Ma tha sibh air a dhol gu cùrsa no tachartas aig Sabhal Mòr Ostaig – ‘Colaiste na Gàidhlig’ anns an Eilean Sgitheanach – tha deagh sheans ann gum bi sibh eòlach air Loch nan Dùbhrachan. Tha an loch ri taobh rathad mòr Shlèite, an A851, aig ceann an rathaid bhig a tha a’ dol gu ruige An t-Òrd agus Tòcabhaig.
Bho àm gu àm, bidh oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail Mhòir a’ snàmh anns an loch. Tha fhios gu bheil e blàth gu leòr as t-samhradh, ged a bhios a’ mheanbh-chuileag ann aig amannan.
Ach dè tha an t-ainm a’ ciallachadh – Loch nan Dùbhrachan? Tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ cumail a-mach gu bheil e a’ ciallachadh – math dh’fhaodte – ‘the loch of dimness or dark shades or loch of gloom’. ’S dòcha gu bheil sin ceart ach ann an Slèite fhèin tha beachd ann gu bheil e a’ ciallachadh ‘the loch of the spirits’. Bidh cuid ga fhuaimneachadh mar Loch nan Dùraichean no Uairichean. Agus tha an t-ainm a’ dol le seann sgeul.
Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a fhuair M.E.M. Donaldson – Mary Ethel Muir Donaldson – an sgeul agus mar a dh’aithris i e anns an leabhar aice ‘Wandering in the Western Highlands and Islands’. Chaidh an leabhar fhoillseachadh o chionn ceud bliadhna ’s a h-aon. Tha i ag ràdh gun robh muinntir an àite dhen bheachd gun robh each-uisge a’ fuireach anns an loch. Tha i ag innse dhuinn gun robh gu leòr fhathast a’ creidsinn anns a leithid de chreutair o chionn ceud bliadhna.
Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn mu chòmhradh a bh’ aice le seann duine. Dh’inns e dhi gun robh e an sàs, leth-cheud bliadhna roimhe, ann an oidhirp each-uisge Loch nan Dùbhrachan a ghlacadh. Ged as e ‘each-uisge’ a chanadh daoine ris, bha e na bu choltaiche ri bò le muing fhada. A bharrachd air sin, bhiodh e a’ dèanamh lorgan-coise a bh’ ann an cumadh botal-fìona.
Nuair a thàinig an latha airson an t-each-uisge a ghlacadh, bha e mar latha-fèille anns an sgìre. Cha deach na sgoilearan don sgoil agus thàinig sluagh mòr gu ruige Loch nan Dùbhrachan o fhad is farsaing. Bha feadhainn ann an cairtean a bh’ air an tarraing le eich. Bha gu leòr dhramaichean air an gabhail cuideachd – barrachd na bhiodh air an gabhail eadhon aig tiodhlacadh!
Bha dà bhàta bheag aca. Bha iad air an cur air bhog anns an loch agus bha lìon air a shìneadh eatarra. Dhragh iad an lìon bho cheann gu ceann dhen loch. Chaidh a ghlacadh le rudeigin air a’ ghrunnd – seann chraobh no clach no rudeigin dhen t-seòrsa. Leis nach robh e ann an comas nan daoine an lìon a tharraing tuilleadh, bha cuid de na daoine a’ smaoineachadh gun robh an t-each-uisge an sàs ann! Theich iad, agus an t-eagal orra!
Ge-tà, chan e an t-each-uisge a bh’ ann. Nuair a bha an obair seachad, cha robh dad anns an lìon ach dà gheadas. Mar sin, an robh an t-ùghdar – M.E.M. Donaldson – dhen bheachd gun robh iad air a bhith a’ ruith na gaoithe agus nach robh creutair dhen t-seòrsa sin ann an Loch nan Dùbhrachan? Cha robh! Bha i dhen bheachd gun do dh’fhàilnich orra an t-each-uisge a ghlacadh ach gun robh e fhathast beò anns an loch!