Tha mi cinnteach gu bheil sibh eòlach air an fhacal cathair. Seo na chanas am faclair Brìgh nam Facal: Cathair: Suidheachan, mar as trice le cùl; sèithear.
Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig am facal cathair a-steach don Ghàidhlig bhon Laidinn cathedra. Agus fhuair na Ròmanaich am facal sin roimhe bho na seann Ghreugaich. Tha am faclair Laidinn agam ag innse seo dhomh: Cathedra: armchair, sedan chair, teacher’s chair. Thàinig dà fhacal chumanta a-steach don Bheurla bhon dearbh fhreumh Laidinn – chair agus cathedral.
Tha faclair Dwelly ag innse seo dhuinn: Cathair: chair, seat, bench, throne. Airson dèanamh soilleir gu bheil sinn a’ bruidhinn mu throne, seach cathair air choreigin eile, canaidh sinn rìgh-chathair oir bidh rìgh na shuidhe oirre aig amannan. Rìgh-chathair.
Tha ciall eile air cathair, ge-tà. Ann am Brìgh nam Facal, seo e: Cathair: baile glè mhòr, nas cudromaiche na baile-mòr. No, ann am faclair Dwelly – town, city, fortified city. Thug Alasdair MacBheathain sùil air cathair anns an fhaclair aige ‘An Etymological Dictionary of the Gaelic Language’. Ghabh e ris gun tàinig cathair bho cathedra nuair a tha e a’ ciallachadh ‘chair, seat’. Ach bha e dhen bheachd gu bheil a’ chiall eile a’ ceangal an fhacail ri castrum ann an Laidinn, agus caer ann an Cuimris. Chan eil a h-uile duine – ann an Alba no anns a’ Chuimrigh – a’ dol le sin.
Cha bu chòir a bhith na iongnadh gu bheil ceangal ann eadar cathair agus baile-mòr. Bha cathair a’ seasamh airson cathedra – a’ chathair mhòr thogte anns am biodh easbaig na shuidhe. Agus, ann an cuid de dhùthchannan, ann an làithean tràtha na h-Eaglaise, b’ e ‘baile-mòr’ no city baile anns an robh eaglais aig easbaig. Canaidh sinn cathedral ri eaglais aig easbaig ann am Beurla. Agus dè a’ Ghàidhlig a th’ air cathedral? Tha – cathair-eaglais.
Mar sin, tha cathair leatha fhèin a’ ciallachadh ‘city’ cuideachd. Cathair no cathair-bhaile. Airson ‘the city centre’, canaidh sinn meadhan a’ bhaile, meadhan a’ chathair-bhaile no meadhan na cathrach.
Nise, tha ciall eile air cathair agus chithear sin air mapaichean. Tha Dwelly ga aithris mar ‘knoll, hillock, fairy-knoll’. Saoilidh mi gu bheil e co-cheangailte ri sluagh no gaisgeach – àite daingeann anns am biodh iadsan no esan a’ fuireach.
Tha am facal cadair no cader ann an Cuimris ag obair anns an aon dòigh. Tha e a’ ciallachadh ‘chair’ ach cuideachd ‘stronghold, fort or mountain shaped like a chair’. Tha beinn ainmeil anns a’ Chuimrigh air a bheil Cader Idris. Tha sin a’ ciallachadh Cathair Idris. B’ e Idris an dàrna cuid famhair ann am beul-aithris no prionnsa Cuimreach anns na meadhan-aoisean – Idris ap Gwyddno.
A bheil am facal cathair a’ nochdadh ann an co-cheangal ri cnuic no beanntan ann an ainmean-àite Gàidhlig mar a tha sa Chuimrigh? Uill, tha – agus bheir sinn sùil orra an-ath-sheachdain.