Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu Loch nan Dùbhrachan ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Sgrìobh M.E.M. Donaldson mu dheidhinn anns an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’. Bha Donaldson na h-ùghdar agus bha i ainmeil airson dealbhan a thogail le camara.
Bha, agus tha, daoine eòlach oirre mar M.E.M. Donaldson, ged as e an t-ainm slàn a bh’ oirre – Mary Ethel Muir Donaldson. Chuir i seachad mòran tìde air Gàidhealtachd na h-Alba, ach rugadh i ann an ceann a deas Shasainn. Bha a h-athair na Albannach a bh’ air a bhith a’ fuireach ann an Astràilia. Bha an teaghlach an sàs ann an luingeas agus bha airgead gu leòr aca.
Rugadh M.E.M. – no ‘Mem’ mar a ghabh feadhainn oirre – ann an Surrey ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). Tràth anns an fhicheadamh linn, ghluais i gu tuath cuide ris a’ bhana-chompanach aice, an tè-ealain, Iseabail Bonus. Chòrd a’ Ghàidhealtachd riutha. Thog iad taigh ann an Àird nam Murchan agus thòisich Mem air dealbhan a thogail le camara.
Tha mi an dùil gu bheil sibh eòlach air dà dhealbh ainmeil a thog Mem Donaldson. Ann am fear dhiubh, tha croitear ann an Eilean Eige. Tha e na shuidhe le tairisgeir thairis air a ghlùinean. Tha piseag air a ghlùin dheis agus tha cù na chois air an taobh eile. ’S e an t-ainm a bh’ air an duine Lachlann MacAsgaill.
Tha an dealbh eile eadhon nas ainmeile, saoilidh mi. ’S e an t-ainm a th’ air ‘Girl with Firewood, Morar 1910’. Anns an dealbh tha nighean aois dusan bliadhna le ultach-droma de bhiorain-teine. Tha i air rathad oighreachd ri taobh loch ann am Mòrar. ’S e an t-ainm a bh’ air an nighinn Cairistìona NicMharais. Chaochail i anns na h-ochdadan agus bha còrr is fichead ogha aice.
Anns na dealbhan aice, bha Mem Donaldson ag innse dhuinn mun Ghàidhealtachd mar a bha i aig an àm ud. Agus gu sònraichte mu na Gàidheil a bhuineadh don dùthaich. Chleachd i na dealbhan aice anns na leabhraichean a sgrìobh i.
An-diugh, tha na dealbhan aice air an stòradh ann an dà àite. Tha feadhainn ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Agus tha cruinneachadh mòr – còrr is mìle dealbh – ann an Taigh-tasgaidh Inbhir Nis. Ma tha ùidh agaibh anns na dealbhan aice, tha feadhainn ri am faicinn air làrach-lìn ‘Am Baile’.
Tha gu leòr de na dealbhan (a tha uile dubh-is-geal) a’ sealltainn seallaidhean agus bòidhchead na Gàidhealtachd. Ach tha dealbhan ann de dhaoine agus an taighean – taighean-tughaidh nam measg. Tha seann bhàtaichean is seann chairtean ann, seann chladhan agus Caisteal Eilean Donain mus robh e air a chàradh. Is toigh leam na dealbhan a thog i de na clachairean a bha a’ togail an taigh aice. Tha i a’ sealltainn mar a bha iad a’ sgoltadh nan clach agus gan càrnadh air a chèile airson na ballachan a thogail.
Anns an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’, tha dealbh aig Mem Donaldson de neach-iùil nam beann a bha gu math ainmeil ri a linn. Bidh tuilleadh agam airsan agus air an leabhar sin anns an ath Litir.