Tha greis o nach robh sinn anns na h-Eileanan A-muigh anns an Litir. An t-seachdain seo, bu mhath leam ur toirt gu ceann a deas nan eilean – gu Eileanan nan Stac. Bidh cuid a’ gabhail ‘The Stack Islands’ orra ann am Beurla. Agus càit a bheil iad? Tha, deas air Èirisgeigh.
’S iad an dà eilean as fhaide deas an aon fheadhainn air am b’ urrainn do dhuine a bhith a’ tighinn beò. ’S iad na h-ainmean a th’ orra – An t-Eilean Leathann agus, ceangailte ris, An Stac Àrd. Air an Stac Àrd tha tobhta. ’S e seann dùn no daingneach a th’ ann a tha clàraichte le àrc-eòlaichean. Agus tha tòrr beul-aithris co-cheangailte ris.
Air na mapaichean, ’s e Caisteal an Reubadair a th’ air mar ainm. Tha sin a’ ciallachadh ‘the castle of the plunderer’. Ge-tà, tha muinntir Èirisgeigh a’ gabhail Caisteal a’ Bhreabadair air – ‘the castle of the weaver’. Math dh’fhaodte gu bheil iad ceart le chèile oir ’s e breabadair a thog e, a rèir an sgeòil. Agus bha e cuideachd na reubadair no spùinneadair. Seo dreach dhen sgeul mar a chaidh aithris ann am Barraigh le Iain Mac a’ Phearsain no ‘An Codaidh’ mar a b’ fheàrr a dh’ aithnicheadh e.
Chaidh breabadair a bha seo a chur a-mach à Barraigh. Roghnaich e dhol a dh’fhuireach ann an Eileanan nan Stac. Thug e leis cas-chrom agus innealan eile airson a bhith ag obrachadh na talmhainn.
An toiseach, chaidh e a-null a dh’Èirisgeigh airson làir bhàn fhaighinn. ’S e sin a’ Ghàidhlig a bh’ aig a’ Chodaidh air each dhen t-seòrsa a tha fhathast a’ fuireach ann an Èirisgeigh. Làir bhàn. Gu litreachail ‘fair mare’.
Eadar an làir bhàn agus am breabadair, thugadh clachan far a’ chladaich suas gu mullach an Staca. Tha an talamh gu math cas. Bha an obair cruaidh. A rèir choltais, chithear fhathast cùirn de chlachan a chaidh a leigeil ann à druim an eich.
Fhad ’s a bha am breabadair a’ togail a’ chaisteil, bha e a’ tighinn beò air na dh’fhàsadh e agus air na ghlacadh e de dh’èisg agus eòin-mhara. Ach an robh e a’ faighinn gu leòr airson cumail a dol? Cha robh. Agus ’s ann an uair sin a dh’atharraich am breabadair gu bhith na reubadair. Mar a tha An Codaidh a’ mìneachadh, bha spùinneadh cumanta gu leòr anns na làithean ud. Bhiodh am breabadair a’ falbh am measg nan eilean anns an eathar aige, a’ goid rudan bho na daoine.
Nuair a bha an caisteal dèante, roghnaich am breabadair bean a ghabhail dha fhèin. ’S e an t-Iuchar a bh’ ann agus bha fios aig a’ bhreabadair gum biodh muinntir Uibhist a Deas aig an àirigh. ’S ann an uair sin a bhiodh na daoine a’ dèanamh ìm agus càise leis a’ bhainne a bha iad a’ faighinn. Bha fios aig a’ bhreabadair gum biodh banaraich aig an àirigh.
Tràth tràth sa mhadainn, dh’fhàg am breabadair a dhachaigh air an Stac anns an eathar aige. Rinn e air Loch Aineort air taobh sear Uibhist a Deas. Ràinig e an àirigh agus fhuair e e fhèin am measg buidheann de bhoireannaich òga bhrèagha. Ach ciamar a bha e a’ dol a thoirt air boireannach òg a bhith a’ falbh leis? Chì sinn anns an ath Litir.