FaclairDictionary EnglishGàidhlig

M.E.M. Donaldson (3)

Tha mi air a bhith ag innse dhuibh mu M.E.M. Donaldson agus an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’.

Audio is playing in pop-over.

M.E.M. Donaldson (3)

Tha mi air a bhith ag innse dhuibh mu M.E.M. Donaldson agus an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’. Tha cunntas aice mu mar a fhuair na MacIntyres – Clann ’ic an t-Saoir – an ainm, co-dhiù a rèir beul-aithris. Thachair e aig muir faisg air Rubha Àird nam Murchan.

Tha e a’ dol air ais don linn nuair a bha Somhairle Mòr ann. B’ esan ceannard Gàidhealach-Lochlannach a bha beò anns an dàrna linn deug. ʼS e a chruthaich Tighearnas Earra-Ghàidheal ʼs nan Eilean.

Bha Somhairle ag iarraidh nighean Rìgh Mhanainn a phòsadh. B’ ise Raghnaid. Ach dhiùlt a h-athair, Rìgh Amhlaibh, a chead airson a phòsaidh. Ge-tà, cha do ghabh Somhairle ris an diùltadh. Bha e airson toirt air an Rìgh a chead a thoirt dha. Agus fhuair e taic bho a bhràthair-dalta, Murchadh Mac Nèill.

Bha Somhairle agus Amhlaibh a’ seòladh anns na birlinnean aca far taobh an iar na h-Alba. Bha Murchadh air bòrd birlinn Amhlaibh. Rinn e tuill ann an slige an t-soithich. Lìon e na tuill le ìm, gus nach fhaigheadh an sàl a-steach. Rinn e fàsagan dhen mheud cheart airson na tuill a lìonadh nuair a dh’fhalbhadh an t-ìm.

Ràinig soitheach an Rìgh Àird nam Murchan. Bha i gu math stoirmeil. Bha fairge mhòr ann. Dh’fhalbh an t-ìm às na tuill, agus thòisich an t-uisge air aoidion a-steach. Bha an soitheach a’ dol a dhol fodha.

Bha Somhairle faisg air làimh anns a’ bhirlinn aige fhèin. Dh’iarr Amhlaibh air Somhairle cobhair a dhèanamh air. Dhiùlt Somhairle dad a dhèanamh gus an d’ fhuair e gealladh bho Amhlaibh gum faigheadh e fhèin – Somhairle – cead nighean Amhlaibh a phòsadh. Dh’aontaich Amhlaibh ris an iarrtas.

Nuair a chuala e sin, chuir Murchadh fàsagan anns na tuill anns an t-slige. Chuir sin stad air an uisge faighinn a-steach agus shàbhail e an soitheach. Nise, bha Murchadh na shaor. Air sàillibh sin, bha inneal-tollaidh aige.

ʼS e Clann an t-Saoir a chanadh daoine ris a’ chloinn aige. ʼS e cinneadh ùr a bh’ ann. Tha sinn eòlach orra an-diugh ann am Beurla mar ‘MacIntyres’. Uill, ʼs e sin an sgeul, co-dhiù.

Nise, tha Mem Donaldson ag aideachadh anns an leabhar aice gur dòcha nach e an fhìrinn a th’ ann a sin. Tha sgeul eile mu mar a thòisich na MacIntyres. Bha tùsaire a’ chinnidh latha a bha seo leis fhèin ann am bàta. Nochd toll ann an slige a’ bhàta. Thòisich uisge air aoidion a-steach.

Chuir am fear òrdag don toll airson stad a chur air an uisge faighinn a-steach. Ach cha robh comas aige am bàta a stiùireadh. Mar sin, gheàrr e òrdag dheth. Leis gur e saor a bh’ ann, bha inneal gearraidh air choreigin aige. Bha e a-nise comasach am bàta a stiùireadh don chala. Dè an sgeul as fheàrr leibh fhèin?!

Thog Mem Donaldson taigh ann an Sanna Beag ann an Àird nam Murchan anns na ficheadan. Bha i a’ toirt taic làidir don Eaglais Easbaigich, agus chaidh an taigh a bheannachadh le Easbaig Earra-Ghàidheal ʼs nan Eilean.

Ach chaidh a sgrios le teine anns na ceathradan. Ghluais Donaldson a Dhùn Èideann far an do chaochail i ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a h-ochd (1958). Chaidh a tiodhlacadh anns an Òban.

Litir 1293 Litir 1293 Litir 1295 Litir 1295

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!