FaclairDictionary EnglishGàidhlig

M.E.M. Donaldson (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu M.E.M. Donaldson agus an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’.

Audio is playing in pop-over.

M.E.M. Donaldson (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu M.E.M. Donaldson agus an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’. Anns an leabhar, tha dealbh-camara a thog i de dh’fhear-iùil nam beann a bha ainmeil ri a linn. B’ esan Iain MacCoinnich às an Eilean Sgitheanach. Thug e gu leòr de dhaoine don Chuiltheann à Sligeachan. Agus ’s e a thug ainm do Sgùrr MhicCoinnich, tè de bheanntan a’ Chuilthinn.

Dh’fhalbh Donaldson a-mach air chuairt cuide ri Iain MacCoinnich grunn tursan. Am measg sin, bha latha fada doirbh à Sligeachan gu ruige Camas Fhionnairigh air cladach Loch Sgàbhaig – agus air ais a Shligeachan. Aon turas chaidh iad seachad air loch air a bheil – air na mapaichean – Loch na Crèitheach. Tha e a’ ciallachadh ‘the loch of the brushwood’. Bhithinn an dùil gur e Loch na Creithich a bhiodh air, agus sgrìobh Donaldson ‘Loch na Creubhaig’. Bu toigh leam faighinn a-mach le cinnt dè chanas muinntir an àite ris. Co-dhiù, dhearbh an t-ùghdar gun robh ‘brushwood’ gu leòr a’ fàs air bruach an ear an locha aig an àm ud.

Sgrìobh Donaldson cuideachd dà rud inntinneach a thog Iain MacCoinnich leatha nuair a bha iad a’ coiseachd an sin. B’ e a’ chiad rud gum fac’ iad dà fhaoileig a bha a’ ruagadh iolair-mhara. A rèir Donaldson, bha na h-iolairean-mara a’ neadachadh air a’ Chloich Ghlais, beinn chas làimh ri Blà-bheinn. Tha na h-ùghdarrasan ag innse dhuinn nach robh iolairean-mara beò ann an Alba tràth san fhicheadamh linn. Bha iad air an toirt a-steach a-rithist à Nirribhidh anns na seachdadan. Saoil an e iolair-bhuidhe a chunnaic i seach iolair-mhara?

Bha còmhradh car inntinneach eadar Donaldson agus Iain MacCoinnich mu dheidhinn nathraichean an latha sin. Dh’inns Iain dhi gun robh feadhainn ann, le cinnt. Nuair a thigeadh nathair faisg air caora, ge-tà, bhiodh a’ chaora a’ saltradh air a ceann agus ga marbhadh! Uill, an cuala sibh fhèin rud dhen t-seòrsa sin? Saoil an robh MacCoinnich a’ tarraing aiste?!

Anns an leabhar aice, ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’, tha Donaldson a’ toirt an leughadair bhon Eilean Sgitheanach gu Loch Aillse. Tha i a’ tadhal air Gleann Eilg. Os cionn a’ Ghlinne Bhig, far a bheil na dùin ainmeil, tha loch beag ann air a bheil Loch Iain Mhic Aonghais.

Bha fios agam gun robh sgeul de dh’each-uisge co-cheangailte ris an loch, agus tha Donaldson ag innse an sgeòil dhuinn, mar a chuala i e aig bean a’ mhinisteir. Chunnaic Iain MacAonghais each brèagha ri taobh an locha. Dh’fhaighnich e de bhodach glic am biodh e ceart gu leòr nan cuireadh e an t-each gu feum. Thuirt am bodach gum bitheadh – nam beannaicheadh e e. Ach dh’fheumadh e seachnadh buileach a bhith a’ dol air muin an eich.

Mar sin, ghabh Iain grèim air an each. Rinn an t-each obair dha gu dòigheil. Ach latha a bha seo, leum Iain air a mhuin. Dh’fhalbh deagh shunnd an eich. Leum e don uisge le Iain fhathast air a mhuin. Chan fhacas sgeul tuilleadh air Iain bochd ach a-mhàin a sgamhan a chaidh a lorg air fleod anns an loch.

Litir 1292 Litir 1292 Litir 1294 Litir 1294

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!