FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Caisteal a’ Bhreabadair (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal a’ Bhreabadair – no Caisteal an Reubadair – air an Stac Àrd, deas air Èirisgeigh.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal a’ Bhreabadair (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal a’ Bhreabadair – no Caisteal an Reubadair – air an Stac Àrd, deas air Èirisgeigh. Nuair a bha am breabadair aig an àirigh ann an Uibhist a Deas, roghnaich e tè de na boireannaich òga a ghabhail mar bhean. Thug e am bruid i. Thug e i dhachaigh leis.

Feumaidh gun do ghabh am boireannach ris an t-suidheachadh aice. Bhiodh i a’ dèanamh a h-uile càil mar a bha esan. Bhiodh i ag iasgach, ag eunachadh agus a’ spùinneadh còmhla ris.

Anns na làithean ud cha robh bàtaichean ceangailte le sèineachan, ach le ròpan. Bha e furasta gu leòr don bhreabadair na ròpan a ghearradh agus leigeil leis na bàtaichean a bhith air an sguabadh don chladach. An uair sin, bhiodh e fhèin, a bhean agus an ceathrar bhalach aca a’ faighinn a’ bhathair a bh’ air bòrd dhaibh fhèin. Bha iad ri spùinneadh mar seo fad na h-ùine agus bha daoine a’ fàs seachd searbh sgìth dhiubh.

Chan eil fhios agam cò na h-ùghdarrasan-lagha a bh’ ann aig an àm. Chanainn gur e Clann ’ic Nèill a bh’ ann – agus an ceann-cinnidh aca ann am Barraigh. Co-dhiù, chaidh òrdugh a-mach am breabadair a chur an grèim.

Latha a bha seo, bha am breabadair agus triùir de na balaich aige a-muigh ag iasgach. Bha a bhean agus an gille as òige anns a’ chaisteal. Chitheadh iad càch anns an eathar.

Chunnaic am boireannach iùbhrach – soitheach-seòlaidh – a’ tighinn seachad air Eilean Ghioghaigh. Tha sin eadar Èirisgeigh agus Barraigh. Bha an soitheach luath, le seòl mòr oirre. A bharrachd air sin, bha dusan duine air bòrd, a h-uile duine na ràmhadair.

An toiseach bha am boireannach a’ smaoineachadh gun robh an iùbhrach a’ dèanamh air a’ chaisteal. Rinn i deiseil a dhol gu mullach a’ bhearraidh. An sin b’ urrainn dhi clachan a thilgeil sìos air duine sam bith a bhiodh a’ sreap ann le droch rùn.

Ach ’s ann air an eathar-iasgaich a bha na seòladairean ag amas. Chunnaic am breabadair iad. Rinn e fhèin is na balaich aige air ceann a deas Èirisgeigh. Bha iad a’ dol a dhol am falach an sin. Ràinig iad Èirisgeigh ach bha an soitheach eile na bu luaithe na iad. Cha robh iad fada air cùl a’ bhreabadair. Ràinig iad an t-eilean, ghlac iad am breabadair agus na gillean aige agus chuir iad gu bàs iad.

Dh’òrdaich an comanndair nach biodh a chlaidheamh air a ghlanadh. Bha fuil a’ bhreabadair air a’ chlaidheamh a’ cur ann an cuimhne dhaoine mar a mharbh an comanndair am breabadair.

Tha trì ainmean-àite air cladach a deas Èirisgeigh, aig bonn Beinn Staca, a tha ceangailte ris a’ bhreabadair agus a bhàs. Tha Sloc na Creiche ann ‘the hollow of the plundering’ agus Sgala na Creiche ‘the cliff of the plundering’. Faisg air làimh, aig fìor cheann a deas Èirisgeigh, tha Leac na Banaraich ‘the slab of the milkmaid’. Tha sin a’ cuimhneachadh bean a’ bhreabadair. A rèir an sgeòil, bha i na banarach mus deach a toirt am bruid.

Cha robh fios aig bean a’ bhreabadair gu dè bh’ air tachairt. Ach mu dheireadh, thàinig a h-athair agus thug e a nighean agus a mac dhachaigh a dh’Uibhist a Deas. Bhon latha sin a-mach cha robh duine a’ fuireach ann an Caisteal a’ Bhreabadair.

Litir 1303 Litir 1303 Litir 1305 Litir 1305

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!