FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ainmean-àite Ghlaschu

Dè tha an t-ainm-àite Glaschu – Glasgow – a’ ciallachadh? Bidh sinn a’ cluinntinn aig feadhainn gu bheil e a’ ciallachadh ‘dear green place’.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean-àite Ghlaschu

Dè tha an t-ainm-àite Glaschu – Glasgow – a’ ciallachadh? Bidh sinn a’ cluinntinn aig feadhainn gu bheil e a’ ciallachadh ‘dear green place’. Ach tha an fhianais ag innse dhuinn nach eil sin ceart. Tha e nas coltaiche gu bheil e a’ tighinn bho dhà eileamaid anns an t-seann chànan aig Breatannaich a’ Chinn a Tuath – glas agus cau. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘green hollow’. Ach càit a bheil an lag glas no lag uaine? Tha, faisg air Cathair-eaglais Ghlaschu far a bheil allt a’ sruthadh tro lag nàdarrach.

Fhuair mi am fios seo bho leabhar luachmhor a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. ʼS e an t-ainm a th’ air Glasgow’s Gaelic Place-Names. Tha e air a sgrìobhadh le Alasdair MacIlleBhàin. Tha dealbh anns an leabhar a tha a’ sealltainn an luig a thug ainm don bhaile.

Cha do mhair seann chànan nam Breatannach. Thàinig a’ Ghàidhlig agus Albais na àite. Agus tha iad fhathast air am bruidhinn an-diugh. Tha eachdraidh fhada aig a’ Ghàidhlig anns a’ bhaile as motha ann an Alba.

Nochd ainmean-àite Gàidhlig anns na seann chlàraidhean is làmh-sgrìobhainnean cho fada air ais ris an dàrna linn deug. Mar eisimpleir – Carmunnock. Tha sin a’ tighinn bhon t-Seann Bhreatannais no bhon Ghàidhlig. Mas ann bhon Ghàidhlig a tha e, math dh’fhaodte gur e Càrr Manach no Corr Manach a bh’ ann bho thùs – ‘rocky shelf of monks’. Tha Polmadie cuideachd a’ nochdadh anns an dàrna linn deug – mar Polmacde. Tha Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn gu bheil a’ Ghàidhlig Poll Mac Dè a’ ciallachadh ‘stream of the sons of God’.

Tha na riochdan tùsail fìor fhèin cudromach. Ma choimheadas sinn air an ainm-àite Ruchazie, chan eil e follaiseach dè tha e a’ ciallachadh no eadhon gur ann às a’ Ghàidhlig a tha e. Ach tha e a’ nochdadh anns an t-siathamh linn deug mar Auchinhasie. Agus tha an t-ùghdar dhen bheachd gu bheil sin a’ riochdachadh na Gàidhlig Achadh an Fhasaidh ‘field or farm of the stopping place’.

Tha Barlinnie car coltach ri sin. Mura b’ e gun robh seann riochdan ann, bhiomaid a’ smaoineachadh gu bheil e a’ tighinn bho bàrr agus linne. Ach nochd e anns an t-siathamh linn deug mar Blairlenny. Chaidh a chruthachadh an toiseach mar Blàr Lèanach ‘marshy plain’.

Ged as e baile mòr mòr a th’ ann an Glaschu an-diugh, buinidh gu leòr de ainmean-àite do linn nuair a bha daoine an sàs ann an obair-fearainn. Is toigh leam an t-ainm-àite Gartnavel. Tha sin a’ tighinn bhon t-seann Ghàidhlig Gart an Abhaill ‘enclosure of the apple tree or orchard’.

Tha Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn gu bheil Cathkin a’ tighinn bhon Ghàidhlig Coitcheann, a’ ciallachadh ‘common grazing’. Agus bha an t-ainm ainmeil Auchenshuggle clàraichte mus robh tramaichean a’ dol ann! Tha e a’ tighinn bho Achadh an t-Seagail ‘field or farm of the rye’.

Chan eil freagairt aig an ùghdar airson a h-uile ceist agam mu ainmean-àite Ghlaschu. Mar eisimpleir, chan eil e cinnteach mu Bellahouston. Ach tha e air obair mhòr mhòr a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig – agus cànanan eile – ann an Glaschu a shoilleireachadh agus a mhìneachadh.

Litir 1289 Litir 1289 Litir 1291 Litir 1291

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!