FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Caisteal a’ Bhreabadair (4)

Bha Iain MacNèill, mac a’ bhreabadair, ann an Lunnainn. Bha e am measg sheann mharaichean.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal a’ Bhreabadair (4)

Bha Iain MacNèill, mac a’ bhreabadair, ann an Lunnainn. Bha e am measg sheann mharaichean. Dh’inns fear dhiubh do chàch mar a mharbh e spùinneadair ainmeil agus a thriùir mhac. B’ iad na spùinneadairean a bu chunnartaiche anns na h-Eileanan an Iar. Bha fios aig Iain, a bha a-nise na chaiptean air soitheach-mara, gun robh am fear eile a’ bruidhinn air athair agus a bhràithrean. Bha Iain air gealltainn gun dèanadh e dìoghaltas air an duine a mharbh iad ann an Èirisgeigh nuair a bha e òg.

Chaidh Iain a-null a bhruidhinn ris an duine. Thug e taing dha airson a bhith cho treun. Thug am fear eile cuireadh do dh’Iain biadh a ghabhail cuide ris aig an taigh aige an ath latha. Thuirt e le moit gun robh fuil a’ bhreabadair fhathast air a chlaidheamh. Cha do thuig e gum b’ e Iain MacNèill am mac a b’ òige aig a’ bhreabadair. Bha iomadh bliadhna air a dhol seachad on uair sin.

An ath latha nochd Iain aig taigh an fhir eile. Bha biadh is deoch deiseil. Ach thuirt Iain nach gabhadh e càil ri ithe no òl gus am fac’ e an claidheamh a chleachd am fear eile airson an spùinneadair a mharbhadh.

Thug am bodach Iain a-steach gu seòmar eile. Dh’fhosgail e preas agus thug e an claidheamh a-mach. Bha fuil a’ bhreabadair fhathast air an lann. Thàinig e a-steach air Iain gum faodadh e an claidheamh a chleachdadh airson an duine a mharbhadh. Ach dh’atharraich e a bheachd. Thug e dòrn dha na chluais agus thuit am bodach marbh. B’ e sin an dìoghaltas a bha mac a’ bhreabadair air gealltainn.

Ach cha b’ urrainn dha fuireach ann an Lunnainn tuilleadh. B’ fheudar dha teicheadh. Dh’fhàg e an soitheach aige, agus a carago, ann an Lunnainn agus chaidh e am falach ann an Uibhist. Bha e air a bhith air falbh on taigh cho fada ’s gun robh e an dùil nach biodh duine ga aithneachadh.

Agus bha sin fìor. Nuair a ràinig e taigh a mhàthar, bha seann bhoireannach na suidhe a-muigh. ’S e latha brèagha samhraidh a bh’ ann. Bha Iain an dùil gum b’ e sin a mhàthair – ged nach robh e ga h-aithneachadh gu furasta.

Cha robh ise ga aithneachadh-san idir. Nuair a thàinig e faisg air an taigh, thuirt i ris, ‘An e seòladair a th’ annad? An do thachair thu riamh ris a’ ghille agam – Iain MacNèill?’

Chaidh Iain a-null agus thug e pòg do a mhàthair. Bha uiread de dh’iongnadh oirre ’s nach robh comas labhairt aice airson greis.

Chan eil fhios agam an do mhìnich Iain do a mhàthair mar a rinn e dìoghaltas às leth athar ’s a bhràithrean. Saoilidh mi gun do mhìnich oir nuair a dh’fhàg e an taigh bliadhnaichean roimhe, thuirt e gur e sin a bha fa-near dha.

A rèir an sgeòil, mar a dh’aithris an Codaidh e ann an ‘Tales from Barra’, dh’fhuirich Iain ann an taigh a mhàthar ann an Uibhist airson còrr is dà bhliadhna. Nuair a bha dhen bheachd gun robh e sàbhailte dha, fhuair e obair mar mharaiche a-mach à Liverpool. Chan eil fhios agam an do ghabh e ainm ùr air fhèin, ach thathar ag ràdh gu bheil a shliochd fhathast a’ fuireach anns a’ phort-mhara sin.

Litir 1305 Litir 1305 Litir 1307 Litir 1307

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!