FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Caisteal a’ Bhreabadair (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun bhreabadair agus a theaghlach a bha a’ fuireach air an Stac Àrd, deas air Èirisgeigh.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal a’ Bhreabadair (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun bhreabadair agus a theaghlach a bha a’ fuireach air an Stac Àrd, deas air Èirisgeigh. Cha do mhair beò ach bean a’ bhreabadair agus an gille as òige ace. ’S e Iain an t-ainm a bh’ air – Iain MacNèill.

Bha iad a’ fuireach còmhla ri seanair Iain ann an Uibhist a Deas. Bha Iain toilichte air a’ chroit. Bhiodh e ag obair leis na caoraich, crodh agus eich. Ach bha aon rud a’ cur dragh air. A h-uile latha bhiodh a mhàthair a’ gul.

Dhiùlt i innse do a mac carson a bha i brònach. Nuair a ràinig esan aois ceithir-deug, dh’inns i dha mu mar a chaidh athair agus a bhràithrean a chur gu bàs ann an Èirisgeigh. Nuair a ghabh e sin a-steach, thuirt Iain, ‘Tha mi a’ falbh gu muir agus cha stad mi gus an lorg mi an duine a mharbh m’ athair ’s mo bhràithrean.’ Chuir sin a mhàthair troimhe-chèile buileach. Ach bha Iain deimhinne, agus dh’fhalbh e.

An toiseach, choisich e a Loch nam Madadh, thairis air dà fhadhail. Ghabh e bàt’-aiseig gu ruige Dùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. Mu dheireadh, ràinig e Grianaig, air Chluaidh. Bha tòrr shoithichean anns a’ chala ach cha do bhruidhinn duine ris. Cha robh mòran airgid aige ach bha gu leòr airson cuid na h-oidhche ann an taigh-loidsidh.

An ath latha, thill e don chala. An turas seo, chunnaic sgiobair aig tè de na soithichean e. Bha e air Iain fhaicinn an latha roimhe agus shaoil e gun robh an gille a’ sireadh obair air bòrd soithich.

Do you want to go to sea?’ thuirt an caiptean ris ann am Beurla. Cha do fhreagair Iain e oir cha robh Beurla aige. Bhruidhinn an caiptean ris ann an Gàidhlig an uair sin, ‘A bheil thu ag iarraidh falbh gu muir?’

‘Tha,’ fhreagair Iain agus chaidh cuireadh a thoirt dha dhol air bòrd soitheach a’ chaiptein. Bhuineadh an caiptean do dh’Eilean Arainn agus bha Gàidhlig gu leòr aige. Gu h-iongantach, ’s e MacNèill a bh’ air mar ainm-cinnidh. ‘Dè an t-ainm a th’ ort?’ dh’fhaighnich e.

‘Iain MacNèill,’ fhreagair am fear eile.

‘Nach iongantach sin,’ thuirt an caiptean. ‘’S e MacNèill a th’ ormsa cuideachd. Agus cò às a tha thu?’

‘Bha m’ athair à Barraigh,’ ars Iain, ‘ach thogadh mise air Eileanan nan Stac, deas air Èirisgeigh.’ Rug an dithis air làimh air a chèile. Bhon latha sin a-mach, bha iad nan deagh charaidean.

Air a’ chiad turas-mhara, chaidh Iain seachad air Cape Horn gu ruige Vancouver. Dh’fhàs e eòlach air dòighean na mara gu luath. Nuair a thill e, chaidh e gu sgoil airson sgilean maraiche ionnsachadh. Fhuair e tron deuchainn. An ath thuras bha e ag obair mar dàrna meit. Mu dheireadh, an dèidh bhliadhnaichean, leig an Caiptean MacNèill dheth a dhreuchd. Ghabh Iain comannd air an t-soitheach.

Cha do dhìochuimhnich Iain mar a gheall e dha fhèin gum faigheadh e dìoghaltas airson bàs athar agus a bhràithrean. Latha a bha seo bha e ann an Lunnainn. Bha e am measg sheann mharaichean ann an club. Dh’èirich fear agus dh’inns e do chàch mar a mharbh e spùinneadair agus a thriùir mhac air taobh an iar na h-Alba. Dè rinn Iain MacNèill? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.

Litir 1304 Litir 1304 Litir 1306 Litir 1306

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!