ fàs ann. Bha muinntir na sgìre a’ gabhail ‘Lochindorb kale’ air. Bha iad dhen bheachd gur e tar-chineal a bh’ ann eadar càl dearg no red cabbage agus snèap, agus an dà lus sin air an cur ann leis an fheadhainn mu dheireadh a bha a’ fuireach anns an eilean.
Bha na duilleagan air an ithe le muinntir an àite, agus leis a’ chrodh a bh’ air a thoirt a-null. Bha na freumhaichean air leth mòr, suas ri punnd ann an cuideam. A bheil an lus sin fhathast a’ fàs ann? Uill, chunnaic mi sgeallan anns an eilean, ach chan fhaca mi càl Loch nan Doirb. Is mòr am beud.