FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Calum agus Màiri (1)

Tha mi a’ dol a dh’innse sgeul dhuibh, no co-dhiù geàrr-chunntas de sgeul. Tha e mu dheidhinn muinntir nan ròn.

Audio is playing in pop-over.

Calum agus Màiri (1)

Tha mi a’ dol a dh’innse sgeul dhuibh, no co-dhiù geàrr-chunntas de sgeul. Tha e mu dheidhinn muinntir nan ròn. Tha e a’ tighinn bhon leabhar ‘Tales of the Seal People’ le Donnchadh MacUilleim. Chaidh innse dha le fear Aonghas MacNèill a bha ag obair mar ribear choineanach ann an Earra-Ghàidheal. Fhuair e an sgeul ann an Gàidhlig bho a sheanmhair.

Tha cladh ann am baile beag air taobh an iar na Gàidhealtachd. Tha clach-uaghach anns a’ chladh, ann an cumadh cridhe, air a bheil ceithir faclan sgrìobhte: ‘To Malcolm and Mary’. Gu Calum agus Màiri. Bha an sgrìobhadh ann am Beurla. Tha mi a’ dol a mhìneachadh a’ ghnothaich dhuibh. Tha e car annasach.

O chionn fhada bha teaghlach a’ fuireach taobh a’ chladaich faisg air a’ bhaile. Bha iad ri croitearachd agus iasgach. Bha dithis chloinne aca – càraid. ’S e Calum a bh’ air a ghille mar ainm, agus ʼs e Màiri a bh’ air a phiuthar.

Bha an dithis a’ faighinn air adhart gu math, agus ʼs e clann èasgaidh a bh’ annta. Bha iad gu math taiceil dom pàrantan. Thàinig dìreach aon rud eatarra. Bhiodh Màiri a’ tarraing à Calum airson coltas òrdaig-coise air a chois dheis. Bha i air leth mòr. ‘Mo chreach, a Chaluim,’ chanadh i, ‘tha coltas sgreataidh air an òrdaig mhòir agad.’

‘Chan eil leasachadh air,’ chanadh a bràthair. ‘ʼS ann mar seo a rugadh mi.’

Nise, bha Calum fìor mhath air snàmh. Uaireannan bhiodh e a’ snàmh am measg nan ròn a thigeadh timcheall air.

‘A Chaluim,’ chanadh Màiri, ‘mura sguir thu, chan fhada gus am bi thu fhèin nad ròn!’ Agus chanadh Calum gum biodh e air leth toilichte nan tachradh sin.

Dh’fhàs a’ chlann suas agus dh’fhàg iad an sgoil aig aois ceithir-deug. Chaidh Calum a chuideachadh athair leis an eathar. Rinn iad iasgach leis na lìn-mhòra.

Feasgar a bha seo, aig àm a’ chiaraidh, chaidh Calum agus athair a-mach anns an eathar. Dh’èirich stoirm gun rabhadh. Thionndaidh iad am bàta agus rinn iad iomradh a dh’ionnsaigh na tìre. Ach cha robh iad luath gu leòr. Chaidh an soitheach a chur bun-os-cionn.

Bha athair Chaluim math gu leòr air snàmh agus bha fios aige gun robh Calum fhèin fìor chomasach mar shnàmhadair. ‘Gach fear dha fhèin!’ dh’èigh e. ‘Snàmh gu tìr!’ Ge-tà, nuair a ràinig e an cladach, cha robh sgeul air a mhac.

Chaidh e dhachaigh. Ruith a bhean agus a nighean ga ionnsaigh, toilichte gun robh e fhathast beò. ‘Càit a bheil Calum?’ thuirt iad. ‘Nach eil e còmhla riut?’ Mhìnich an duine gun robh Calum caillte aig muir. Airson latha an dèidh latha an dèidh latha, chaidh muinntir an àite a choimhead airson a’ ghille no co-dhiù airson a chuirp. Ach cha do lorg iad dad.

An dèidh grunn seachdainean, thàinig atharrachadh air Màiri. Cha bhruidhneadh i ri duine. Chan itheadh i a biadh. Chaill i cuideam. Cha dèanadh i càil ach coiseachd air an tràigh, a’ coimhead a-mach gu muir. Bha a cridhe briste.

Lorg a h-athair an t-eathar aige air a’ chladach. Bha e fhathast slàn. Thill an duine don iasgach. Ach bha Màiri bhochd beò ann am mulad. Cha robh i ag iarraidh bruidhinn ri duine. Latha a bha seo, ge-tà, dh’atharraich cùisean agus innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.

Litir 1315 Litir 1315 Litir 1317 Litir 1317

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!