FaclairDictionary EnglishGàidhlig

‘Cathair’ (2)

Bha mi a’ bruidhinn anns an Litir mu dheireadh mun fhacal cathair. Tha e a’ nochdadh an siud ’s an seo ann an ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd.

Audio is playing in pop-over.

‘Cathair’ (2)

Bha mi a’ bruidhinn anns an Litir mu dheireadh mun fhacal cathair. Tha e a’ nochdadh an siud ’s an seo ann an ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd. Uaireannan, tha e a’ seasamh airson ‘chair’ no ‘seat’. Ann an meadhan Earra-Ghàidheal, mar eisimpleir, tha Cathair Dhonncha Dhuibh. Tha e tuath air an Fhùirneis. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gur e ‘rude seat’ a th’ ann. Bha i air a cruthachadh le cìobair air an robh Donncha Dubh mar ainm.

Ann an Gleann Tromaidh ann am Bàideanach, tha clach ri taobh na h-aibhne air an robh Cathair Fhearghais – Fergus’s chair. A rèir choltais, dh’atharraich an t-ainm gu Clach Fhearghais oir tha e a’ nochdadh mar sin air an dàrna mapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais. Chan eil fhios a’m dè chanas muinntir an àite rithe an-diugh.

Tha am facal sìthean cumanta air feadh na Gàidhealtachd. Tha e aithnichte mar àite far am biodh sìthichean a’ fuireach. Ach, air taobh an iar Siorrachd Rois, nochdaidh am facal cathair airson an dearbh rud. Ma bheir sibh sùil air mapa de sgìre Gheàrrloch, chì sibh Portaigil no Port Henderson. Deas air a’ bhaile, tha Carr Dhubh ann. Tha an sàr-eòlaiche, Uilleam MacBhàtair, ag innse dhuinn gur e sin A’ Chathair Dhubh ‘the black fairy knoll’.

Cuideachd ann an Ros an Iar, faisg air An Leathad, tha loch ann air a bheil Loch na Cathrach Duibhe. Tha MacBhàtair a’ dearbhadh gu bheil sin a’ ciallachadh ‘the loch of the black fairy knoll’ – ged nach eil a’ Chathair Dhubh fhèin comharraichte air na mapaichean.

Tha am facal cathair, mar as trice, boireanta, ach bidh e a’ nochdadh an siud ’s an seo mar gu bheil e fireanta. Tha eisimpleir ann an Ros an Ear, faisg air Baile Dhubhthaich, far a bheil Cnoc an Dubh Chathair. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the hill of the black chair’.

Ma tha sibh a’ coimhead airson an fhacail cathair air mapaichean na Gàidhealtachd, nach dèan sibh cinnteach nach eil stràc air a’ chiad ‘a’. Ma tha stràc ann, tha facal eadar-dhealaichte agaibh. ’S e sin càthar, le ‘-ar’ aig an deireadh. Tha e a’ ciallachadh ‘boggy place’. Bidh e a’ nochdadh anns an tuiseal ghinideach le ‘-air’ aig an deireadh – mar eisimpleir anns an ainm-àite Druim a’ Chàthair ann an Gleann Moireasdain. Tha sin a’ ciallachadh ‘the ridge by the boggy ground’.

Ach air ais gu cathair. Seo mar a nochdas e ann an caochladh shuidheachaidhean: cathair-shneadhan ‘anthill’; cathair-ghàirdeanach ‘armchair’; cathair-bhreitheanais ‘tribunal, judgement seat’; cathair-chuibhle ‘wheelchair’ agus cathair-iomchair ‘sedan chair’ – gu litreachail ‘carrying seat’.

Mu dheireadh, ’s e ‘A’ Chathair’ a chanas sinn ri reul-bhad ann an iarmailt an leth-chruinne mu thuath. Ann am Beurla, ’s e Cassiopeia a th’ air. Bha Cassiopeia na banrigh a chaidh a-mach air Poseidon, dia na mara. Chaidh a cur don iarmailt mar pheanas agus bhiodh i a’ dol timcheall a’ phòla mu thuath, a’ greimeachadh gu teann air an rìgh-chathair aice. ’S e cumadh a cathrach a chì na Gàidheil fhathast anns a’ bhad rionnagan air an oidhche.

Litir 1295 Litir 1295 Litir 1297 Litir 1297

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!