Fhuair Alasdair Mòr mac an Rìgh – the Wolf of Badenoch – smachd air Caisteal Loch nan Doirb anns a’ bhliadhna trì cheud deug, seachdad ’s a dhà (1372). Tha e coltach, roimhe sin, gun robh e le Crùn na h-Alba. B’ e athair Alasdair Rìgh Raibeart II. Nuair a fhuair athair an crùn, thug e còraichean a bharrachd do dh’Alasdair. B’ esan Iarla Bhuchain, Tighearna Bhàideanach agus Iarla Rois, am measg eile. Bha e cumhachdach thairis air ceann a tuath na h-Alba agus bha sreath chaistealan aige. Bha Loch nan Doirb nam measg.
’S e duine cruaidh a bh’ ann an Alasdair Mòr mac an Rìgh. Tha fhrith-ainm ann am Beurla – the Wolf of Badenoch – ag innse sin dhuinn! Chaidh e fhèin agus an Eaglais a-mach air a chèile gu salach. Rinn e droch-dhìol air a bhean agus theich i. An uair sin, bha e a’ fuireach còmhla ri tè eile – Mairead nic Eachainn – mar bhean. Bha e cuideachd a’ cumail a-mach gun robh smachd aigesan air fearann na h-Eaglaise ann am Bàideanach.
Air sàillibh a h-uile càil sin, rinn Easbaig Mhoireibh ascaoineadh air. Tha sin a’ ciallachadh gun robh e air a chur a-mach às an Eaglais buileach glan. A rèir aon neach-eachdraidh bha Alasdair a’ fuireach ann an Caisteal Loch nan Doirb nuair a thàinig manach thuige airson teachdaireachd an Easbaig a thoirt dha.
Bha Alasdair fiadhaich. Thug e feachd leis agus rinn iad sgrios air àiteachan ann am Moireibh a bha ceangailte ris an Eaglais. Chaidh iad a dh’Eilginn agus loisg iad a’ Chathair-eaglais gu làr.
Bha sin ann an trì cheud deug is naochad (1390). Tha eachdraidhean na h-Alba sàmhach mu Loch nan Doirb airson deicheadan an dèidh sin. Ach tha e a’ nochdadh a-rithist anns na ceathradan dhen chòigeamh linn deug. B’ e Seumas II Rìgh na h-Alba. Bha Gilleasbaig Dubh Dùghlas, Iarla Mhoireibh, na nàmhaid don Rìgh. Bha esan a’ fuireach anns a’ chaisteal.
Chaidh Gilleasbaig a mharbhadh aig Blàr Arkinholm ann an ceann an iar-dheas na h-Alba ann an ceithir cheud deug, caogad ’s a còig (1455). ’S ann an uair sin a thàinig beatha Caisteal Loch nan Doirb an ìre mhath gu ceann.
Bha Seumas II airson ’s nach biodh an caisteal air a chur gu feum na aghaidh tuilleadh. Thug e cùmhnant do Thànaiste Chaladair Caisteal Loch nan Doirb a thoirt às a chèile. Cha robh e eadhon dà cheud bliadhna a dh’aois. Fhuair Uilleam, Tànaiste Chaladair, fichead ’s a ceithir notaichean airson na h-obrach.
A rèir beul-aithris, chaidh geata mòr iarainn, a tha an-diugh ann an Caisteal Chaladair, a thoirt ann à Loch nan Doirb. Chaidh a ghiùlan co-dhiù trì mìle deug thairis air a’ mhonadh gu ruige Caladair le fear làidir a bha aithnichte mar ‘Dòmhnall gun Mhàthair’.
A-nise chan eil dad air fhàgail air Eilean Loch nan Doirb ach ballachan-cloiche. Ach saoilidh mi gu bheil an tobhta sin prìseil. Tha e a’ sealltainn dhuinn mar a bha caistealan na h-Alba anns na meadhan-aoisean. Tha a chruth gu math eadar-dhealaichte bho na taighean daingnichte dhen t-seòrsa a chì sinn, mar eisimpleir, ann an Caladair. Saoil dè thachras a-nise don chaisteal iongantach seo? Bheir mi sùil air a’ cheist sin an-ath-sheachdain.