FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Clò Mòr (4)

Bha mi ag innse dhuibh mu sheann chunntas mun chlò mhòr. Chaidh a sgrìobhadh le Ruairidh Caimbeul à Mionaird.

Audio is playing in pop-over.

An Clò Mòr (4)

Bha mi ag innse dhuibh mu sheann chunntas mun chlò mhòr. Chaidh a sgrìobhadh le Ruairidh Caimbeul à Mionaird. An dèidh an dathaidh, bha almadh ann – no mordanting. B’ e sin pròiseas anns am biodh na dathan air an ceangal gu daingeann ris a’ chlòimh. Airson sin, bhiodh na seann Ghàidheil gu tric a’ cleachdadh cairt-làir ‘tormentil’ no copag ‘docken’. Chan e ‘copag’ a sgrìobh Ruairidh Caimbeul ach ‘copagach’.

An ath rud a bhiodh a’ tachairt, b’ e sin cìreadh agus càrdadh. Seo mar a mhìnicheas an t-ùghdar mar a bha an càrdadh a’ tachairt: ‘B’ i a’ chàrd dà bhòrd fhiodha, mu throigh air fhad agus ochd òirlich air leud, le fiaclan caola iarainn agus dlùth ri chèile air gach bòrd. Bha làmh chruinn fhiodha ceangailte ri gach tè gu feum na mnà càrdaidh, agus bha na rolagan air an dealbhadh agus air an cumadh gu grinn le bhith a’ suathadh agus a’ sgrìobadh na clòimhe eadar an dà chàrd.’

Bha na rolagan an uair sin air an snìomh air cuibhle-shnìomh. Mar bu trice, ʼs iad boireannaich a bhiodh ris an obair sin. Bhiodh iad a’ dèanamh cheirslean – balls of yarn. Ceirslean.

An uair sin, bhiodh am fighe a’ dol air adhart. Bhiodh iad a’ cur snàth air an deilbh. Putting the yarn on a warping frame. Nuair a bha a’ bheart deiseil, bhiodh am breabadair a’ fighe a’ chlò. ʼS e obair mhòr a bh’ ann air fad.

Nuair a bha an clò dèante, cha robh aca ri dhèanamh ach an luadhadh. ʼS e gnothach cudromach a bha seo. Luadhadh a’ chlò. The waulking of the tweed. Bhiodh mòran an sàs ann. Mar bu trice, ʼs iad boireannaich a-mhàin a dhèanadh an luadhadh. B’ iad sin na ‘mnathan-luadhaidh’.

An latha ron luadhadh, bhiodh an clò air a bhogadh ann an cumlaig. ʼS e sin a’ Ghàidhlig air ‘a soap and soda mixture used in tweed making’. A’ chumlaig.

Air latha an luadhaidh, bhiodh an clò air fhàsgadh agus air a chur air a’ chlèith-luadhaidh. ʼS e sin a’ Ghàidhlig air waulking board – cliath-luadhaidh. Bhiodh na boireannaich a’ gabhail òrain fhad ʼs a bha iad ris an luadhadh. Bidh gu leòr de na h-òrain sin air an seinn fhathast.

ʼS e latha sona a bh’ ann. Seo na sgrìobh Ruairidh Caimbeul: ‘B’ e latha luadhaidh latha bu mhotha spòrs agus àbhachdais, b’ e siud latha na gàireachdaich ... am faca no am faic sinn gu bràth nigheanan a bu chridheil’ ʼs a bu laghaiche na mnathan-luadhaidh. Chan fhac’ agus cha b’ urrainn sin a bhith.’

An dèidh an luadhaidh bha an clò air a chur air choinneil – wound around a large wooden stick. Air a chur air choinneil. Agus an uair sin bha e air a ghlanadh ann an loch no abhainn faisg air làimh.

Mus fhàg mi an t-alt seo, tha Ruairidh Caimbeul a’ toirt cunntas dhuinn de dh’ainmean nan corragan anns a’ Ghàidhlig aige fhèin. Bha mi a’ faighneachd de dhaoine aig cruinneachadh air a’ Chomraich am-bliadhna dè na h-ainmean Gàidhlig a bh’ aca fhèin air na corragan. Bha iad eadar-dhealaichte bhon fheadhainn aig Ruairidh Caimbeul. Ach bha ainmean eadar-dhealaichte aig gach duine às a’ Chomraich! Co-dhiù, seo iad aig Ruairidh còir – an òrdag, an sgealbag, an gunna-fada, nic an t-sagairt agus meur bheag an airgid.

Litir 1301 Litir 1301 Litir 1303 Litir 1303

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!